Skip to main content

‹‹‹ prev (53) Page 45Page 45

(55) next ››› Page 47Page 47

(54) Page 46 -
46
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 1—325.
eolach. Ged bha iad fad as o’n duthaicli, o’n cinne agus o’n
cairdean, cha robh iad fad as o’n Dia bha ’g an tearnadh;—bha
iad dlu-cheangailte ri’n Slanuighear, agus deonach, seasmhach
’na sheirbhis. Bha’n Spiorad Naomh aca, agus bha iad cumail
suas aoraidh an De is ro airde ’nan teaghlaichibh, ’s ’nan co-
thionalaibh, ’nuair a dh’fheudadh iad dol an ceann a cheile, air
gaoh am, agus aims gach doigh, bha nan comas. Cha b’e sin
uile na bha iad a’ deanamh. Tha spiorad a’ chreideimh Chrios-
duidh mar nach ’oil saobh-chreideamh ’sam bith, Tha car-
anachd agus gradh ann a bheir air na creidmhich oidheirp a
thoirt, agus ionnsuidh fheuchainn, air ciontaich iompachadh;
tha soilleireachd agus fiosrach ann, tha toirt comais dhoibh an
solus a thogail an dorchadas agus eolas a sgaoileadh, far an
robh duibhre aineolais ro dhoilleir. Bha na Criosduidhean
faicinn an t-soluis ni bu dealraiche an coimeas ris an dorchadas
dhomhail bha’s na tiribh bha iad a ruigheachd; agus bha iad a’
teagasg nafirinn do luchd iodhail-aoraidh, bha borb agus alla-
mharach, le eud agus iochd, a chionn iad bhi fo dhubhar agus fo
sgaile bhais spioradail. Agus bha foghnadh mor, trid grasan an
Tighearna, ’g a oibreachadh air daoine fiadhaich, fuileachdach.
Cha ’n ’oil fior chinnt air a cheart am ’s an deachaidh
an creideamh Criosduidh a shearmonachadh an Albainn.
Tha seanachas nan linnibh sin iomada, agus cuid deth gun
dearbhadh. Tha Tertullian ag radh gu robh cearnan iomallach
do dh’Albainn far nach do striochd an luchd aiteachaidh do na
Bomhanaich, ’s gu bu Chriosduidhean iad. Cha ’n ’eil, uime
sin, teagamh nach cual iad an soisgeul feadh bheantaibh garbha
na h-Alba, an deire an dara linn, no’n dara ceud bliadhna.
Chuir dorainn geur-leanmhuinn na Roimh sgapadh an iomadh
teaghlach agus co-thional, gu hriiraid, ’s an treas linn do’n
Eaglais ; agus fhuair cuid dhiubh sin samhchar an eileana
na h-Alba agus an Eirinn.
Bhiodh e diomhain a nis fheorach, no oidheirp thoirt air
fhiosrachadh, cia mar bha iad sin tional no bha iad air an
riaghladh. Ni bheil teagamh nach robh iad ro churamach
air gach deadh riaghailt a chunnaic iad’s na h-Eaglaisean, a
shuidhich na h-abstoil agus na ceud athraichean, a thabhairt

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence