Skip to main content

‹‹‹ prev (71) Page 57Page 57

(73) next ››› Page 59Page 59

(72) Page 58 -
Gairdeachas an Fhireau,
' Sann a smuainich mi iomadh uair air,
Gur bochd an sluagli sud 'tha gun ghras,
Gun fhois gun suaimhneas, 's an fhasaich thruagh so,
' S iad dol 's an uaigh air na h-uile laimh ;
Tha iad a' smuaineacli gu'm faigh iad suaimhneas,
Uair no uair mus an d'thig am has :
' S uair bhios iad saoilsinn bhi faotainn buaidh air
Tha righ nat uamhas ga'n cuir 'nan tamh.
Bha mis' co gorach, 's gu'n shaoil learn moran,
A thoirt o'n t-seol ud gu solas Dhe ;
Chaith mi mo shaothair air fior naimlidean,
'S 'nuair theirig cainnt orm cha d'thug iad geill:
'S a nis 's ann thoisicheas mi air oran,
A chuir an ordugh gu ceol d'an trend,
Aig am bheil solas tha srnth o eolas,
Air an f huil chaidh dhoirt' air a chrann-cheus.
O 's ann tha'n solas aig dream fhuair eolas.
Air neach co gloirmhor ri aon Mhac Dhe !
Cha nithe feolmhor ri'm bheil an dochas,
Ach crun gloir ann an rioghachd neimh :
Bu bhochd an storas leo gleann nan deoir so,
' S na bheil do' dh'or aims a chruinne-che ;
Tha'n cridhe deonach bhi tliall thar lordan,
A seinn an orain d'an d'thug iad speis.
O a bhrathraibh nach dean sibh gaird'chas !
Anns gach sarach' thig oirbh fo'n ghrein ;
Togaibh Hasaunah do'n Ti a bhasaich;
Tha ehliu air ardach oscionn nan neamh,
'S an uair a chuimhnicheas sibh air fliabhair,
Le cridhe blath thugaibh dhasan geill;
Tha es' am Pharas mar fhior bhrathair,
Aig ullach' ait' dliuibh 'na rioghachd fein.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence