Skip to main content

‹‹‹ prev (186) Page 178Page 178

(188) next ››› Page 180Page 180

(187) Page 179 -
CAIB. X.
J79
agus cba saorar neach air With dhibli o bhi
’nur traillibh, agus ’nur luchd-gearraidh
fiodlia, agus ’nur luchd-tarruing uisge air
son tighe mo Dhe.
24 Agus threagair iad losua, agusthubh-
!airt iad, Do bhrigh gu’n d’innseadh gu
cinnteach do d’ sheirbhisich cionnus a
dh’ aithn an Tighearna do Dhia d’ a oglach
Maois am fearann uile a thoirt duibh, ag-
i,i us luehd aiteachaidh na tire uile a sgrios
| roimhibh, uime sin bha eagal mor ar
I n-anama oirnn roimhibh, agus rinn sinn
; an ni so.
25 Agus a nis, feuch, tha sinn a’ d’
! l&imli: mar a mheasar maith agus ceart
1 leatsa a dheanamh ruinn, dean.
26 Agus mar so rinn e riu, agus shaor e
l iad a laimh chloinn Israeil; agus cha do
(j mharbh siad iad.
27 Agus rinn losua iad san li sin fein
){ ’nan luehd-gearraidh fiodha, agus ’nan
|ll luchd-tarruing uisge do’n chomhchruinn-
each, agus do altair an Tighearn, eadlion
gus an la ’n diugh, anns an ionad a rogh-
naicheadh e.
CAIB. X.
AGUS an uair achual’ Adonisedec righ
lerusaleim gu’n do ghlac losua Ai,
agus gu n do leir-sgrios se e ; mar a rinn e
n lencho agus r’ a righ, mar sin gu 'n d’rinn
e ri h-Ai agus r’a righ ; agus gu’n d’rinn I
luchd-aiteachaidh Ghibeoin sith ri h-is-
( rael, agus gu’n robh iad ’nam measg;
2 Ghabh iad eagal raor, do bhrigh gu’m |
| hu bhaile mor Gibeon, mar aon do na
It bailtibh rioghail, agus do bhrigh gu’m bu
i mho e na Ai, agus gw 'n robh a dhaoine uile
j treun.
3 Uime sin chuir Adonisedec, righ le¬
rusaleim, fios gu Hoham righ Hebroin,
I agus gu Piram righ larmuit, agus gu la-
pliia righ Lachis, agus gu Debir righ Eg-
loin, ag radh,
4 Thigibh a nios a m’ ionnsuidh-sa, agus
cuidichibh learn, a chum gu ’in buail sinn
Gibeon : oir rinn e sith ri losua, agus ri
cloinn Israeil.
5 Uime sin chruinnich cilig righre nan
Amorach, righ lerusaleim, righ Hebroin,
righ larmuit, righ Lachis, righ Egloin, iad
f6in an ceann a cheile, agus chaidh iad
suas, iad fein agus an sloigh uile, agus
charapaich iad fa chomhair Ghibeoin, ag-
us chog iad ’na aghaidh.
6 Agus chuir tir Ghibeoin fios gu losua,
do’n champ gu Gilgal, ag radh, Na dean-
adh do lamb moille o d' sheirbhisich : thig
a nios d’ ar n-ionnsuidh gu grad, agus saor .
| sinn, agus cuidich leinn: oir tha righre j
i i nan Amorach uile a tha ’nan cdmhnuidh
: sna beanntaibh, air cruinneachadh ri
cheile ’nar n-aghaidh.
7 Agus chaidh losua suas o Ghilgal, e
fein agus an sluagh cogaidh uile maille ris,
; agus na fir threuna uile.
8 Agus thubhairt an Tighearna ri losua,
Na gabh eagal rompa ; oir thug mise thairis
do d’ laimh iad : cha seas duine dhiubh
rorahad.
9 Uirae sin thainig losua orra gu
h-obann: re na h-oidhche chaidh e suas o
Ghilgal.
10 Agus chlaoidh an Tighearn iad roirah
Israel, agus mharbh e iad le h-ar mor aig
Gibeon, agus chuir e ’n ruaig orra rathad
uchdaich Bhet-horoin, agus bhuail e iad
gu Hasecah, agus gu Macedah.
11 Agus an uair a bha iad a’ teicheadh
roimh Israel, agus iad air leathad Bhet-
horoin, thilg an Tighearna dacha mora
orra nuas o neamh gu Hasecah, agus
fhuair iad has : bu lionmhoire iadsan a
bhasaich leis na clacha-meallain, na iad¬
san a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidh-
eamh.
12 An sin labhair losua ris an Tighearna,
san la anns an d’thug an Tighearna suas
na h-Amoraich roimh chloinn Israeil, agus
thubhairt e ’m fianuis Israeil, A ghrian,
air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach,
air gleann Aialoin.
13 Agus stad a’ ghrian, agus sheas a’
ghealach, gus an do dhiol ah sluagh iad
fein air an naimhdibh. Nach 'eil so
sgriobhta ann an leabhar laseir? Agus
stad a’ ghrian am meadhon neimh, agus
cha d’rinn i cabhag gu dol fuidhe mu
thimchioll la ioralain.
14 Agus cha robh Id sam bith cosmhuil
ris, an ia sin, roirahe no ’na dheigh, anns
an d’eisd an Tighearna ri guth duine ; oir
chog an Tighearn air son Israeil.
[15 Agus phill losua, agus Israel uile
maille ris, do’n champ gu Gilgal.]
16 Ach theich na cuig righrean ud, ag¬
us dh’ fholaich siad iad fein ann an uaimh
ann am Macedah.
17 Agus dh’innseadh do losua, ag radh,
Fhuaradh na cuig righre folaichte ann an
uaimh ann am Macedah.
18 Agus thubhairt losua, Caruichibh
dacha mora air beul na h-uamha, agus
cuiribh daoine laimh rithe g an gleidheadh.
19 Agus na stadaibhse, ach rachaibh air
toir bhur naimhdean, agus buailibh iadsan
as deireannaiche dhiubh, na leigibh leo
dol a stigh da’m bailtibh; oir thug an »
Tighearna bhur Dia iad thairis d’ ’ur laimh.
20 Agus an uair a chuir losua agus
clann Israeil crioch air am marbhadh le
h-ar ro-mhor, gus an do chuireadh as
doibh, chaidh a’ chuid a mhair dhiubh a
steach do na bailtibh daingnichte.
21 Agus phill an sluagh uile do n champ
gu losua aig Macedah ann an sith : cha do
ghluais neach a theanga an aghaidh duine
sam bith do chloinn Israeil.
22 An sin thubhairt losua, Fosglaibh
uaimh.
23 Agus rinn iad mar sin, agus thug iad
a mach na chig righrean ud d a ionnsuidh
as an uaimh, righ lerusaleim, righ Heb¬
roin, righ larmuit, righ Lachis, agus righ
Egloin.
24 Agus an uair a thug iad a mach na
righre sin gu losua, ghairm losua air fear-
aibh Israeil uile, agus thubhairt e ri ceann-
ardaibh nam fear-cogaidh a chaidh maille
ris, Thigibh am fagus, cuiribh bhur cosan
air muinealaibh nan righ sin. Agus thain¬
ig iad am fagus, agus chuir iad an cosan
air am muiuealaibh.
25 Agus thubhairt losua riu, Na biodh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence