Skip to main content

‹‹‹ prev (90) Page 82Page 82

(92) next ››› Page 84Page 84

(91) Page 83 -
Caib. I.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
S3
teine agus fail dol ’nan lorg;—loisg iad nitlie ro luachmhor,
mar blia leabhraicliean Alecsandria, a bha gun aireamh, ’s a
bha ro phriosail.
Ach bha naimhdean bu mhiosa aig a’ chreideamh fhior-
spioradail; seadh, mi-bheusan agus dubhailcean a’ chleir. An
robh do-bheirt, no ceannairc nack fhaoidte ehur as ah leth.
’S an treas comhairle choitcheann aig Constantinople thugadh
tuilleadh aire do bharailean saobh-chreideach, no do ghiulan
geamnuidh cliuiteach ; aehan comhairle Phrague, ann an 675,
fhuaras coire do ghnathachadh na cleir a b’ airde air-son bhi
sgiursadh na cleir bha fuidh mar thraillean, ’s a bha toirt air
luchd-frithealaidh ’s an Eaglais an giulan air an guaillean.
Bha’n ard chleir gabhail ughdarrais thar uachdarain aig
comhairle Tholedo, ’s a’ bhliadhna 681 ghabh iad do dhanadas
na mionnan dligheach bh’air iochdarain Uamba fhuasgladh.
Chuir an t-uachdaran an ceill gu b’ann foidh bhreith-aithreach-
ain bha eide manaich air ; ach thuirt iadsan nach robh neach
air an robh an eide sin ri bhi na righ, agus ghairm iad Erige
’na righ dligheach.
Bha inbhe a’ phapa nis co ard agus a shaibhreas co mor’s
gu robh coimh-stri mu aite an aoin a chaochail agus moran
aimhreit a’ tachairt mu’n rachadh ionad a lionadh. Gach
comunn ag ainmeachadh an caraidfein gus am biodh dithis no
triuir air an gairm nam papa’s an Roimh anns an aon am.
VIII. Linn. Cha bu lughadh trioblaidean na h-Eaglaise
iompaire na Roimh bhi ’na uachdaran oirre. Bha’n curam
’s an dragh bha Constantine, a shuidh ’na ard-shagairt e fein,
gabhail uimpe, agus iadsan a thainig ’na dheigh, a bha mar
bu bhitheanta deonach air a mhath ’na dhragh’s na aimhreit;
ach’s an bha Justinian II. gun umhail d’a teagasgan. Bha
chaithe-beatha ro choireach. Bha’n t-iompaire a lean e tabh-
airt barrachd aire do ghnothuiche na h-Eaglaise. Ghairm e
comhairle, no Seana, agus ghabh e pairt leosan bha cur an
ceill aon toil,mu aon nadur Chriosd;—dhit e anns a’ chomhairle
a bhreth chaidh thabhairt mu’n bharail so, agus dh’aithn’ e
gu biodh na dealbhan air an spionadh nuas, bha mar chuimhne
air an t-seathamh comhairle. Chaidh an srachdadh a Easrlais an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence