Skip to main content

‹‹‹ prev (577) Page 569Page 569

(579) next ››› Page 571Page 571

(578) Page 570 -
IEREMIAH.
570
dh’fhnasgail se e o laimh an fhir bu treise
na e fein.
12 Uirae sin thig iad agus seinnidh iad
ann an airde Sliioiu, agus cruinnichidh iad
ri cheile chum maitheis an Tighearn, air
son cruithneachd, agus air son fiona, ag¬
us air son olaidh, agus air son alaich an
trend agus na spreidhe: agus bithidh an
anam mar gharadh uisgichte, agus cha
dean iad air aon chor bron ni’s mb.
13 An sin ni an oigh gairdeachas anns
an dannsa, na daoine oga, agus na seann
daoine le cheile : oir tionndaidhidh mise
am bron gu h-aoibhneas, agus bheir mi
dhoibh comh-fliurtachd, agus ni mi solas-
ach iad an deigh an amhghair.
14 Agus sasuichidh mi anam nan sagart
le nithibh blasda, agus bithidh mo shluagh
air an sasuchadh le mo mhaitheas, deir an
Tighearn.
15 Mar so deir an Tighearn, Chualas
f uth ann an Hamah, caoidh, gul ro-ghoirt;
tachel a’ gul air son a cloinne; dhihlt i
comhfhurtachd air son a cloinne, a chionn
nach eil iad ann.
16 Mar so deir an Tigeearn, Cum do
ghuth o chaoidh, agus do shuilean o dheur-
aibli: oir gheibh do shaothair duais, deir
an Tighearn, agus thig iad a ris o thir an
namhaid.
17 Agus tha dochas a thaobh do chrieh
dheireannaich, deir an Tighearn, gu’n tig
do chlann a ris gu’n crinchaibh fein.
18 Gu deimhin chuala mi Ephraim a’
caoidh gu goirt, Smachdaich thu mi, agus
bha mi air mo smachdachadh, mar dhamh
nach do chleachd a' chuing: pill thusa
mi, agus bithidh mi air mo philleadh; oir
is tu an Tighearn mo Dhia.
19 Gu deimhin an deigh dhomh bhi air
mo philleadh, ghabh mi aithreachas ; agus
an deigh dhomh bhi air mo theagasg,
bhuail mi air mo leis; bha nairo orm,
seadh fos geur-arahluadh, a chionn gu’n
do ghiulain mi masladh m’oige.
20 Nach e Ephraim mo inhac caorah ?
nach leanabh ro-thaitneach e? oir, o’n uair
a labhair mi ’na aghaidh, tha mi gu dhr-
achdach ’ga chuimhneachadh fathasd:
uime sin tha iomairt ann am chbm air a
shon : ni mi gu deimhin trocair air, deir
an Tighearn.
21 Cuir suas dhuit fein comharan slighe ;
dean duit fein croinu iirda: cuir do
chridhe ris an t-slighe. an t-slighe air an
d’imich thu : pill a ris, O oigh Israeil,
pill a ria dh’iounsuidh do chaithrichean
so.
22 Cia fhad a bhios tu a’ tionndadh
mu’n cuairt, O a nighean chbl-sleamh-
imch : oir chruthaich an Tighearn ni
nuadh air an talamh, Ni bean fear a
chuairteachadh.
23 Mar so deir Tighearn nan sluagh,
Dia Israeil, Gnathaichidh iad fathast a’
chainnt so ann am fearann ludah, agus
'na l>hailtibh, an uair a bheir mise air a
h-ais am bruid, Gu’m beannaicheadh an
Tighearn thu, O aite-eomhnuidh a’ cheart-
ais, O shleibh na naomhachd.
24 Agus ann an ludah, agus ’na uile
bhailtibh, gabhaidh treabhaichean comh-
nuidh, agus luchd-coimhead nan treuda.
25 Oir shasuich mise an t-anam tart*
mhor, agus gach anam ocrach lion mi.
26 An sin mhosgail, agus chunnaic mi,
a.'us bha mo chodal taitneach dhomh.
27 Feuch, tha na laithean a teachd,
deir an Tighearn, anns an cuir mise tigh
Israeil, agus tigh ludah le siol duine agus
le siol ainmhidh.
28 Agus tarlaidh, amhuil a rinn mise
faire os an ceann gu spionadh a nios, gu
briseadh, agus gu tilgeadh sios, agus gu
sgrios, agus gu claoidh; mar sin ni mi
faire os an ceann, gu togail, agus gu suidh-
eachadh, deir an Tighearn.
29 Anns na laithibh sin cba’n abair iad
ni’s mo, Dh’ith na h-aithrichean meas
searbh, agus tha deisinn air fiaclaibh na
cloinne.
30 Ach gheibh gach aon has ’na aing-
idheachd lein ; gach aon a dh’itheas an
caorann searbh, air Thiaclaibh-sau bithidh
deisinn.
31 Feuch, tha na laithean a’ teachd, deir
an Tighearn, anns an dean mise coirah-
cheangal nuadh ri tigh Israeil, agus ri tigh
ludah :
32 Cha n ann a reir a’ choimhcheangail
a rinn mi r’an aithrichibh, anns an la san
do ghlac mi air laimh iad, a chum an
toirt a mach k tir na h-Eiphit; eadhon mo
choimhcheangal a bhris iad, ged bha mi
a’m’ fhear-posda dhoibh, deir an Tigh¬
earn :
33 Ach so an coimhcheangal a ni mi ri
tigh Israeil; An deigh nan laithean sin,
deir an Tighearn, cuiridh mi mo reachd
’nan taobh a stigh, agus sgriobhaidh mi
air an cridheachan e, agus bithidh mise
dhoibh-san a’m’ Dhia, agus bithidh iadsan
dhomhsa ’nam pobull.
34 Agus cha teagaisg iad ni’s mo, gach
aon a ehoimhearsnach, agus gach aon a
bhrathair, ag radh, Gabhaibh eolas air an
Tighearn ; oir bithidh eolas acaormsa uile,
o’n neach a’s lugha, gus an neach a’s mo
dhiubh, deir an Tighearn: oir maithidh
mise an aingidheachd, agus cha chuimh-
nich mi ni’s mo an cionta.
35 Mar so deir an Tighearn, tha toirt na
greine air son soluis anns an D, orduighean
na gealaich agus nan reultan air son soluis
anns an oidhche, tha deanamh na fairge
cihin, tra bhios a tuinn a’ beucaich ; Tigh¬
earn nan sluagh is e ’ainm.
36 Ma dh’imicheas na h-orduighean so
as mo shealladh-sa, deir an Tighearn, an
sin cuideachd sguiridh sliochd Israeil o
bhi nan cinneach am feasd ann am lath-
air.
37 Mar so deir an Tighearn, Ma dh’-
fheudar na neamha shuas a thomhas, ng-
us bunaite na talmhainn shios a rannsacn-
adh a mach, an sin tilgidh mise uam mar
an ceudna uile shliochd Israeil, air son
gach ni a rinn iad, deir an Tighearn.
38 Feuch, tha na laithean a’ teachd,
deir an Tighearn, anns an togara’ chaithir
air son an Tighearn, o thorr Hananeeil,
gu geata na h-oisne.
39 Agus theid an t-sreang-thomhais
fathasd a mach m’ a coinneamh, thar
sliabh Ghareib, agus cuairtichidh i steach
Goat.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence