Skip to main content

‹‹‹ prev (594) Page 586Page 586

(596) next ››› Page 588Page 588

(595) Page 587 -
CAIB. L.
587
gu’n do pheacaich iad an aghaidh an Tigh- j
earn, aite-tAimh a’ cheartais; eadhon an >
Tighearna, dochaia an aithrichean.
8 Gluaisibh a mach a meadhon Bhabi-
loin, a^us imichibh k tir nan Caldeach,
agus bithibh mar na gabhraibh firionn air
toiseach ))an treudan.
9 Oir feuch, diiisgidh mise, agus bheir
mi nios an aghaidh Bhabiloin, coimhthion-
al chinneach mora o’n tir mu thuath ; ag¬
us cuiridh iad iad fein an ordugh na
h-aghaidh, air sheol as gu n glacar i: bith-
idh an saighdean mar gu’m b ann o ghaisg-
each sedlta; cha phill aon diubh gu diomn-
ain.
10 Agus bithidh Caldea ’na creich, iad-
san uile a chreachas i gheibh iad an sath,
deir an Tighearn.
11 A chionn gu bheil sibh ri gairdeach-
as, a chionn gu bheil sibh ri aidhear, O
sibhse a chreach m’ oighreachd ; a chionn
gu bheil sibh air fas reamhar mar aigh
bhiadhta, agus ri sitrich mar eachaibh
meamnach.
12 Masluichear ’ur mathair gu mor,
tiaraichear ise a rug sibh; feuch ise, deir-
eadh nan cinneach, ’na f&saeh, ’na fearann
tioram agus falamh.
13 Air son corruich an Tighearna cha
bhi i ni’s mo air a h-aiteachadh, ach bith¬
idh i ’na fasach gu h-iomlan: bithidh
uamhunn air gach aon a theid seachad air
Babilon, agus ni e sgeig m’ a h-uile
phl&ighibh.
14 Cuiribh sibh fein an ordugh an agh¬
aidh Bhabiloin air gach taobh : sibhse uile
a lubas am bogha, caithibh oirre, na
caomhnaihh saighdean; oir chiontaich i
an aghaidh an Tighearn.
15 Eighibh os a ceann air gach taobh:
striochd si i fein; thuit a daingnichean,
thilgeadh sios a ballachan : oir is e so
dioghaltas an Tighearna, deanaibhse diogh-
altas oirre: mar a rinn i fein, deanaibhse
rithe.
16 Gearraibh o Bhabilon am fear-cuir,
agus esan a ghlacas an corran an am an
fhogharaidh: air eagal claidheimh a’
mhillteir, pillidh iad, gach aon g’a shluagh,
teichidh iad gach aon g’a dhhthaich.
17 Is treud sgapta Israel; rinn ledmbain
a ruagadh ; an toiseach, chaith righ Asiria
suas e ; agus mu dheireadh, dh’ith Nebu-
chadnesar so righ Bhabiloin gu ruig an
cnaimh e.
18 Air an aobhar sin mar so tha Tigh¬
earn nan sluagh, Dia Israeil, ag radh,
Feuch, smachdaichidh raise righ Bhabiloin
agus ’fhearann, mar a smachdaich mi righ
Asiria.
19 Ach bheir mi Israel air ais gu ’aite-
comhnuidh fein, agus ionaltraidh e air
Carmel agus Basan, agus air sliabh Eph¬
raim agus air Gilead sasuichear ’anam
anns na l&ithibh sin.
20 Agus anns an im sin, deir an Tigh¬
earn, iarrar aingidheachd Israeil, agus cha
bhi i ann; agus lochdan ludah, ach cha
bhi iad r’am faotainn : oir bheir mise
inaitheanas dhoibh sin a chaomhaineas mi.
21 An aghaidh fearainn nan ceannair-
ceach iraicn suas, air fein, agus air a luchd-
aiteachaidh dean peanas, O a ehlaidheimh;
agus cuir as gu buileach da n gineil, deir
an Tighearn, agus coimhlion gach ni mar
a dh’aithn mise dhuit.
22 Tha fuaim a’ chatha san fhearann,
eadhon milleadh ro-mhor.
23 Cionnus a bhriseadh agus a spealgadh
fairche an domhain uile! Cionnus a dh’-
fhas Babilon ’na fasach sgaoilte am measg
nan cinneach !
24 Leag mise rib air do shon, agus bha
thu fos air do ghlacadh, O Bhabilon, an
uair nach do shaoil thu: fhuaradh, agus
fos ghlacadh thu, a chionn gu’n d'rinn thu
stri an aghaidh an Tighearna.
25 Dh’fhosgail an Tighearn a thigh-arm,
agus thug e mach ainn a chorruich : oir is
i so obair lehobhah, Tighearna nan sluagh,
ann an tir nan Caldeach.
26 Thigibh ’na h-aghaidh o ’n chearna
a’s iomallaiche, fosglaibh a tighean-taisg,
cuiribh fo ’ur cosaibh i mar thorr, agus
sgriosaibh i gu buileach; na biodh fuigh-
eall d’i air ’fhagail.
27 Marbhaibn a daimh air fad: rachadh
iad sios a chum an air : is truagh dhoibh-
san! oir tha an la air teachd, am an
smachdachaidh.
28 Guth na muinntir a theich, agus a
chaidh as o thir Bhabiloin, a dh’fhoill-
seachadh ann an Sion dioghaltais an Tigh¬
earn ar Dia-ne, dioghaltais a theampuill.
29 Gairmibh sluagh lionmhor an agh¬
aidh Bhabiloin; sibhse uile ta lubadh a’
bhogha, cuairtichibh le feachd i air gach
laimh ; na rachadh cuid air bith dh’i as;
diolaibh rithe a r6ir a h-oibre, a reir gach
ni a rinn i, deanaibh rithe ; a chionn gu n
d’ rinn i gu h-uaibhreach an aghaidh an
Tighearn, an aghaidh Ti naoimh Israeil.
30 Air an aobhar sin tuitidh a h-dgan-
aich ’na sritidibh, agus bithidh a fir-chog-
aidh uile air an gearradh as anns an la sin,
deir an Tighearn.
31 Feuch tha mise a’d’ aghaidh, O
uaibhreich, deir lehobhah Tighearn nan
sluagh : gu cinnteach tha do la air teachd,
an t-am san dean raise do smachdachadh.
32 Agus gheibh an t-uaibhreach tuis-
leadh agus leagadh, agus cha bhi neach
ann a thogas suas e: agus fadaidh mise
teine ’na bhailtibh, agus loisgidh e gach ni
rau’n cuairt da.
33 Mar so tha Tighearn nan sluagh ag
radh, Sharuicheadh clann Israeil, agus
clann ludah le cheile; agus rinn iadsan
uile a thug am braighdeanas iad greini
daingean orra; dhiult iad anleigeadh air
falhh.
34 Is cumhachdach am fear-saoraidh ;
lehobhah Dia nan sluagh is e ’ainm : tag-
raidh e gu daingean an cuis, a chum gu
n toir e suaimhneas do ’n talamh, agus
mi-shuaimhneas do luchd-aiteachaidh
Bhabiloin.
35 Bithidh claidheamh air na Cald6ich,
tha an Tighearn ag radh, agus air luchd-
aiteachaidh Bhabiloin, agus air a h-uachd-
aranaibh, agus air a daoinibh glice ;
36 Claidheamh air na breugairibh, agus
bithidh iad air mhi-ch6ill; claidheamh air
a daoinibh cumhachdach, agus bithidh iad
fo uamhunn.
37 Claidheamh air a h-eachaibh, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence