Skip to main content

‹‹‹ prev (59) Page 51Page 51

(61) next ››› Page 53Page 53

(60) Page 52 -
52
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 1—325.
nach b’ ann o’n Bhith is airde bba’m foillseachadh. Bba iad
air an gairmeadh glic no fiosrach {Gnostics) mar gu b’ iad
fein bha comasach an t-eolas sin a chailleadh mu’n Bhith
ghloirmhor a thabhairt air ais a ris. Choimheasg iad leis a
chreideamh Chriosduidh iomadh beachd inntinn bha ard, ach
dorch agus do-thuigsinn—a fhuair iad o fheallsanachd na
h-airde ’n ear, Bha fiughair nan daoine glice’s an airde sin
ri teachdairean neamhaidh aig am bitheadh cumhachd a bheir-
eadh saorsa dhoibh o chuing na truailleachd a bha ’na
mhathair-aobhair do gach ole. Thug miorbhuilean Chriosd
agus Abstoil orra gabhail ris mar an teachdaire neamhaidh
sin ris an robh an duil, agus mhinich iad reachdan a’ chreid-
eimh spioradail reir nam barailean mearachdach bh’aca fein.
Bha iad cur sios sgeula faoin mu ghniomharan agus reachdan
Chriosd, agus mu chruthachadh an t-saoghail tre bhithibh a
b’isle ; agus bha iad ’g an teagasg sin d’an luchd-leanmhuinn.
Bha na barailean bh’aca co mor an aghaidh iomadh aite’s an
t-Seann Tiomnadh agus an Tiomnadh Nuadh ’s gu robh iad
cur cul ri moran do na leabhraichean, ged bha iad gabhail ri
cuid eile dhiubh. Mar bha iad creidsinn gu bheil gach ni
Corporra ole, bha iad ’g aicheadh gu do ghabh Criosd fuil
agus feoil duine air fein, agus gu d’fhuiling e air son a’
chinne-daoine. Bha iad a’ creidsinn gu b’e Mac Dhe is
ro airde ; ach bha iad ’g a mheas an inbhe a b’isle, agus
gu tainig e chum an t-saoghail a thearnadh an anam
shubhailceich o ainneart dhroch-spiorada,-—a sgrios an riogh-
achd, ’s a leigeadh ris do dhaoine mar bha iad ri ’n inntinnean
thogail o thruailleachd na colla gus an Dia beannuichte is ro
airde. Am b’ioghnadh, mar bha, ged bhiodh moran mhear-
achdan ’n an teagasg. Bha’n saobh-chreideamh, mar dh’-
fhaodair a smaointeacheadh, ’na mhathair-aobhair air iomadh
eile a thruaill an teagasg fior a bha’s an Eaglais, a thogadh
leis na h-abstoil.
Bha da steidh shbnraichte air an suidheachadh leo so air-son
saobh-chreideimh,—o aon diubh sin bha gach math tighinn,
reir mar bha iad a’ teagasg; o’n aon eile bha gach ole a
sruthadh. Do’n cheud aon thug na daoine glic fiosrach,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence