Skip to main content

‹‹‹ prev (787) Page 91Page 91

(789) next ››› Page 93Page 93

(788) Page 92 -
92
EOIN.
Tha e cosmhuil ris: thubhairt e fcin, Is
raise e.
10 Air an aobhar sin thubhairt iad ris,
Cionnus a dh* thosgladh do shuilean ?
11 Fhreagair esan agus thubhairt e,
Rinn duine d’ an ainm losa criadh, agus
sgaoil e air mo shuilibh i, agus thubhairt
e rium, Imich gu lochan Shiloaim, agus
ionnlaid: agus dh’ iraich mi agus dh’ ioun-
laid mi, agus fhuair ini mo radharc.
12 An sin thubhairt iad ris, C’ ait am
bheil e ? Thubhairt esan, Cha ’n aithne
dhomh.
13 Thug iad chum nam Phairiseach esan
a bha roirahe dall.
14 Agus b* i an t-sabaid a bha arm an uair
a rinn tosa a’ chriadh, agus a dh’ fhosgail e
’shuilean.
15 An sin a ris dh’ fheoraich na Phair-
isich dheth mar an ceudna cionnus a
fhuair e a radharc. Agus thubhairt esan
riu, Chuir e criadh air rao shhilibh, agus
dh’ ionnlaid mi, agus tha mi a’ faicinn.
16 Uime sin thubhairt cuid do na Phair-
isich, Cha ’n ’eil an duine so o Dhia, do
bhrigh nach ’eil e gleidheadh na sibaid.
Thubhairt cuid eile, Cionnus a dh’ fheud-
as duine a ta 'na pheacach, an leithide so
do rahiorbhuilibh a dheanamh ? Agus bha
eas-aonachd ’nam measg.
17 Thubhairt iad a ris ris an duine dhall,
Ciod a ta thusa ag radh uime, a thaobh
gu ’n d’ fhosgail e do shuilean? Agus
thubhairt esan, is faidh e.
18 Ach cha do chreid na h-Iudhaich m’ a
thimchioll, gu ’n robh e dall, agus gu ’n
d’ fhuair e a radharc, gus an do gtiairm iad
parantan an ti a fhuair a radharc.
19 Agus dh’ fhiosraich iad dhiubh, ag
radh, An e so bhur mac-sa, a ta sibh ag
radh a rugadh dall? cionnus ma seadh a
ta e nis a' faicinn ?
20 Fhreagair a pharantan iad agus thu¬
bhairt iad, Tha fhios againn gur e so ar
mac, agus gu ’n do rugadh dall e :
21 Ach cionnus a ta e nis a’ faicinn, cha
’n ’eil fhios againn ; no cd a dh’ fhosgail a
shuilean, cha’n aithne dhuinn : tha e fein
air teachd gu aois, feoraichibh dheth,
lahliraidh e air a shon fein.
22 Thubhairt a pharantan na briathra
so, a chionn gu robh eagal nan ludhach
orra: oir shuidhich na h- ludhaich a cheana
eatorra fein, Nan aidicheadh duine sam
bith gu’m b’ esan Criosd, gun rachadh a
chur as an t-sionagog.
23 Air an aobhar sin thubhairt a phar-
anta. Tha e air teachd gu aois, feoraichibh
dheth fein.
24 Air an aobhar sin ghairm iad an dara
uair an duine a bha dall, agus thubhairt
iad ris, Thoir gloir do Dhia : tha fhios ag-
ainne gur peacach an duine so.
25 An sin fhreagair esan agus thubhairt
e. Am peacach e cha ’n aithne dhomh : air
aon ni tha fhios agam, air dhomh bhi dall,
gu bheil mi nis a’ faicinn.
26 Ach thubhairt iad ris a ris, Ciod a
rinn e dhuit ? cionnus a dh’ fhosgail e do
shuilean ?
27 Fhreagair e iad, Dh' innis mi dhuibh
a cheana, agus cha d' eisd sibh ; c’ ar son a
b' aill leibh a chluinntinn a ris ? am bheil
a’ mhiann oirbhse bhi ’nur deisciobuil aige
mar an ceudna ?
28 An sin chain iad e, agus thubhairt
iad, Is tusa a dheisciobul; ach is sinne
deisciobuil Mhaois.
29 Tha fhios againn gu ’n do labhair
Dia ri Maois: ach mu thimchioll an fhir
so, cha ’n ’eil fhios againn cia as da.
30 Fhreagair an duine agus thubhairt e
riu, An so tha ni iongantach, nach 'eil
fhios agaibh cia as da, agus gu ’n d’ fhosg¬
ail e mo shiiilean ;
31 Ach a ta fhios againn nach eisd Dia
ri peacaich : ach ma ta neach air bith ’na
fhear-aoraidh do Dhia, agus a’ deanamh a
thoile, ris-san eisdidh e.
32 O thoiseach an t-saoghail cha chualas
gu ’n d' fhosgail aon neach suilean duine a
rugadh dall.
& Mur biodh an duine so o Dhia, cha
b’ urrainn e ni sam bith a dheanamh.
34 Fhreagair iadsan agus thubhairt iad
ris, Rugadh thusa uile ann am peacaibh,
agus am bheil thu ’gar teagasg-ne ? Agus
thilg iad a mach e.
35 Chual losa gu ’n do thilg iad a roach
e ; agus air dha fhaotainn, thubhairt e ris.
Am bheil thu creidsinn ann am Mac Dhe?
36 Fhreagair esan agus thubhairt e, Co
e, a Thighearn, chum gu ’n creid mi ann ?
37 Agus thubhairt losa ris, Chunnaic
thu araon e, agus an Ti a ta labhairt riut, is
esan e.
38 Agus thubhairt esan, Tha mi creid¬
sinn, a Thighearn. Agus rinn e aoradh
dha.
• 39 Agus thubhairt losa. Is ann chum
breitheanais a th&inig raise chum an
t-saoghail so, chum iad-^an nach ’eil a’
faicinn, gu ’m faiceadh iad; agus gu ’m
biodh iaasan a ta faicinn, air an deanamh
dall.
40 Agus chuala cuid do na Phairisich,
a bha maille ris na nithe so, agus thubh¬
airt iad ris, Am bheil sinne dali mar an
ceudna ?
41 Thubhairt losa riu, Nam bitheadh
sibh dall, cha bhiodh peacadh agaibh:
ach a nis a ta sibh ag radh, Is leir dhuinn ;
uime sin tha bhur peacadh a’ fantuinn.
CAIB. X.
GU deirahin deimhin a ta mi ag radh
ribh, An ti nach teid a stigh troimh
an dorus do chro nan caorach, ach a theid
suas air sheol eile, is gaduiche agus fear-
reubainn esau.
2 Ach an ti a theid a steacli air an dor¬
us, is esan buachaill nan caorach.
3 Dhasan fosglaidh an dorsair; agus
eisdidh na caoraich r’ a ghuth : agus gairm-
idh e a chaoraich fein air an ainm, agus
treoraichidh e mach iad.
4 Agus an uair a chuireas e mach a
chaoraich fein, iraichidh e rompa, agus 'j
leanaidh na caoraich e : oir is aithne
dhoibh a ghuth.
5 Agus cha lean iad coigreach, ach
teichidh iad uaith, do bhrigh nach aithne
dhoibh guth choigreach.
6 An eosamhlachd so labhair losa riu :
ach cha do thuig iadsan ciod iad na nithe a
labhair e riu.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence