Skip to main content

‹‹‹ prev (272) Page 264Page 264

(274) next ››› Page 266Page 266

(273) Page 265 -
CAIB.
rael, mharbh lonatan, mac Shimeah, brath-
ar Dhaibhidh e.
22 Rugadh a’ cheathrar sin do’n fhamh-
air aim an Gat, agus thuit iad le laimh
Dhaibhidh, agus le laimh a sheirbhiseach.
CAIB. XXII.
AGUSlabhairDaibhidhrisan Tighearna
briathra na laoidhe so, anns an la air
an do shaor an Tighearn e a laimh a naimh-
dean uile, agus a laimh Shauil :
2 Agus thubhairt e, /.? <?'n Tighearna mo
charraig, agus mo dhaingneach, agus mo
shlinuighear.
3 Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as:
mo sgiath agus adharc mo shlainte, mo
thilr ard agus mo dhidean: m’lhear-saor-
aidh ; o ainneart saoraidh tusa mi.
4 Gairmidh mi air an Tighearn, a's air-
idh aircliu; agus o in’ naimhdibh saorar
mi.
5 Oir chuairtich tonnan a’ bhais mi:
chuir tuilte dhroch dhaoine eagal orm.
6 Dh’iadh cuird ifrinn mu m’ thim-
chioll: ghabh liontan a’ bhais roraham.
7 A’m’ airc ghairm mi air an Tighearn,
agus ri m’ Dhia ghlaodh mi, agus ehual* e
o ’theampull mo ghuth, agus riinig mo
ghlaodh a’ chluasan.
8 Agus chrathadh agus chriothnaich an
talamh : ghluaiseadh bunaite nan neamh
agus chrathadh iad, a chionn gu*n robh
fearg air.
9 Chaidh deatach suas o 'shroin, agus
loisg teine as a bheul: lasadh eibhlean leis.
10 Agus lub e a neamhau, agus thaiyig
e nuas ; agus dorchadas fo ’chosaibh.
11 Agus mharcaich e air cherub, agus
chaidh e air iteig: agus dh itealaich e air
sgiathaibh na gaoithe.
12 Agus rinn e dorchadas’na phailliun-
aibh m’a thimchioll, comh-chruinneach-
adh nan uisgeacha, neo-l thiugha nan
speur.
13 Leis an dealradh a bha fa ’chomhair
lasadh eibhlean teine.
14 Rinn an Tighearna tairneanacli o na
n&amhaibh, agus leig an Ti a’s aird* a
ghuth a mach.
15 Agus chuir e mach saighdean, agus
sgap e iad ; dealanach agus chlaoidh e iad.
16 Agus leigeadh ris aigean na fairge,
nochdadh bunaite an domhain, le achmha-
san an Tighearna, le seideadh anaile a
shroine.
17 Chuir e nuas o’n aird’, ghlac e mi;
tharruing e mi & mdran uisgeacha.
18 Shaor e mi o m’ namhaid laidir,
iiatha-san a dh’fhuathaich mi; oir bu
treise iad na mise.
19 Ghabh iad romham ann an \k mamh-
ghair: ach b’e ’n Tighearna rao chul-
taice.
20 Agus thug e mach mi gu ionad fars-
uinn : shaor e mi, a chionn gu’n do ghabh
e tlachd annam.
21 Thug an Tighearna luaigheachd
dhomh a reir m’ionracais: a reir gloine
mo lamb dhiol e dhomh.
22 Oir ghleidh mi slighean an Tighearn,
agus o m’ Dhia cha do chlaon mi gu
h- aingidh.
23 Oir bha a bhreitheanais uile a’m’
XXII. 265
fhianuis: agus a reachdan cha do chuir
mi uam.
24 Agus bha mi ionraic ’na fhianuis,
agus ghleidh mi mi fein o m’ aingidh-
eachd.
25 Uime sin dhiol an Tighearna dhomh
a reir m’ionracais, a reir mo ghloine ann
an sealladh a shul.
26 Do’n duine throcaireach nochdaidh
tu thu fein trocaireach, agus do’n duine
ionraic nochdaidh tu thu fein ionraic.
27 Do’n duine ghlan nochdaidh tu thu
fein glan, agus do’n duine reasgach nochd¬
aidh tu thu fein reasgach.
28 Agus an sluagh a ta fo amhghar
saoraidh tu: ach a ta do shuilean an agh-
aidh nan uaibhreach; bheir thu nuas
iad.
29 Oir lasaidh tusa mo Idchran, a Thigh-
earna : agus soillsichidh an Tighearna mo
dhorchadas.
30 Oir leatsa ruith mi troimh bhuidh-
inn : le m’ Dhia leum mi thar balla.
31 A thaobh Dhe, tha a shlighe iomlan ;
tha focal an Tighearn air a dhearbhadh :
is sgiath e dhoibh-san uile a chuireas an
dochas ann.
32 Oir co as Dia ann ach an Tighearn ?
agus co a's carraig ann ach ar Dianne ?
33 Is e Dia mo neart agus mo chumh-
achd; agus tha e deanamh mo shlighe
iomlan.
34 Tha e deanamh mo chos mar chosan
eilde: agus air m aitibh arda socraichidh
e mi.
35 Tha e ’g iunnsachadh mo l&mh gu
cath, air clior as gu’m brisear bogha umha
le m’ ghairdeinibh.
36 Agus thug thu dhomh sgiath do
shlainte: agus rinn do chaoimhneas mor
mi.
37 Rinn thu mo cheum farsuinn fodh-
am, air chor as nach do shleamhnaich mo
chosan.
38 Lean mi mo naimhdean, agus rug mi
orra; agus cha do phill mi air m’ais gus
an do chuir mi as doibh.
39 Agus lot mi iad, agus cha ’n 6irich
iad ; agus thuit iad fo ra’ chosaibh.
40 Oir chrioslaich thu mi le neart chum
catha : leag thu iadsan a dheirich suas a’m’
aghaidh, sios fodham.
41 Agus mo naimhde thug thu dhomh
air mhuineal; iadsan a dh’fhuathaich mi,
agus ghearr mi as iad.
42 Sheall iad, agus cha robh fear-saor-
aidh ann; eadhon a dh’ionnsuidh an
Tighearn, ach cha do fhreagair e iad.
43 An sin mhin-phronn mi iad mar
dhuslach na talmhainn; mar chlabar na
sraide bhruth mi iad, leudaich mi a mach
iad.
44 Agus shaor thu mi o chomh-stri mo
shluaigh; ghleidh thu mi gu bhi ’m
cheann air na cinnich : ni sluagh nach
b’aithne dhomh seirbhis dhomh.
45 Striochdaidh coigrich sios dhomh :
co luath ’sa chluinueas iad, geillidh iad
dhomh.
46 Seargaidh coigrich as, agus bithidh
eagal orra a mach as an aitibh daingne.
47 Is bed an Tighearn, agus gu ma
beannaichte mo charraig-sa: agus aiir
Z 2

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence