Skip to main content

‹‹‹ prev (904) Page 208Page 208

(906) next ››› Page 210Page 210

(905) Page 209 -
CAIB. V. 201)
16 Oidheadh raa dh' fhuiUngeas duine
mar Cliriosduidh, na biodh naire air; ach
thu^adh e gloir do Dhia as a leth so.
17 Oir thdinig an t-am anns an toisich
breitheanas aig tigh Dhe: agns ma thois-
ieheas e againne, ciod is crloch dhoibhsan
a tha eas-urahal do shoisgeul De ?
18 Agus ma ’s ann air eigin a thearnar
am firean, c’ ait an taisbein an dnine mi-
dhiadhaidh agus am peacach e fein?
19 Uime sin, an dream a dh’ fhuilingeas
a reir toile De, earbadh iad an anama ris-
san aim an deanamh maith, mar ri Cruith-
ear dileas.
CAIB. V.
A seanairoan a ta ’nur measg tha mi ag
earail, air bhi dhomh fein a’ m’shean-
air mar an ceudna, agus a’m’ fhianuis air
fulangasaibh Chriosd, agus mar an ceudna
a’in’ f hearcomhpairt do ’nghloir sin, a tha
gu bhi air a foillseachadh :
2 Beathaichibh treud Dh6 a tha ’nur
measg, a’ gabhail curairn dheth, cha ’n ann
a dh’ aindeoin, ach gu deonach ; cha ’n ann
air son buannachd shalaich, ach le h-inn-
tinn eaiamh;
3 Ni mo mar thighearnaibh os ceann
oighreachd Dhe, ach mar dhream a tha
’nan eisempleiribh do ’n treud.
4 Agus an uair a dh’ fhoillsichear an t-
ard-bhuachaill, gheibh sibh crun na gloire
nach searg as.
5 Mar an ceudna, a dhaoine oga, bithibh
umhal do na seanairibh : seadh, bithibh
uile umhal d’ a clieile, agus bithibh air bhur
sgeadachadh le h-irioslachd: oir tha Dia
a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a
toirt grais dhoibh-san a tha iriosal.
6 Uime sin irioslaichibh sibh fein fo
laimh chumhachdaich Dhe, chum as gu *n
ardaich e sibli ann an am iorachuidh :
7 A’ tilgeadh bhur n-uile churaim air-
san ; oir a ta curam aige dhibh.
8 Bithibh stuama, deanaibh faire; do
bhrigh gu bheil bhur namhaid an diabhul,
mar leomhan beuchdach, ag imeachd mu ’n
cuairt, a* sireadh co a dh’ fneudas e shlug-
adh suas.
9 Cuiribh-sa ’na aghaidh, air dhuibh bhi
daingeau sa’ chreidimh, agus fhios a bhi
agaibh gu bheil na fulangais cheudna air
an coimhlionadh ann bhur braithribh, a
tha san t-saoghal.
10 Ach gu deanadh Dia fein nan uile
ghras a ghairm sinne chum a ghloire
shiorruidh tre losa Criosd, an deigh dhuibh
fulang re uine bhig, iomlan sibh ; gu daing-
nicheadh, gu neartaicheadh, gu socraich-
eadh e sibh.
11 Dliasan gu robh gloir agus curahachd,
gu saoghal nan saoghal. Amen.
12 Le Siluanus orathair dileas, (a reir
mo bharail-sa,) sgriobh mi do ’ur n-ionn.
suidli gu h-aithghearr, a’ teagasg, agus a’
deanamh fianuis, gur e so fior.ghras De,
anns am bheil sibh ’nur seasamh.
13 Tha an eaglais ann am Babilon, a
thaghadh maille ribhse, a’ cur failte oirbh,
agus Marcus mo mhac.
14 Cuiribh failte air a cheile le poig
ghraidh. Sith gu robh maille ribh uile a
tha ann an losa Criosd. Amen.
I)AHA LITIR CHOITCHIONN AN ABSTOIL
P H £ A D A I R.
CAIB. I.
OIMON Peadar, seirbhiseach agus abstol
O losa Criosd, dhoibh-san a fhuair an
•Yeidimh luachmhor ceudna ruiune, tre
fhireantachd ar De agus ar Slanuighir
losa Criosd :
2 Gu robh gras agus sith air am meud-
achadh dhuibh, tre colas De, agus losa ar
Tighearna,
3 A reir mar a dheonuich a chumhachd
diadhaidh-san dhuinne na nithe sin uile a
bhuineas do bheatha agus do dhiadhachd,
tre eolas an Ti sin a ghairm sinn chum
gldire, agus deadh-bheus:
4 Tre an d’ thugadh dhuinn geallanna ro
mhor agus luachmhor, chum d’ an trid-san
gu’m biodh sibhse air bhur deanamh ’nur
luchd-comhpairt do nidur na diadhachd,
air dhuibh dol as o ’n truaillidheachd a ta
anus an t-saoghal tre ana-miann.
5 Agus a thuilleadh air so, air deanamh
I an uile dhichill duibhse, cuiribh ri ’ur
creidimh, deadh-bheus; agus ri deadh-
bheus, eolas ;
6 Agus ri h-edlas, stuaim ; agus ri stuaim,
foighidin ; agus ri foighidin, diadhachd;
7 Agus ri diadhachd, gradh brathaireil;
agus ri gradh br&thaireil, seirc.
8 Oir ma bhios na nithe so annaibh, agus
pailte, bheir iad oirbh gun bhi leasg, no mi-
thorrach ann an eolas ar Tighearna losa
Criosd.
9 Ach an ti aig nach ’eil na nithe sin,
tha e dall, agus gearr-sheallach, a’ di-
chuimhneachadh gu ’n do ghlanadh e o a
sheann pheacaibh.
10 Uime sin, a bhrMthre, deanaibh
tuilleadh dichill chum bhur gairm agus
bhur taghadh a dheanamh cinnteach: oir
ma ni sibh na nithe so, cha tuit sibh a
chaoidh :
11 Oir mar sin frithealar gu pailt dhuibh
5 2

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence