Skip to main content

‹‹‹ prev (45) Page 37Page 37

(47) next ››› Page 39Page 39

(46) Page 38 -
38
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 1—325-
bha’n creideamh fior-glilan, spioradail, an aghaidh gach iodhal-
aoraidh agus saobh ohreideimh — bha’n luchd-teagaisg air
an aobbar sin tilgeadh bun-os-ceann doigh aoraidh nan cinn-
each, ’s a’ togail air an steidh neo-ghluasadach anns gach aite
anns an robh iad searmonachadh soisgeil nan gras. Air son
sin blia na h-uile nach robh air an iompachadh an corruich
riu, ’s ’g am meas airidh air fulang! Cba tuigeadh iad na nithe
ard asms urramach a bha na Oriosduidhean a’ cur an ceill mu’n
o
Bhith neo-fhaicsinneach; no mu’n aoradh bha iad a’ tabhairt
da, co eu-coltach air gach doigh ris na nithe bha iad fein a’
cleachdadh. B’ iad na nithe bha’n sealladh an sul bn mho
chum drughadh air an cridheachan. Bha’n dee breig air an
nochdadh, no air an cur lathair mar dhaoine, ach an inbhe
b’airde, no b’urramaiche. Bha daoine fiosrach agus foghluimte
lan chinnteach gu robh na bh’air a chur an ceill umpa faoin
agus mealltach ; ach bha iad toirt fainear gu robh creideamh
eigin feumail chum sluagh a riaghladh, agus, uime sin, bha iad
’g an cliuthachadh; Vg a mheas ro-choireachbhi cur an aghaidh
saobh-chreideimh, no aoraidh sam bith bh’ air a chleachda;
bha gach riaghailear a’ toirmeasg’s a’ cronuchadh a leithid.
Thaobh am barail uime bha daoine ionsuichte na Greige, agus
na Roimhe ni bu mho an aghaidh a’ chreideimh Ohriosduidh
na pobull air bith eile. 0 nach tuigeadh daoine mor agus
iomraiteach na cruinne na bha air fhoillseachadh—an gabhadh
iad-san bha sealltuinn suas riu sin ri creideamh bha cronuch¬
adh uile ana-mhianna, no thograidhean na feola? Chaidh
ughdair a’ chreideimh a dhite’s a chur gu bas maslach, agus
bha a luchddeanmhuinn ainniseach, gun chultaic, no ionad
taimh.
Ach bha na Criosduidhean a’ fas lionmhor. Bha daoine
toirt am beusan’s an teagasg fainear. Bha na Ivomhanaich
ro-eudmhor mu’n cumhachd, ’s mu’n riaghladh fein. Be’n
gliocas ar-amach a chur fo chois, ’s gach comunn bha togail an
cinn a chumail sios. Thoisich iad air aire thoirt do gach
tuaileas a bha ’g a labhairt umpa; agus bha mi-run agus
fuath cur iomadh ni mearachdach a leth luchd-aidmheil a’
chreideimh, a bha’n aghaidh gach iodhail-aoraidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence