Skip to main content

‹‹‹ prev (807) Page 111Page 111

(809) next ››› Page 113Page 113

(808) Page 112 -
112 GNIOMHARA.
thilg Dia a mach roimh ghnuis ar n-aith-
riche, gu lAithibh Dhaibhidh ;
46 Neach a fhuair deadh-gbean am fia-
nuis Dhe, agus a dh’ iarr paiiliun fhaot-
ainn do Dhia lacoib.
47 Ach thog Solamh tigh dha.
48 Gidheadli cba ’n ’eil an Ti a ’sairde a’
gabhail comlinuidh ann an teampluibh
lamh-dheanta; mar a ta am faidh ag
radh,
49 Is e neamh mo righ-chaithir, agus
an talamh stbl mo chos: ciod an .tigh a
thogas sibh dhomh ? a ta an Tighearn ag
radh : no ciod e ionad mo thaimh ?
50 Nach do rinn mo lamh na nithe so
uile ?
51 A dhaoine crnaidh-mhuinealach, ag¬
us neo-thimchioll-ghearrta ann an cridhe
agus ann an cluasaibh, tha sibh a’ ghnath
a’ cur an aghaidh an Spioraid naoimh :
mar a rinn bnur n-aithriche, mar sin a ta
sibhse o' deanamh.
52 Cd do na faidhibh air nach d’ rinn
bhur n-aithriche geur-leanmhuinn ? agus
mharbh siad iadsan a roimh-fhoillsich
teachd an Fhirein ud; air an robh sibhse
a nis ’nur luchd-brathaidh, agus ’nur
mortairibh :
53 Sibhse a fhuair an lagh le frithealadh
nan aingeal, agus nach do choimhid e.
54 ’Nuair a chual iad na nithe sin, bha
iad air an gonadh ’nan cridhe, agus chas
iad am fiaclan ris.
* 55 Ach air dhasan bhi lan do ’n Spiorad
naomh, dh’ amhairc e gu geur suas gu
neamh, agus chunnaic e gloir Dhe, agus
losa ’na sheasamh air deas laimh Dhd;
56 Agus thubhairt e, Feuch, tha mi
faicinn nan neamh fosgailte, agus Mac an
duine ’na sheasamh air deas laimh Dhe.
57 An sin ghlaodh iadsan le guth mor,
agus dhruid iad an cluasan, agus leum iad
air a dh’ aon inntinn,
58 Agus air dhoibh a thilgeadh a mach
as a’ bhaile, chlach iad e: agus thilg na
fianuisean an eudach sios aig cosaibh 6g-
anaich, d’ am b’ ainm Saul.
59 Agus chlach iad Stephan, agus e a’
gairm air Criosd, agus ag radh, A Thigh-
eam losa, glac mo spiorad.
60 Agus air dha a leigeadh fein air a
ghluinibh, ghlaodh e le guth mor, A Thigh-
earn, na cuir am peacadh so as an leth.
Agus air dha so a radh, choidil e.
CAIB. VIII.
AGUS bha Saul ag aontachadh le abh&s-
san. Agus dh’ eirich arms an am sin
geur-leanmhumn mhor an aghaidh na
h-eaglais a bha ann au lerusalem; agus
bha lad uile air an sgapadh air feadh tire
ludea agus Shamaria, ach na h-abstoil a
mhain.
2 Agus ghihlain daoine diadhaidh Ste¬
phan chum ’adhlaic, agus rinn iad caoidh
mhdr air a shon.
3 Ach bha Saul a’ f&sachadh na h-eag-
lais, a’ dol a steach do gach tigh ; agus ag
tarruing a mach fhear agus bhan, chuir e
am priosan iad.
4 Uime sin dh’ imich an dream a sgap¬
adh, feadh gach aite, a’ searmonachadh an
fhocail.
5 An sin chaidh Philip sios do bhaile
Shamaria, agus shearmonaich e Criosd
doibh.
6 Agus thug an sluagh a dh' aon toil aire
do na nithibn a labhradh le Philip, ag
eisdeachd ris, agus a’ faicinn nam mior-
bhuile a rinn e.
7 Oir chaidh spiorada nedghlan a mach
k moran anns an robh iad, a’ glaodhaieh
le guth mor: agus chaidh moran air an
robh am pairilis, agus a bha ’nam bacaich,
a shlanuchadh.
8 Agus bha gairdeachas mor sa’ bhaile
sin.
9 Ach bha roimhe sin duine araidh sa’
bhaile sin d’ am b’ ainm Simon, a ghnath-
aich druidheachd, agus a mheall inuinntir
Shamaria, ag radh gu ’m bu neach mor
eigin e fein.
10 Dhasan thug iad uile aire o ’n bheag
gus a’ mhor, ag ridh, Is e an duine so
cumhachd mor Dhe.
11 Agus thug iad an aire dha, a chionn
u n do mheall e iad re Cline fhada le a
hruidheachd.
12 Ach ah uair a chreid iad Philip, a’
searmonachadh nan nithe a bhuineas do
rioghachd Dhe, agus do ainm losa Criosd,
bhaisteadh iad eadar fheara agus mhnai.
13 An sin chreid Simon fein mar an
ceudna: agus an uair a bhaisteadh e, dh’-
fhan e raaille ri Philip, agus a’ faicinn
nan comhara agus nam feartan a rinneadh,
ghabh e iongantas ro mhor.
14 Agus an uair a chuala na h-abstoil a
bha ann an lerusalem, gu ’n do ghabh Sa¬
maria focal Dhe, chuir lad d' an lonnsuidh
Peadar agus Eoin :
15 Agus an uair a chaidh iad sios,
ghuidh iad air an son gu’m faigheadh iad
an Spiorad naomh.
16 (Oir cha d' thainig e fathast a nuas
air aon aca: ach a mhain bhaisteadh iad
ann an airan an Tighearna losa.)
17 An sin chuir iad an lamhan orra, ag¬
us fhuair iad an Spiorad naomh.
18 Agus an uair a chunnaic Simon gu ’n
robh an Spiorad naomh air a thoirt tre
lamhan nan abstol a chur orra, thairg e
airgiod dhoibh,
19 Ag r&dh, thugaibh dhomh-sa mar
an ceudna an cum bach d so, ge b’ e neach
air an cuir mi mo lamha, gu’m faigh e an
Spiorad naomh.
20 Ach thubhairt Peadar ris, Gu rach-
adh t’ airgiod am mugha maille riut fein,
a chionn gu ’n do mheas thu gu ’m feud-
tadh tiodhlac Dhe a cheaunacn le h-air-
giod.
21 Cha’n’eil agad cuid no crannchursa
chuis so: oir cha ’n ’eil do chridhe direach
am fianuis Dhe.
22 Gabh aithreachas uime sin do t’ ole
so, agus guidh air Dia, ma dh’ fheudar gu
maithear dhuit smuaine do chridhe.
23 Oir a ta mi gad fhaicinn ann an
domblas na seirbhe, agus fo chuibhreach
na h-eucorach.
24 An sin fhreagair Simon, agus thubh¬
airt e, Guidhibh-s'a an Tighearn air mo
shon, nach tig aon do na nithibh sin a
thubhairt sibh orm.
25 An sin air dhoibh-san tianuis a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence