Skip to main content

‹‹‹ prev (262) Page 254Page 254

(264) next ››› Page 256Page 256

(263) Page 255 -
CAIB. XIII.
255
thusa, agus gur mac do’n righ thu, tana
mar so o la gu la? nach innis tlm dhomh-
sa ? Agus thubhairt Amnon ris, Tha gradh
:igarn air Tamar, piuthar mo bhrathar Ab-
saloim.
5 Agus thubhairt lonadab ris, Luidh
sios air do leabaidh, agus leig ort a bhi
tinn; agus au uair a thig t’atbair g ad
fhaicinn, their thu ris, Thigeadh, guidh-
eam ort, mo phiuthar Tamar, agus thug-
adh i biadh dhomh, agus deasaicheadh i
am biadh a’nr fhianuis, a chum gu’m faic
mi e, agus gu’n ith mi as a laimh e.
6 Agus luidh Amuon sios, agus leig e
air a bhi tinn; agus an uair a thainig an
righ g’a fhaicinn, thubhairt Amnon ris
an righ, Thigeadh, guidheam ort, mo
hiuthar Tamar, agus deanadh i da
hreacaig a’m’ fhianuis, a chum gu’n ith
mi as a laimh.
7 An sin chuir Daibhidh Jios dhachaidh
a dh’ionnsuidh Tharnair, ag radh, Imich a
nis gu tigh do bhrathar Aranoin, agus
deasaich dha biadh.
8 Agus chaidh Tamar do thigh a brathar
Amnoin, (agus bha esan ’na luidhe,) agus
ghabh i min mhin, agus thaoisinn si t, ag¬
us rinn i breacagan ’na fhianuis, agus
bhruich i na breacagan.
9 Agus ghabh i aghann, agus thaom i
mach tad ’na fhianuis, ach dhiult esan ith-
eadh. Agus thubhairt Amnon, Thugaibh
a mach gach duine uam ; agus thug iad a
raach gach duine uaith.
10 Agus thubhairt Amnon ri Tamar,
Thoir am biadh a steach do’n t-sedmar, a
chum gu’n ith mi as do laimh. Agus
ghabh Tamar na breacagan a rinn i, agus
thug i iad do’n t-seomar a dh’ionnsuidh a
brathar Amnoin.
11 Agus an naira thug i iad d’a ionn-
suidh chum an itheadh, rug e oirre, agus
thubhairt e rithe, Thig, luidh leam, a
phiuthar.
12 Agus fhreagair i e, Ni h-eadh, a
bhr&thair, na h-eignich mi; oir cha choir
a leithid so a bhi air a dheanamh aim an
Israel: na dean-sa an amaideachd so.
13 Agus mise, c’ait an cuir mi air falbh
mo mhasladh ? agus air do shonsa, bithidh
tu mar aon do na h-amadanaibh ann an
Israel: a nis uime sin labhair, guidheam
ort, ris an righ ; oir cha chum e uait mi.
14 Gidheadh, cha’n eisdeadh esan r’a
guth ; ach a chionn gu’m bu laidire e na
ise, dh’eignich e i, agus luidhe e leatha.
15 An sin dh’fhuathaich Amnon i le
fuath ro-mhor, air chor as gu 'rn bu rahd
am fuath leis an d'fhuathaich e i, na ’n
gradh leis an do ghradhaich e i: agus
thubhairt Amnon rithe, Eirich, bi ’g im-
eachd.
16 Agus thubhairt ise ris, Na bitheadh
e mar sin, a bhrdthair; oir is mo an t-olc
so ’nam chur air falbh, na’n t-olc eile a
rinn thu orm : ach cha’n eisdeadh esan
rithe.
17 An sin ghairm e air ’dglach a fhritheil
dha, agus thubhairt e, Cuir a nis a' bhean
so a mach uam, agus cuir an crann air an
dorus ’na deigh.
18 Agus bha trusgan ioraadh-dathach
oirre; oir le leithid so do dheise bha nigh-
eanan an righ, a bha ’nan oighibh, air an
sgeadachadh. An sin thug a sheirbhis-
each a mach i, agus chrann e an dorus ’na
deigh.
19 Agus chuir Tamar luath air a ceann,
agus reub i an trusgan ioraadh-dathach a
bha oirre, agus chuir i a l&mh air a ceann,
agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich.
20 Agus thubhairt a hrathair Absalom
rithe. An robh do bhrathair Amnon maille
riut ? ach a nis, a phiuthar, bi d’ thosd ; is
e do bhrathair e; na cuireadh an ni so
smuairean ort. Agus dh’fhan Tamar gu
h-aonaranach ann an tigh a bhrathar Absa-
loim.
21 Ach an uair a chuala righ Daibhidh
na nithe so uile, bha fearg ro-mhor air.
22 Agus cha do labhair Absalom ri Am¬
non aon chuid ole no raaith ; oir dh’fhuath¬
aich Absalom Amnon, a chionn gu’n d’eig-
nich e a phiuthar Tamar.
23 Agus thachair an deigh da bhliadhna
iomlan, gu’n robh aig Absalom luchd-lom-
airt chaorach ann am Baal-hasor, a tha
l&imh ri Ephraim: agus thug Absalom
cuireadh do mhic an righ uile.
24 Agus thainig Absalom a dh’ionn¬
suidh an righ, agus thubhairt e, Feuch a
nis, tha luchd-lomairt chaorach aig do
sheirbhiseach ; thigeadh, guidheam ort,
an righ agus a sheirbhisicn maille ri d’
sheirbhiseach.
25 Agus thubhairt an righ ri Absalom,
Ni h-eadh, a mhic, na rachamaid uile a
nis, a chum nach bi sinn trom ort. Agus
chuir e impidh air : gidheadh cha b aill
leis imeachd, ach bheannaich se e.
26 An sin thubhairt Absalom, Mur tig
thu fein, thigeadh, guidheam ort, mo
bhrathair Amnon maille ruinn. Agus
thubhairt an righ, C’ar son a rachadh e
maille riut ?
27 Ach chuir Absalom impidh air; ag¬
us leig e le Amnon agus mic au righ uile
dol maille ris.
28 A nis dh’aithn Absalom d’a dglach-
aibh, ag radh, Thugaibh fa’near a nis an
uair a bhios cridhe Amnoin subhach le
fion, agus an uair a their mise ribh, Buail-
ibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na
biodh eagal oirbh: nach d’aithn mise
dhuihh ? bithibh misneachail, agus bith-
ibh treun.
29 Agus rinn dglaich Absaloim ri h-Am¬
non mar a dh'Sithn Absalom: an sin
dh’eirich mic an righ uile, agus chaidh
gach fear dhiubh air a mhuileid, agus
theich iad.
30 Agus an uair a bha iad air an t-slighe,
th^inig sgeul a dh’ionnsuidh Dhaibhidh,
ag radh, Bhuail Absalom mic an righ uile,
agus cha d fhagadh aon diubh bed.
31 An sin dh’eirich an righ, agus reub e
’eudach, agus luidh e air an talamh ; agus
sheas a sheirbhisich uile Bumh ris le ’n
eudach reubta.
32 Agus fhreagair lonadab mac Shi-
meah, brathar Dhaibhidh, agus thubhairt
e, Na smuainicheadh mo thighearna gu ’n
do mharbh iad na h-dganaich uile, mic an
righ ; oir tha Amnon a mhain marbh : oir
le Absalom shuidhicheadh an ni so, o’n la
anns an d’eignich e a phiuthar Tamar.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence