Skip to main content

‹‹‹ prev (49) Page 41Page 41

(51) next ››› Page 43Page 43

(50) Page 42 -
42
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
[Caib. VI.
each, stuama, agus geamnuidh air-son a1 chreideimh. Chaidh
i fein ’s a’ mathair, Marsella, chuir gu has craiteach le pic
leaghta dhortadh orra ruisgte gus an do loisgeadh iad.
Chaidh gach ni bn mhiosa na cheile bhragradh oirre, gus a
h-iompachadh o’n chreideamh Chriosduidh ; ach thearuinn
Basilides, an saighidear a bha ’g a coimhead i, o’n ghraisg.
Air son a churaim d’i, ’s a ghiulain shuairce, gheall i dha gu
deanadh i eadar-ghuidhe air son a shabhaladh. ’Na dheigh
sin ghlacadh an saighidear, Basilides, a chionn e dhiultadh
nam mionnan a bha’n t-arm a’ gabhail, ach a bha na Criosduidh-
ean a’ meas ’na iodhal-aoraidh, agus cheasnuicheadh e mu
iompachadh gus a’ chreideamh Chriosduidh. Fhreagair e gu
fac e Pontamhena ann am bruadar, gu d’ rinn i cinnteach e gu
d’fhuair i a’ h-athchuinge air-son a shabhalaidh, agus nach
b’fhad gus an gairmear e gu sonas a mhealtuinn.
Bha geur-leanmhuinn nam Paganach anmhor’s an Eiphid;
ach bha sealladh bu mhaslaiche agus bu chraitiche an aitean
eile an Africa. Chaidh ceathrar big-fhearan agus da bhoir-
ionnach a ghlacadh, air amharus gu robh iad nan Criosduidhean,
’s an dite gu has. Bha leanabh air cich a h-aon diubh, d’am
b’ainm Ubea Perpetua, bantrach 6g, do theaghlach uasal.
Dh’ aisideadh an te eile, d’am b’ainm Felicitas, ann am
priosan, tri laithean mu’n do chuireadh gu bas i. Thilgeadh
iad, mar bu ghna, gu beathaichean allta:—reub agus mhill
mart-fiadhaich na boirionnaich gu deisneach, ’s am bainne
sruthadh sios o’m broillichean.
Cha leigeadh nine leam faileas gach dorainn chraiteach
agus peanas mi-chneasd, a chuireadh an gniomh air luchd-
aidmheil a’ chreideimh Chriosduidh, chur an ceill. Bha iad a’
fulang do gach aois agus inbhe. Bha lamh laidir anneirt air
a togail suas, agus gach innleachd a b’urra daoine fuileach a
dhealbhadh :—feuch, ma ta, cd a dh’ fhuiligeadh iad ! Nach
robh e coltach gu faigheadh namh a mhiann, ’s gu rachadh
ainm Chriosd agus a chreideamh dhubhadh mach gu buileach a
cuimhne? Cha b’ann idir mar sin a thachair, oir bha na
Criosduidhean a’ fas lionmhor thar aireamh. Lion iad an
Seanadh, no ’n tigh comhairle, agus am feachd, agus bha iad

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence