Skip to main content

‹‹‹ prev (163) Page 155Page 155

(165) next ››› Page 157Page 157

(164) Page 156 -
156
DEUTEROXOMI
5 An sin bheir thu mach am fear sin no
a’ bhean sin, a rinn an ni aingidh sin,
chum do gheatachan, eadhon am fear sin
no a’ bhean sin, agus clachaidh tu iad le
clachaibh gus am basaich iad.
6 Aig beul da fhianuis, no thri fhianuis-
ean, cuirear gu bas esan a fcha toillteanach
air bas: cha chuirear gu bas e aig beul aon
fhianuis.
7 Bithidh lamhan nam fianuisean air an
toiseach, g’ a chur gu bas; agus na dh6igh
sin lamhan an t-sluaigh uile : mar sin cuir-
idh tu 'n t-olc air faloh o bhur measg.
8 Ma dh’eireas chis a bhios ro-chruaidh
ort ann am breitheanas, eadar fuil agus fuil,
eadar breth agus breth, agus eadar buille
agus buille, eadhon chisean conspoid an
taobh a stigh do d’ gheataibh ; an sin eir-
idh tu, agus theid thu suas do ’n ionad a
thaghas an Tighearna do Dhia:
9 Agus thig thu chum nan sagart nan Le-
bhitheach, agus a chum a’ bhreitheimh a
bhios anns na laithibh sin, agus fiosraich-
idh tu; agus nochdaidh iad dhuit focal a’
bhreitheanais:
10 Agus ni thu a reir na breithe a
nochdas muinntir an &ite sin (a thaghas
an Tighearna) dhuit, agus bheir thu ’n
aire gu’n dean thu a reir gach ni a theag-
aisgeas iad duit:
11 A reir breth an lagha a theagaisgeas
iad duit, agus a reir a’ bhreitheanais a dh’-
innseas iad duit, ni thu: cha chlaon thu
o’n bhreth a nochdas iad duit, a chum na
laimhe deise no na l&imhe cllthe.
12 Agus an duine a ni gu h-anndana,
agus nach eisd ris an t-sagart, a sheasasgu
frithealadh an sin an l&thair an Tighearna
do Dhe, no ris a’ bhreitheamh, basaichidh
eadhon an duine sin, agus cuiridh tu’n t-olc
air falbh o Israel.
13 Agus cluinnidh an sluagh uile, agus
bithidh eagal orra, agus cha dean iad gu
h-anndana ni's mo.
14 ’Nuair a thig thu chum an fhearainn
a bheir an Tighearna do Dhia dhuit, agus
a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu
cdmhnuidh ann, agus a their thu, Cuiridh
mi righ os mo cheann, mar na cinnich uile
a ta mu ’n cuairt orm :
15 Cuiridh tu air gach aon chor esan ’na
righ os do cheann a thaghas an Tighearna
do Dhia ; aon o mheasg do bhr&ithre cuir¬
idh tu *na righ os do cheann : cha’n fheud
thu coigreach a chur os do cheann, nach
’eil ’na bhrathair dhuit.
16 Ach cha chuir e eich an lionmhoir-
eachd dha fein, ni mo a bheir e air an
t-sluagh pilltinn do’n Eiphit, a chum gu’n
cuir e eich an lionmhoireachd: do bhrigh
gu ’n dubhairt an Tighearna ribh, Cha
phill sibh a so a mach ni's rao air an t-slighe
sin.
17 Ni mo a chuireas e mnai an lion-
mhoireachd dha fein, a chum nach claon a
chridhe air falbh ; ni mo a mheudaicheas
e gu mor dha fein airgiod agus or.
18 Agus an uair a shuidheas e air righ-
chaithir a rioghachd, an sin ath-sgriobh-
aidh e dha fein an lagh so ann an leabhar,
as an leabhar sin a tha ’n lathair nan sag-
art; nan Lebhitheach.
19 Agus bithidh e aige, agus leughaidh
e ann uile laithean a bheatha; chum ga
foghlum e eagal an Tighearn a Dhe a bni
air, uile bhriathran an lagha so a ghleidh-
eadh, agus na reachdan so, chum an dean-
amh :
20 A chum nach bi ’chridhe air a thogail
suas os ceann a bhraithreau, agus nach
claon eon aithne chum na laimhe deise
no na laimhe clithe; air chor as gu’m
buanaich e a laithean ’na rioghachd, e fein
agus a chlann am meadhon Israeli.
CAIB. XVIII.
CHA bhi aig na sagartaibh na Lebhith-
ich, eadhon uile threibh Lebhi, roiun
sam bith no oighreachd maille ri h-Is¬
rael : ithidh iad tabhartais an Tighearn a
bheirear suas le teine, agus ’oighreachd-
san.
2 Uime sin cha bhi oighreachd sam bith
aca am measg am br&ithrean: is e ’n Tigh¬
earna fein an oighreachd, mar a thubhairt
e riu.
3 Agus is e so dlighe nan sagart o ’n
t-sluagh, uatha-san a dh’lobras iobairt,
ma’s tarbh no caora e ; agus bheir iad do’n
t-sagart an slinneau, agus na gialan, agus
a’ mhaodal.
4 Mar an ceudna ceud thoradh t’ arbh-
air, t’ fhiona, agus t’ olaidh, agus ceud lora-
radh do chaorach bheir thu dha :
5 Oir thagh an Tighearna do Dhia e
mach as do threubhaibh uile, gu seasamh
chum frithealaidh ann an ainra an Tigh¬
earn, e fein agus a mhic gu brath.
6 Agus ma thig Lebhitheach o h-aon
do d gheataibh a mach a h-Israel uile, far
am blieil e air chuairt, agus ma thig e le
uile thogradh inntinu do’n ionad a thagh¬
as an Tighearn;
7 An sin fritheilidh e ann an ainm an
Tighearn a Dhe, mar a bhraithrean uile
na Lebhithich, a tha ’nan seasamh an sin
an lathair an Tighearn.
8 Bithidh ac’ uiread ri cheile r’ a itheadh,
a bharr air na thig air o reiceadh a chuid
duine-cloinne.
9 ’Nuair a thig thu do ’n fhearann a tha
’n Tighearna do Dhia ’tabhairt duit, cha
’n fhoghlum thu dheanamh a reir griineil-
eachd nan cinneach sin.
10 Cha ’n fhaighear ’nur measg neach air
bith a bheir air a mhac, no air a nighinn
dol troimh ’n teine, no a ghuathaicheas
fiosachd, no speuradair, no fear-faistin-
eachd, no a ghnathaicheas droch inn-
leachdan,
11 No seunadair, no neach a dh’fhios-
raicheas do leannan-sith, no druidh, no
neach a dh’ iarras edlas o na mairbh.
12 Oir is gr&ineileachd do’n Tighearn
iadsan uile a ni na nithe sin ; agus air son
nan graineileachd sin, tha’n Tighearna do
Dhia ’gam fuadachadh a mach romhad.
13 Bithidh tusa coimhlionta maille ris an
Tighearna do Dhia.
14 Oir dh’eisd na cinnich sin a shealbh¬
aicheas tusa ri speuradairean, agus ri fios-
aichibh : ach air do shonsa, cha do leig an
Tigheama do Dhia leat mar sin a dhean-
amh.
15 Togaidh an Tighearna do Dhia suas
faidh dhuit o d’ mheadhon fein, o d’

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence