Skip to main content

‹‹‹ prev (42) Page 34Page 34

(44) next ››› Page 36Page 36

(43) Page 35 -
Caib. V.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
35
Sgnobli Marcus an soisgeul air iarrtas nan creidinheach, ’san
Roimh-Sheulaich e-san cuideachd aidmheil le fhuil.
Rugadh Lucas an Antioch, baile mbr Shiria. 15 ludhach
a fhuair foghlum math agus fiosrach mor e. Bha e maille
ri Paul;—’S e chuir sios gniomhara nan abstoL Bha e ’na
sgriobhaiche foghluimte.
Bha Barnabas, d’am b’ainm loses, gus an do mhugh e a
chreideamh, ’na dhuine beartach. Thug e na bh’aige do’n
Eaglais. Chlach na h-Iudhaich gu has e an Salamis, far an
robh e searmonachadh le foghnadh mbr.
Chlachadh Stephen gu has am feadh bha e cur urnuigh suas
air-son a luchd-casgairt, mar rinn an Slanuighear beannuichte
air-son a naimhdean fuileachdach. Cha robh e ’na dheisciobul
aige, ged chual e’s a chreid e ann le uile chridhe.
Chaidh an ceann a thabhairt do Phaul anns an Roimh, am
feadh a bha an droch dhuine Nero ’na uachdaran air an
iompaireachd fharsuing. Chithear a shaothair agus fhulangas
’na sgriobhadh,—cha ruigear leas an cur sios an so.
Chuireadh an diadhair Eoin air fbgradh dh’eilean Patmos
’s a’ bhliadhna ceithir deug thar ceithir fichead ; — S’ an am bha
Domitian a’ deanamh geur-leanmhuinn air na Criosduidhean.
Phill e ’n tra lasaicheadh an geur-leanmhuinn sin gu Ephesus,
agus chaidh e choimhead nan Eaglaisean’s an duthaich sin.
Bha e aosmhor agus neo-chomasach an sin air searmonachadh,
“ Mo chlann bheag” theireadh e ris a’ phobull, “ gradhaichibh
a cheile.”
Do na h-abstoil, ’s e-san a mhain a fhuair has nadura, oir
chaochail agus dh’ adhlaiceadh e an Ephesus.
Ged is ann le foillseachadh an Spioraid agus miorbhuilean
sbnraichte bha na h-abstoil cur mbran ris an Eaglais, (mu
thimchioll tri mile an aon la, agus cuig mile air am eile,) bha’n
eud’s an saothair, am beatha agus am fulangais ri foghnadh
mbr. Bha iad a’ gluasad’s ag oibreachadh ann an Spiorad
a’ chreideimh Chriosduidh—agus bha cinnich toirt sin fainear,
ged nach robh iad leantuinn an ceuma. ’S bha sin cur iom-
puidh air daoine, bha fosgladh an inntinn, air-son dearbhadh
soilleir air an fhirinn a ghabhail. Gabhadh an leughadair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence