Skip to main content

‹‹‹ prev (767) Page 71Page 71

(769) next ››› Page 73Page 73

(768) Page 72 -
LUCAS.
72
10 Mar sin sibhse, nuair a ni sibh na
h-uile nithe a dh’ aithneadh dhuibh, ab-
raibh, Is seirbhisich neo-tharbhach sinn:
oir rinn sinn a mhdin an ni bu dligbeach
dhuinn a dheanamh.
11 A nis, ag dol suas da gn lerusalem,
chaidh e troimh mheadhon Shamaria agus
Ghalile.
12 Agus an uair a bha e dol a stigh do
bhaile araidh, thachair deichnear dhaoine
air a bha 'nan lobhair, a sheas fad uaith :
13 Agus tliog iad suas an guth, ag radh,
losa, a mhaighstir, dean trocair oirnn.
14 Agus an uair a chunnaic e iad, thubh-
airt e riu, Imichibh, nochdaibh sibh fein
do na sagartaibh. Agus ag imeachd dhoibh,
ghlanadh iad.
15 Agus an uair a chunnaic aon diubh
gu ’n do leighiseadh e, phill e air ais, a’
toirt gloire do Dhia le guth ard,
16 Agus thuit e air aghaidh aig a chos-
aibh-san, a’ toirt buidheachais da: agus bu
Shamaritanach e.
17 Agus fhreagair losa agus thubhairt
e, Nach do ghlanadh deichnear? ach an
naoinear, c’ ait am bheil iad ?
18 Cha d' fhuaradh a phill a thoirt gloire
do Dhia, ach an coigreach so.
19 Agus thubhairt e ris, Eirich, imich;
shlanuieh do chreidimh thu.
20 Agus an uair a dh’ fheoraich na
Phairisich dheth, c’ uin’ a thigeadh riogh-
achd Dhe, fhreagair e iad agus thubhairt
e, Cha tig rioghachd Dhe air chor gu
faicear i.
21 Cha mho a their iad, Feuch an so, no,
Feuch an sin: oir feuch, a ta rioghachd
Dhe an taobh a stigh dhibh.
22 Agus thubhairt e ris na deisciobluibh,
Thig na laithean aims am miannach leibh
aon do l&ithibh Mhic an duine fhaicinn,
agus cha ’n fhaic sibh e.
23 Agus their iad ribh, Feuch an so, no,
Feuch an sud : na rachaibh, agus na lean-
aibh iad.
24 Oir mar a ta an dealanach a dheal-
raicheas o aon ionad fo neamh, a soill-
seachadh gus an ionad eile fo neamh, mar
sin a bhitheas Mac an duine mar an ceud-
na ’na U fein.
25 Ach is eigin da air tus moran do nith-
ibh fhulang, agus a bhi air a dhiultadh leis
a’ ghinealach so.
26 Agus mar a bha e ann an l&ithibh
Noe, mar sin mar an ceudna bithidh e ann
an IMthibh Mhic an duine :
27 Bha iad ag itheadh agus ag 61, a’ pos-
adh agus air an toirt am posadh, gus an la
an deachaidh Noe a steach do ’n id re : agus
thainig an dile, agus sgrios i iad uile.
28 Amhuil fos mar a thachair ann an
laithibh Lot; bha iad ag itheadh agus ag
61, a’ ceaunach agus a’ reiceadh, a’ plannd-
achadh agus a’ togail aitreabh :
29 Ach air an la sin fein anns an deach¬
aidh Lot a mach a, Sodom, fhrasadh teine
agus pronnasg o neamh, agus sgrios e iad
uile.
30 Is ann mar sin a bhitheas anns an la
am foillsichear Mac an duine.
31 Anns an la sin, an ti bhios air raull-
ach an tighe, agus ’airneis anns an tigh, na
tigeadh e nuas gu a toirt leis: agus an ti a
ta sa’ mhachair, na pilleadh esan air ais
mar an ceudna.
32 Cuimhnichibh bean Lot.
33 Ge b’ e neach a dh’ iarras a bheatha
fein a thearnadh, caillidh e i; agus ge b’ e
neach a chailleas a bheatha, gleidhidh
esan i.
34 A ta mi ag radh ribh, anns an oidh-
che sin bithidh dithis dhaoine san aon
leabaidh; gabhar aon diubh agus fagar
am fear eile.
35 Bithidh dithis bhan a’ bleath cuid-
eachd; gabhar aon diubh agus fagar a*
bhean eile.
36 Bithidh dithis dhaoine anns a’ mhach¬
air ; gabhar aon diubh agus fagar am fear
eile.
37 Agus fhreagair iadsan agus thubh¬
airt iad Tis, C’ ait, a Thighearn? agus
thubhairt esan riu, Ge b’ e ait am bi an
corp, an sin cruinnichear na h-iolairean.
CAIB. XVIII.
AGUS labhair e cosamhlachd riu, a*
noebdadh gur c6ir urnuigh a dhean¬
amh a ghnath, agus gun fhamiachadh ;
2 Ag radh, Bha breitheamh ann am
baile draid/i, air nach robh eagal De, ag¬
us aig nach robh urram do dhuine :
3 Agus bha bantrach araidh sa’ bhaile
sin, agus thAinig i d’ a ionnsuidh, ag radh,
Cum coir rium an aghaidh mo namhaid.
4 Agus cha b’ ail! leis rd tamuill: ach
’na dheigh sin thubhairt e ann fein, Ged
nach ’eil eagal De orm, no urram agam
do dhuine;
5 Gidheadh air son gu bheil a’ bhant-
rach so cur dragha orm, cumaidh mi coir
rithe, air eagal le a sir-theachd gu ’n sgith-
ich i mi.
6 Agus thubhairt an Tighearn, Eisdibh
ciod a ta am breitheamh eucorach ag
radh.
7 Agus nach dean Dia dioghaltas air son
a dhaoine taglita fein, a ta ag eigheach ris
a la agus a dh’ oidhche, ged tha e fad-
fhulangach mu ’n timchioll ?
8 A ta mi ag radh ribh gu n dean e
dioghaltas air an son gu luath. Gidheadh,
an uair a thig Mac an duine, am faigh e
creidimh air an talamh ?
9 Agus labhair e an cosamhlachd so ri
dream iraidh a bha ’g earbsadh asda fein
gu ’n robh iad ’nam fireanaibh, agus a bha
deanamh tair air dream eile :
10 Chaidh dithis dhaoine suas do ’n team-
pull a dheanamh urnuigh ; fear diubh ’na
Phairiseach, agus am fear eile 'na chis-
mhaor.
11 Sheas am Phairiseach leis f6in, agus
rinn e urnuigh mar so, A Dhe, tha mi
toirt buidheachais duit nach ’eil mi mar a
ta daoine eile, ’nan luchd-foireigin, eucor¬
ach, adhaltrannach, no eadhon mar an cis-
mhaor so.
12 Tha mi a’ trasgadh da uair san
t-seachduin, tha mi toirt deachaimh as na
h-uile nithibh a ta mi sealbhachadh.
13 Agus air seasamh do ’n chis-mhaor
fad air ais, cha b’ aill leis fiu a shul a thog-
ail suas gu neamh, ach bhuail e ’uchd, ag
ridh, A Dhia, dean trocair ormsa ta am
pheacach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence