Skip to main content

‹‹‹ prev (371) Page 363Page 363

(373) next ››› Page 365Page 365

(372) Page 364 -
364
II. EACHDRAIDH.
CAIB. XXVIII.
IjMCHEAD bliadhna dh'aois bha Alias
an uair a thoisich e air rioghachadh,
agus righich e se bliadhna deug ann an le-
rusalem : agus cha d’rinn e an ni a bha
ceart ann an sCiiiihh an Tighearua, mar a
rinn Daibhidh ’athair.
2 Ach dh imich e ann an slighibh righ-
rean Israeli, agus mar an ceudna rinn e
dealbhan leaghta do Bliaalim.
3 Agus loisg e tins ann an gleann Bhen-
hinoim, agus loisg e a chlann aims an
teine, a reir ghraineileachd nan cinneach
a thilg an Tighearna mach roimh chloinn
Israeli.
4 Agus dh’iobair e agus loisg e tilis anns
na h-aitibh Arda, agus air na cnoic, agus
fuidh gach craoibh uaine.
5 Uime sin thug an Tighearn a Dhia
thairis e an l&imh righ nan Sirianach ; ag¬
us bhuail iad e, agus thug iad leo moran
diubh nam braighdibh, agus thug siad iad
gu Damascus : agus thugadh mar an ceud¬
na thairis e an laimh righ Israeil, a bhuail
e le h-ar mor.
6 Agus mharbh Pecah mac Remaliah
aun an ludah ceud agus fichead mile ann
an aon 1&, fir threuna uile ; a chionn gu n
do threig iad an Tighearna Dia an aith-
riche.
7 Agus mharbh Sichri, duine treun do
Ephraim, Maaseiah mac an righ, agus As-
ricam uachdaran an tighe, agus Elcanah a
b’fhaigse do n righ.
8 Agus thug clann Israeil leo ?nam
braighdibh d’am hraithribh da cheud mile,
beau, mac agus nighean, agus thog iad mar
an ceudna creach mhor uatha, agus thug
iad a’ chreach gu Samaria.
9 Ach bha faidh leis an Tighearn an sin
d’am b’aium Oded, agus chaidh e mach
am fianuis an t-sl6igh a thainig gu Sama¬
ria, agus thubhairt e riu, Feuch, a chionn
gu robh fearg air an Tighearna Dia bhur
n-aithriche ri ludah, thug e thairis iad ann
bhur l&imh-sa, agus mharbh sibh iad le
buirbe a r&inig suas gu neamh.
10 Agus a nis tha sibh a’ cur roimbibh
clann ludah, agus lerusalem a chur fuidh-
ibh mar thriillibh agus mar bhan-traillibh
agaibh. Nach ’eil idir agaibhse, eadhon
agaibhse, peacanna an aghaidh an Tigh¬
earna bhur De ?
11 A nis ma ta Gisdibh riumsa, agus
thugaibh air an ais na braighdean a thug
sibh leibh ann am braighdeanas o bhur
br&ithribh; oir tha fearg laiste an Tigh¬
earna ribh.
12 An sin dh’eirieh daoine draidh do
oheannaibh chloinn Ephraim, Asariah mac
lohanain, Berechiah mac Mhesilemoit,
agus lehisciah mac Shaluim, agus Amasa
mac Hadlai, suas man aghaidh-san a
th&inig o’n rhogadh,
13 Agus thubhairt iad riu, Cha toir sibh
na braighdean a steach an so; oir bhiodh
sin ’na chionta an aghaidh an Tighearn
oirnne. TVia sibhse a’cur roimhibh tuill-
eadh a chur r ar peacannaibh, agus r ar
cionta, ’nuair a ta ar cionta cheana mor
agus fearg laiste ri h-Israel.
14 An sin dh’fhag na daoine a bha fo ’n
armaibh na braighdean agus a’ chreach
| am fianuis nan uachdaran agus a’ chomh-
chruinnich uile.
15 Agus dh’eirich na daoine a ghairm-
| eadh air an ainm, agus ghabh iad na braigh-
! dean, agus dh’eudaich iad leis a’ chreich
j iadsan uile a bha lomnochd dhiubh, agus
I an uair a chuir iad eudach agus brogan
orra, thug iad orra itheadh agus 61, agus
dh’ung siad iad, agus chuir iad air asalaibh
j iadsan uile a bha anmhunn diubh, agus
thug siad iad gu lericho, baile nan craobh
I pailrae, a dh’ionnsuidh am braithrean ;
i agus phill iad gu Samaria.
16 San am sin chuir righ Abas fios a
| dh’ionnsuidh righ Asiria, e chuideachadh
| leis.
17 Oir thainig na h-Edomaich a ris, ag-
' us bhuail iad ludah, agus thug iad leo
; braighdean.
18 Thug na Philistich mar an ceudna
ionnsuidh air bailtibh a’ chomhnaird, agus
air an taobh deas do ludah, agus ghlac iad
Bet-semes, agus Aialon, agus Gederot,
agus Socho le ’bhailtibh beaga, agus Tim-
nah le ’bhailtibh beaga, agus Gimso le
’bhailtibh beaga; agus ghabh iad comh-
nuidh an sin.
19 Oir rinn an Tighearna ludah iosal air
son Ahais righ ludah, a chionn gu'n d’rinn
e ludah lomnochd, agus gu’n d rinn e
cionta mor an aghaidh an Tighearn.
20 Uime sin thainig Tilgat-pilneser righ
Asiria d’a ionnsuidh, agus sharaich, ach
cha do neartaich se e.
21 Oir ghabh Alias cuibhrionn a tigh an
Tighearn, agus a tigh an righ, agus o na
h-uachdaranaibh, agus thug e sin do righ
Asiria ; ach cha do chuidich e leis.
22 Agus an am a theanntaehd rinn e
fathast tuilleadh cionta an aghaidh an
Tighearn, an righ so fein Abas.
23 Oir dh’iobair e da dhiathaibh Dha-
mascuis a bhuail e, agus thubhairt e, A
chionn gu n cuidich dee righrean Shiria
leo, iobraidh raise dhoibh a chum gu'n
cuidich iad leamsa : ach is ann a bha iad
’nan aobhar sgrios dha fein, agus do Israel
uile.
24 Agus chruinnich Abas soithichean
tighe Dbe, agus ghearr e nam miribh
soithichean tighe Dhe, agus dhruid e dor-
san tighe an Tighearn. Agus rinn e dha
fein altairean anns gach cearn do h-Ieru-
salera.
25 Agus anns gach baile fa leth do ludah
rinn e ^itean arda, chum tuis a losgadh do
dhiathaibh coiraheach, agus bhrosnaich e
gu feirg an Tighearna Dia ’aithriche.
26 Agus a’ chuid eile d’a ghniomhar-
aibh agus d’a shlighibh uile, an toieeach
agus rc"u dheireadh, feuch, tha iad sgriobh-
ta ann an leabhar righrean ludah agus Is¬
raeil.
27 Agus choidil Alias maille r’a aith-
richibh, agus dh’adhlaic iad e anns a'
bhaile, ann an lerusalera ; ach cha d’thug
iad e do aitibh-adhlaic righrean Israeil:
agus righich Heseciah a mhac ’na ait.
CAIB. XXIX.
THOISICH Heseciah air rioghachadh
’nuair a bha e eilig bliadhna fichead a
dh aois, agus righich e naoi bliadhna fich-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence