Skip to main content

‹‹‹ prev (571) Page 563Page 563

(573) next ››› Page 565Page 565

(572) Page 564 -
564
IEREMIAH.
do ludab, a choir mi mach as an aite so
gu tir nan Caldeach, a chum an leas.
6 Oir cuiridh mi mo shiiilean orra chum
maitii, agus bheir mi iad air an ais do’n tir
so ; agus togaidh mi iad, agus cha tilg mi
sios; agus suidhichidh mi iad, agus clia
spion mi k bun.
7 Agus bheir mi dhoibh cridhe gu ra’aith-
neachadh, gur mi an Tighearn ; agus bith-
idh iad dhomhsa ’nan sluagh, agus bithidh
mise dhoibh-san a’m’ Dhia ; oir pillidh iad
a’m’ ionnsuidh le ’n uile chridhe.
8 Agus amhuil na droch thigean, nach
feudar itheadh aig an olcas, (mar so gu
deimbin deir an Tighearn,) mar sin bheir
mi thairis Sedeciah righ ludah, agus
’uachdarain, agus am fuigheall do Jerusa¬
lem a dh fbanas anns an tir so, agus iad-
san a ta chomhnuidh ann am fearann na
h-Eiphit;
9 Bheir eadhon mise thairis iad gu bhi
air an luasgadh air feadh uile rioghachdan
an domhain, a chum an aimhleis ; gu bhi
'nan cdis-fhanaid. agus ’nan gn&th-fhocal,
’narn ball-magaidh, agus 'nam mallach-
adh, anns na h-uile aite gus am fogair mi
iad.
10 Agus cuiridh mi an claidheamh, a’
ghort, agus a’ phlaigh ’nam measg, gus an
caithear iad bharr 'an fhearainn, a thug
raise dhoibh fein agus do’n aithrichibh.
CAIB. XXV.
\ M focal a th&inig a dh’ionnsuidh lere-
miah muthimchioll uile shluaigh lu¬
dah, ann an ceathramh bliadhna lehoia-
cim mhic losiah righ ludah ; b’i sin ceud
bliadhna Nebuchadresair righ Bhabiloin :
2 A labhair leremiah am fiidh ri uile
shluagh ludah, agus ri uile luchd-aiteach-
aidh ferusaleira, ag radh,
3 O threas bliadhna deug losiah mhic
Amoin righ ludah, eadhon gus an la an
diugh, (is i so an treas bliadhna fichead,)
thainig focal an Tighearn a’m’ ionnsuidh-
sa, agus labhair mi ruibh-sa, ag eirigh gu
moch agus a’ labhairt; ach cha d'eisd
sibh.
4 Agus chuir an Tighearn do *ur n-ionn-
suidh ’uile sheirbhisich na faidhean, ag
eirigh gu moch agus ’gan cur a mach ; ach
cha d'eisd sibhse, agus ni mo dh’aom sibh
’ur cluas gu eisdeachd.
5 Thubhairt iadsan, Pillibh air ’urn-ais
a nis, gach aon o ’dhroch shlighe, agus o
olcas a dheanadais, agus gabhaibh comh-
nuidh anns an fhearann a thug an 'I'igh-
earn dnuibh, agus do ’ur n-aithrichibh o
linn gu linn.
6 Agus na rachaibh an deigh dhee
coimheach, gu seirbhis a dheanamh dhoibh,
agus gu aoradh a thoirt doibh, agus na
brosnuiehibh mise gu corruich le obair ’ur
\kmh ; agus cha dean mi ole oirbh.
7 Gidheadh cha d’6isd sibh riumsa, deir
an Tighearu ; a chum gu’m brosnuicheadh
sibh mi gu corruich le obair ’ur l&mh, a
chum ’ur n-aimhleis f6in.
8 Uime sin mar so deir Tighearn nan
sluagh, A chionn nach d’eisd sibh ri rao
bhriathraibh-sa,
9 Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi
Jeam uile mhuinntir na h-^irde tuath, deir
an Tighearn. agus Nebuchadresar righ
Bhabiloin m oglach, agus bheir mi iad an
aghaidh na tire so, agus an aghaidh a
luchd-aiteachaidh, agus an aghaidh nan
cinneach so uile mu’n cuairt, agus sgrios-
aidh mi gu tur iad, agus ni mi iad ’nan
uamhas, agus ’nan sgeig, agus ’nam fas-
ach gu brath.
10 Os barr, bheir mi uatha guth a’
ghairdeachais agus guth an aoibhneis,
guth an fhir-nuadh-phosda, agus guth ua
mna-nuadh-posda, fuaim nan clacha-
muilinn, agus solus na coinnle.
11 Agus bithidh am fearann so uile ’na
fhasach, agus ’na uamhas ; agus ni na cinn-
ich so seirbhis do righ Bhabiloin deich ag¬
us tri fichead bliadhna.
12 Agus tarlaidh, ’nuair a choimhlionar
deich agus tri fichead bliadhna, gu’n
sraachdaich mise righ Bhabiloin, agus an
cinneach sin, deir an Tighearn, air son an
aingidheachd, agus fearann nan Caldeach,
agus ni mi e ’na fh&sach gu brath.
13 Agus bheir mi air an fhearann sin
m' uile bhriathran a labhair mi ’na agh¬
aidh, gach ni tha sgriobhta san leabhar so,
a rinn leremiah fhaistneachd an aghaidh
nan uile chinneach.
14 Oir ni moran chinneach, agus righ-
rean mora, seirbhis a ghabhail dhiubhsan
mar an ceudna: agus diolaidh raise riu a
reir an gniomhara, agus a reir oibre an
l&mha f6in.
15 Oir mar so tha an Tighearn Dia Is¬
raeli ag radh riura, Gabh cuach fhiona na
fraoich feirge so as mo laimh-sa, agus
thoirr’a h-ol i do na h-uile chinnich gus
an cuir mise thu :
16 Agus olaidh iad, agus bithidh iad air
bhall-chrith, agus air chuthach, leis a’
chlaidhearah a chuireas mise ’nam measg.
17 An sin ghlac mi a’ chuach ^ laimh an
Tighearn, agus thug mi r’a h-61 i do na
h-uile chinneach gus an do chuir an Tigh¬
earn mi;
18 Do lerusalem, agus do bhailtibh lu¬
dah, agus d’a righribh, agus d’a h-uachd-
aranaibh, a chum an deanamh ’nan
nochdlaraich, nan uamhas, ’nan sgeig,
agus ’nam mallachadh, mar air an \k ’n
diugh:
19 Do Pharaoh righ na h-Eiphit, agus
d’a oglachaibh, agus d’a uachdaranaibh,
agus d’a uile shluagh ;
20 Agus do gach uile shluagh eile tha
measg a cheile, agus do uile righribh fear-
ainn Uis, agus do uile righribh fearainn
nam Philisteach, agus do Ascelon, agus do
Ghasah, agus do Ecron, agus do fhuigh-
eall Asdoid;
21 Do Edom, agus do Mhoab, agus do
chloinn Amoin ;
22 Agus do uile righribh Thiruis, agus
do uile righribh Shidoin, agus do righribh
nan criochan a ta ’n taobh thall do’n
fhairge;
23 Do Dhedan, agus do Thema, agus do
Bhus, agus do na h-uile a ta anns na cearn-
aihh iomallach;
24 Agus do uile righribh Arabia, agus
do uile righribh an t-sluaigh mheasgta ta
chomhnuidh anns an fh&sach ;
25 Agus do uile righribh Shirari, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence