Skip to main content

‹‹‹ prev (103) Page 95Page 95

(105) next ››› Page 97Page 97

(104) Page 96 -
96
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 325—755.
eigin eile feuchainn doighean ni b’amaidiclie feadh’s a bheir-
eadh an sluagh aire dhoibh. Lean a ris feadhainn iad bha cur
am fiach nithe bha’m pobull aineolacb a1 meas crabbach, agus
bha cuid do’n chleir a b’ainmeile ’g an ainmeachadh ’nan
sgriobhaibh agus ’g an cliuthachadh. Thoisich a nis deasb-
oireachd agus connsachadh’s an Eaglais. Bha teagasgan ’g
an deanamh dorch. B’e Plato an duine fbghluimte bn mhiann
leo leantuinn. Ach mar bha mbran cur cul ri Origen, a labhair
as a leth, thbisich iad ri Aristotle a leantninn, agus a theag-
asgan a cho-mheasgadh leis na Sgrioptuirean. Mur bu lugha
thuigeadh iad do na teagasgan domhain, dall sin, ’s ann bu
deigheile bha iad fas orra;—far an robh briathran cruaidh
agus neo-shoilleir ’g an sparradh air daoine air bheag eolais.
Thoisich iad air mbr mheas no urram diadhaidh thoirt do’n
oigh Muire’s an linn mu dheireadh mu’n do labhair sinn,—
agus an toiseach an linn so chuireadh an ceill gu do thaisbein
si i fein do iomadh, ’s gu d’oibrich i miorbhuilean as an leth-
san bha creidsinn co-bhith ’na pearsa diadhaidh. Bha h-iomh-
aia'h leis a Naoidhean losa ’na lamhan air a chur’s an aite bT
airde’s an Eaglais’s air an robh iad a’ gairm ann an aoradh,-
’s a’ creidsinn gu’n eisdeadh an Oigh Muire co-math ri
Naoimh eile ri’n athchuinge.
Bha na daoine bu tuigsiche’s a’ chleir an aghaidh dhealbh-
an chur suas, am feadh bha feadhainn eile dhiubh ’g an
cliuthachadh mar oirdhearcas nan eaglaisean, agus cuid air-
son aire an luchd-eisdeachd a tharuing g’an ionnsuidh. Am
feadh bha daoine aineolach sealltuinn riu le urram, no tabh-
airt aoraidh dhoibh, mar dhee, no aingle. Bha iad sealltuinn
air an aran chaidh choisrige air son na sacramaid mar
chungaidh’s an robh leigheas ;—bha iad ’g athabhairt dhoibh-
san a bha tinn, agus bha na sagairtean cur mu seach cuid
dheth, an am a bheannachaidh, air-son a’ phobuill, a bha car-
amh pairt doth leis a’ mharbh anus an uaigh.
Bha peacaich gus a so ’g aideachadh an ciontan’s a’ cho-
thional—ach rinn Leo Mbr atharrachadh’s na h-eaglaisean
bha fuidh riaghladh. Bha iad nis deanamh eisdeachd, no
aosaid ris an t-sagairt. Bha’n Eaglais ’na didinn air gach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence