Skip to main content

‹‹‹ prev (586) Page 578Page 578

(588) next ››› Page 580Page 580

(587) Page 579 -
CAIB. XL!
i
579
dhiubhsan nach d thugadb air falbh ann
am bruid gu Babilon ;
8 An sin thainig iad gu Gedaliah gu
Mispah, eadhon Ismael mac Netaniah, ag-
us lohanan, agus lonatan, mic Chareah,
agus Seraiaii mac Tlianhumeit, agus mic |
Kphai an Netophataich, agus lesaniah
mac Maachataich, iad fein agus an daoine.
9 Agus mhionnaich Gedaliah mac Ahi-
caim mhie Shaphain dhoibh-uan, agus do’n
daoine, ag ridh, Na biodh eagal oirbh geill
a tlioirt do 11a Caldeicli; gabhaibh corah-
nuidli anns an tir, agus tlmgaibh geill do
righ Bhabiloin, agus eiridh gu maith
dhuibh.
10 Air mo shon sa, feuch, ni mi comh-
nuidh ann am Mispah, a fhnthealadh do
na Caldeich a Lhig d’ar n-ionnsuidh ; ach
sibhse, tionailibh fion, agus meas samh-
raidh, agus oladh, agus cuiribh iad ’nur
soithichibh, agus deanaibh comhnuidh
’nur bailtibh air an d’riim sibh greim.
11 Air an doigh cheudna nuair a chuala
na h-uile ludhaich a bha aim am Moab,
agus am measg nan Amonach, agus ann
an Edom, agus a bha anns na h-uile
dhuthchannaibh, gu'n d’fhag righ Bhabi¬
loin fuigheall do ludah, agus gu’n dochuir
e os an ceann Gedaliah mac Ahicaim,
mhic Shaphain ;
12 An sin phill na h-uile ludhaich as na
h-uile aite gus an robh iad air am fogradh,
agus thainig iad gu tir ludah, gu Geda¬
liah, do Mhispah, agus thionail iad lion,
agus meas samhraidh, gu ro-phailt.
13 Agus thainig lohanan mac Chareah,
agus uile cheannardan an fheachd a bha
sna machraichibh, gu Gedaliah do Mhis-
pah,
14 Agus thubhairt iad ris. Am bheil fios
agad gu cinnteach gu’n do chuir Baalis
righ nan Amonach Ismael mac Netaniah
chum do mharbhadh ? Ach cha do chreid
Gedaliah mac Ahicaim iad.
15 An sin lahhair lohanan mac Chareah
ri Gedaliah ann am Mispah gu h-uaig-
neach, ag radh, Leig dhomhsa dol, guidh-
eam ort, agus marbhaidh mi Ismael mac
Netauiah, agus cha bhi fios aig duine sam
bith air: c’uime am marbhadh e thusa,
agus gu’m biodh na h-uile ludhaich a ta
air an cruinneachadh a’d’ ionnsuidh air an
sgapadh, agus gu’m b&saicheadh na tha
inairionn do ludah ?
1G Ach thubhairt Gedaliah mac Ahicaim
ri lohanan mac Chareah, Cha dean thu
an ni so, oir is breug a tha thu labhairt a
thaobh Ismaeil.
CAIB. XL1.
ANIS tharladh air an t-seachdamh
mios, gu’n d’thainig Ismael mac Ne¬
taniah, mhic Elisama, do n t-siol rioghail,
agus maithean an righ, eadhon deich fir,
maille ris, gu Gedaliah mac Ahicaim do
Mhispah, agus an sin dh’ith iad aran le
cheile ann am Mispah.
2 An sin dh’einch Ismael mac Netan¬
iah, agus na deich fir a bha maille ris, ag¬
us bhuail iad Gedaliah mac Ahicaim,
inhic Shaphain, leis a’ chlaidheamh, agus
mharbh iad e, esan a chuir righ Bhabiloin
’na uachdaran os ceann an fhearainn.
3 Mharbh Ismael mar an ceudna na
h-ludhaich uile bha maille ris, maille ri
I Gedaliah ann am Mispah, agus na Cal-
| deich a fhuaireadh an sin, na fir-chog-
aidh.
4 Agus tharladh air an dara la, an deigh
dha Gedaliah a mharbhadh, agus gun
thios aig duine sam bith air ;
5 Gu’n d tiiainig daoine araidh o Shech-
em, o Shiloh, agus o Shamaria, ceithir
fichead fear, aig an robh am feusagan air
am bearradh, an eudaichean air an roub-
adh, agus iad fein gearrta, le tabhartasaibh
agus tuis ’nan laimh, gu’n toirt gu tigh an
Tighearn.
6 Agus chaidh Ismael mac Netaniah
mach, o Mhispah ’nan codhail, a gul fad
na slighe : agus tharladh an uair a chionn-
ich e iad, gu’n d’ thubhairt e riu, Thig-
ibh gu Gedaliah mac Ahicaim.
7 Agus tharladh an uair a thainig iad
gu meadhon a’ bhaile, gu n do mharbh Is¬
mael mac Netaniah iad, agus thilg e iad
ann am meadhon an t-siuichd, e fein ag¬
us na daoine bha leis.
8 Ach flmaiseadh ’nam raeasg deich-
near fhear a thubhairt ri Ismael, Na
marbh sinne : oir tha ionmhasan againn
sa’ mhachair, do chruithneachd, agus do
eorna, agus do oladh, agus do mhil. Mar
sin sguir e, agus cha do mharbh e iad am
measg am braithrean.
9 A nis b e n slochd anns an do thilg
Ismael uile chorpa marbha nan daoine a
mharbh e air son Ghedaliah, an slochd sin
a rinn Asa an righ air eagal Bhaasa rigli
Israeli; lion Ismael mac Netaniah e leo-
san a mharbhadh.
10 An sin thug Ismael leis ann am hruid
na h-uile bha lathair do’n t-sluagh a bh’-
ann am Mispah, eadhon nigheanan an
righ, agus an sluagh uile a dh’fhan ann
am Mispah, a thug Nebusar-adan ceanu-
ard an fhreiceadain do Ghedaliah mac
Ahicaim; thug eadhon Ismael mac Ne¬
taniah leis ann am bruid iad, agus dh’im-
ich e gu dol thairis a chum nan Amon¬
ach.
11 Ach an uair a chuala lohanan mac
Chareah, agus uile cheannardan an
fheachd, a bha maille ris, an t-olc ud a
rinn Ismael mac Netaniah,
12 An sin thug iad leo na daoine air
fad, agus chaidh iad a chogadh ri Ismael
mac Netaniah, agus fhuair iad e aig na
h-uisgeachaibh mora a ta ann an Gibeon.
13 A nis tharladh an uair a chunnaic
an sluagh sin uile hha le Ismael lohanan
mac Chareah, agus uile cheannardan an
fheachd a bha raaille ris, gu’n robh iad an
sin aoibhneach.
14 Agus thionndaidh an sluagh uile, a
thug Ismael air falbh ann am bruid o
Mhispah, mu’n cuairt, agus phill iad, ag¬
us chaidh iad gu lohanan mac Chareah.
15 Ach chaidh Ismael mac Netaniah as
o lohanan le ochdnar fhear, agus chaidh
e chum nan Amonach.
16 An sin ghabh lohanan mac Chareah,
agus uile cheannardan an fheachd a hha
leis, uile iarmad an t-sluaigh a bhuin e o
Ismael mac Netaniah, o Mhispah, (an
deigh dha Gedaliah mac Ahicaim a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence