Skip to main content

‹‹‹ prev (99) Page 91Page 91

(101) next ››› Page 93Page 93

(100) Page 92 -
92
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B-T- S23—755.
leth stigh. A h-aon mu gach doigh stiuraidh, deasboireachd,
agus coimh-stri, an aon eile nan atharrachadh bharailean, mu
chreideamb, agus doigh aoraidh. Bha’n t-easbuig a bha’s an
Boimh thar chach uile. Bha inbhe agus a shaoibhreas ’g a
thogail suas, am fianuis dhaoine mora, ni bu mho na bha chail-
ean, a bhuaidhean, a ghrasan, nosubhailcean,—a tha nochdadh
beatha nam fireanna, ’s nan Criosduidhean. Bha luchairt
mhbr aig easbuig na Roimhe, ’s bha, mar nach b’ioghnadh,
stri mbr mu’n aite lionadh ’n tra thuit dha bhi falamh. Bha
ainneart agus eucbir ’g an gnathachadh. ’S a’ bhliadhna 366
’nuair chaochail Siberius’s a bha aon ri chur ’na aite dh’fheuch-
adh gach cuilbheart agus foirneart. Boghnaich cuid Demasus,
agus cuid eile Ursicimus. Bha sin na mhathair-aobhair air
moran trioblaid. Thbisich cogadh casgarach, sgreamhail, ’s
a’ bhaile mhor. Thug cairdean Dhemasus buaidh; ach, co
b’urrainn a radii, co aige bha’n ceartas ? Oha robh a h-aon
diubh comharaichte le grasan agus subhailcean Oriosduidh,
nithe bu choir bhi folaiseach ’n am beathasan bha frithealadh
’s an Eaglais fhaicsinnich.
’Nuair dh’atharraich Constantine a’ chomhairle o’n Roimh
gu Constantinople, am baile ur a thog e’s an airde ’n ear,
bha’n t-easbuig’s a’ bhaile sin an inbhe co ard ri easbuig na
Roimhe fein. Bha gach coir agus sochair a bha ’n toiseach
’s an t-Seana Bhaile a nis’s a’ Bhaile ur, agus gach dreuchd
agus urram, mar an ceudna, aig an easbuig a bh’ann; agus
thug Theodosius, ’s a’ bhliadhna 381 ughdarras da bhi ’s a’
cheud inbhe, ’nuair nach bitheadh easbuig Alecsandria lathair.
Bha sochairean an easbuig air am meudachadh na dheigh sin.
Bha Thrace, Asia, agus Pontus fuidh fhrithealadh, ach bha
easbuig na Roimhe ’g iarruidh ard-uachdranachd. Bha nithe
eile, co math ris na dh’ainmich sinn, co-chordadh le sin. B’e
bharail-san agus iadsan uile bha geilleachduinn da, gu b’e ’n
t-abstol Peadar, thaobh nan cumhachdan, ’s nan dreuchdan,
thug Criosd dha, a’ charraig air an deachaidh Eaglais a thog¬
ail—bunait agus steidh nan uile. Sin a’ cheud mhearachd
mor’s an do thuit Eaglais na Roimhe. Ach thugadh uile
Chriosduidhean fainear gur e Criosd fein am bunait, mar bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence