Skip to main content

‹‹‹ prev (97) Page 89Page 89

(99) next ››› Page 91Page 91

(98) Page 90 -
90
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 325-755.
an robh cothrom, a’ tabbairt do'n eaglais, fuidh riaghailt, mar
gu buineadh iad da fein. Dh’eirich e, mar sin, gu meas agus
urram mor. B’e ionmhas na h-Eaglaise, bha fuidh churam
an easbuig, aon uair am fearann, uair eile an airgiod, an
cupain, an earras ;’s mar bha iad sin air an toirt do’n Eaglais
lean iad rithe. Bha’n luchd-frithealaidh gabhail na bha iad
faotainn gun bheag idir thoirt uatha.
Bha chleir a’ cruinneachadh ’s na bailtean mora. Bha’n
aon bha chomhnuidh ’s a’ bhaile daonan a lathair, ’s air a
roghnachadh gu frithealadh os an ceann. Mar bu ghn&,
bha e-san bha tharpa ’g a mheas mar a choir. ’S ann
mar sin a thogadh an t-easbuig bha co-ionan ri each, gu tois-
each suidhe agus ughdarrais thar an duthaich. ’s an robh e.
Bha’n cumhachd a fhuair e air a dhaingneachadh, agus bha e
’g iarruidh’s a’ faotainn tuilleadh. Bha sin co-sheasamh le
rim riaghlaidh Chonstantine, ’s bha, mar sin, laghan na
h-Eaglaise cosmhuil ri laghan na rioghachd. Ged nach robh
an dreuchd cosmhuil, bha’n dealbh riaghlaidh air an aon
doigh. Bha’n t-easbuig bha’s a’ bhaile mhor ’na uachdaran
spioradail, seadh ’na phapa. Sin thoisich aimhreite agus
comh-stri’s an Eaglais, ’nuair bha papa ri roghnachadh. Bha
mbran stri uime, agus barailean fuidh leth aig daoine nach
robh a’ cordadh mu nithe cudthromach, bha reubadh na
h-Eaglais as a cheile. Bha bhuidheann bu laige dol gu ard-
chomhairle na rioghachd air-son didinn ; ’s bha sin toirt
comais do uachdarain agus iompairean laghan ura a dhean-
ainh reir an toile fein. Thoisich atharrachadh riaghailtean
’s na h-eaglaisean saoibhir. Bha doighean ur ’g an gnathach-
adh gus mu dheire bu ghann bha ni’s am bith cosmhuil ri
riaghailtean na ceud Eaglais.
Thoisich deasboireachd mu bharailean eug-samhuil, mu
dhoighibh aoraidh agus dreuchd sagairt. Bha na sgrioptuir-
ean ’g an leughadh do’n cho-thional; no gu sonruichte chuid
bu mho do’n Tiomnadh Nuadh, mu cheud gu leth bliadhnaan
deigh an creideamh spioradail fhoiliseachadh. Cha ’n ’eil
cunntas air a’ cheart am’s an deachaidh na sgriobhan naomh’
a chur ri cheile; ach tha e dearbhta gu deachaidh an cruinn-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence