Skip to main content

‹‹‹ prev (56) Page 48Page 48

(58) next ››› Page 50Page 50

(57) Page 49 -
Caib. VII.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLA1SE.
49
reir mar rinn iad amis a’ cholluinn, gu gabh e mhuiimtir fein
,a steach do ionada beannaichte, far am bi iad am feasd a’
faicinn a gkloir bha maille ri Athair mu’n do chruthaicheadh
an saoghal.”
Sin suim a’ chreideimh a bha iadsan bha dh’aon inntinn
ag aidmheil. Tha’n creideamh Criosduidh co-sheasamh uile’s
an da phuinc araid so, eadhon creidsinn agus deadh chaithe-
beatha ckleachda; no’m briathraibh eile, tha’n soisgenl cur an
ceill dhuinn cuspair ar creideimh agus riaghailtean beatha.
’S iad sin ugkdarras deirbhte ceud chreideimh na h-Eag-
lais Criosduidh, agus a fianuis’s na linnibh a nuas uaith ri’m
meas reir’s mar tha iad co-sheasamh leo. Mar tha laghan
agus reachdan neamhaidh air am foillseachadh le Dia’s an
t-Seann Tiomnadh agus’s an Tiomnadh Nuadh.
Bha na h-Abstoil agus na deisciobuil ro churamach o
thoiseach gu biodh na sgrioptuirean air an toirt do na Criosd-
uidhean:—gu biodh iad air an leughadh’s air am Mineach-
adh an co-thional nan creidmheach, a dhusgadh’s a dhaing-
neachadh na firinn annta, ’s gu’n deanamh debnach,toileach,
imeachd ann an slighe na fireantachd. Thug iadsan a bha
teagasg’s a’ mineachadh oidheirp air sin a dheanamh’s an
doigh bu shoilleire a thuigeadh uile dhaoine. Cha robh iad
a’ leanailt na doigh bu mho meas, a bha dorch agus domhain,
cur ioghnadh far nach tuigte, ’s a’ cur dragh orra-san bha ’g
eisdeachd, gun bhuannachd, bhrigh, no suim; ’s ann bha’n
soisgeul ri solus dealrach, maiseach, a sgaoileadh—feuchainn
slighe na beatha do gach uile bha gabhail ri tairgse nan gras.
Tha na teagasgan is airde air an cur ri cheile, ’s air an gairm-
eadh, “ le eud nan abstol,” ach bha iadsan, a ransaich gu geur
mu na h-amaibh sin, a’ smaointeachdh gu b’ann’s na linnibh
’na dheigh a chuireadh na nithe so ri cheile, reir ’s mar bha
iad faicinn feum orra. Bha iomadh ni mar sin ’g an atharrach-
adh’s an Eaglais. Air tus bha na h-uile bha creidsinn air
am baisteadh; ach an deigh Eaglaisean bhi suidhichte, agus
aoradh an Do bheo chur suas annta bha iadsan bha gabhail
ris a’ chreideamh an toiseach air an teagasg, agus a rithist
air am baisteadh. Bha sin freagarach agus feumail, agus bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence