Skip to main content

‹‹‹ prev (85) Page 77Page 77

(87) next ››› Page 79Page 79

(86) Page 78 -
7S
EACHDRAIDH NA H-EAGLA1SE. [B.T. 325—755.
nithe luachmhor soluimnte air an giulan air falbh do Phersia.
Ohaidh 90,000 Criosduidh a marbhadh, no ghiulan air falbh
nan traillean, agus cuid a reic ris na h-ludhaich, a hhuin riu
moran ni bu mhiosana na paganaich. Thug Heraclius buaidh,
agus dhiol e gach do-bheirt rinn iad g’an cur gu’n dulan,—ged
thug e’n saorsa do leth cheud mile Persianach.
15ha’n sluagh truagh so (na h-Iudhaich) fulang anns gach
aite. Cuid dhiubh air am baisteadh dh’aindeoin agus maoin, no
earras, na’n daoine nach aontaicheadh ’g a thoirt uatha. Ach
bha cleir na Spainte an aghaidh a leithid sin a cho-eigneach-
adh. Bha iad toirt fainear nach robh e reir soisgeul nan gras
a bha iad ’g aidmheil. Ach bha iad cumail na bha air am
baisteadh ri aidmheil. B’e sin breth na comhairle’s an duth-
aich sin.
Bha Isidore, easbuig Sabhille, ’g an iompachadh gu gnath-
achadh cneasda, agus bha e co dana mhisneachail’s gu do dhit
e doighibh eucorach nan uachdaran allmharrach. Ach bha
comhairle Tholedo, ’sabhliadhna 633, gabhaidh. Chuireadh
reachd cruaidh amach toirt comais an claim thoirt o na h-
ludhaich air-son an oilean’s an togail suas ’s a’ chreideamh
Chriosduidh. Chuireadh as an leth gu robh iad ri ar a mach
an aghaidh riaghlaidh na duthcha. Bha iad, uime sin, toirt
uatha gach ni bh’aca, ’s ’g an reiceadh fein ris na Criosd-
uidhean.
Bha’n creideamh Criosduidh dol am meud. Bha luchd-frith-
ealaidh agus mineachaidh an fhocail ’g an cur o thighibh
manach am Breatunn, Albuinn, agus Eirinn, air feadh na
Grearmailt, agus mbran ionadan ’s an robh daoine fiadhaich,
agus Ceannardan uaibhreach, air an iompachadh, ’s air am
baisteadh.
Dh’eirich aon an toiseach an linn so (612) do’n Eaglais
a bha mor agus ainmeil thaobh teagasgan eile, agus da’
bhuaidh a dh’fhas leis. Bha e do threubh mhbr do na h-
Arabaich agus thainig e as an teaghlach a b’uaisle dhiubh sin.
B’e so Mahomet, no Mahomed, mealtair mor nah-airde ’n ear.
Chaochail athair ’nuair bha ro og agus thuit e am bochduinn.
Cha robh aig ach cuig camhail agus cailleag shearbhanta.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence