Skip to main content

‹‹‹ prev (19) Page 11Page 11

(21) next ››› Page 13Page 13

(20) Page 12 -
12
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 1—325.
an sin gus an rachadh an geur-leanmhuinn a bh’air Mac Dhe
seachad, agus an coilionadh na labhradh uimo. “ Mach as an
Eiphid ghairm mi mo Mhac.” ’S mar an ceudna faisneachd
leremiah, “ An Rama bha caoidh agus gul agus brcn mor,
Rachel a’ caoidh air son a cloinne.'” B’ise, thafios, ceile lacoib,
bha fada roimhe sin marbh, a tha air a h-ainmeachadh an so,
mar gu b’ann, a’ toirt gu riochdail a lathair caoidh a gineil.
Tha seanachas a’ toirt sgeil dhuinn gu’n do theich Elisabet le
mac fein do’n fhasach ; no, do thir nam beann ; gu shabhaladh
0 fheirg an droch righ, far an robh i ga thogail suas gu cur-
amach. Gu robh e bliadhna gu leth did aois ’nuair theich
a mhathairleis; agus da fhicheadla’na dheigh gu’n do chaochail
1 fein. ’S an ath uair a bha athair a’ frithealadh’s an teampull,
ghlac Herod e, agus chuir e gu bas e chionn nach innseadh e ’n
t-aite an robh a mhac am falach.
Mar sin chaill an teachdaire thainig roimhe ’n Fhear-
Shaoraidh iadsan air an robh a churam ; ach chuir Athair
neamhaidh aingeal a ghabhail curaim deth,’sga thogail suas gus
am biodh e air son aire thoirt da fein. Bha e’s an fhasach gus
an do thoisich e ri labhairt agus iompuidh chur air daoine
aithreachas a dheanadh. Bha e na eide’s na Ion coltach ris an
fhaidh Elijah.*
An deigh bais Heroid fhuair loseph rabhadh o aingeal pill-
eadh le theaghlach do Chanaan. Rinn e sin; ach, thaobh
buirbe agus an-iochd Archelauis, cha d’fhan e’n ludea, chaidh
iad ni b’ fhaide mu thuath, air an stiuradh le Dia, ’s ghabh iad
comhnuidh ann an Nasaret, chum’s gu biodh an fhaisneachd
o shean air a coilionadh, “ gu goirte losa o Nasaret deth !”-f-
Thug losa comhdach soilleir dhoibh an tus oige nach bu duine
a mhain a bh’ann. ’Nuair bha e dabhliadhna dheug a dh ’aois,
chaidh e le loseph agus a mhathair gu h-Ierusalem aig am na
caisge, agus dh’ fhuirich e ’nan deigh,—phill iad air a shon,
agus fhuair iad e’s an teampull, ag eisdeachd ris na daoine
foghluinte, rabbi, ’s a’ cur cheist orra,
’Nuair a thuirt Muire ris, c’arson a chuir e urrad a dhragh
* Luc. iii. 10. -f Mat, ii.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence