Skip to main content

‹‹‹ prev (70) Page 56Page 56

(72) next ››› Page 58Page 58

(71) Page 57 -
EMORADAIL.
Biodh t-f hocal dhom mar lochran,
'Gu mo sheoladh 's gach am.
' S dean leis a pldllar neoil sin,
Mo threorach' gu cheann :
Bith' uisgeachan beo,
Ga m" chomhlach' 's gach gleann,
' S bith' mana mar Ion dhomh,
' S thig solas nach gann.
Ach feuch 's mis' an creutoir,
Tha'm feum bhi fo dhion,
Cha'n ionnan mi 's lacob,
A dh'fheuch bhi co dian ;
Ghleachd e cho laidir,
'S gu'n sharaich e shlias'd,
' S gu briseadh na faire,
Cha d'fhailiiig e riamh.
Cha d'fheuch mi mo chruadal,
N'is buaidhich na each,
Ach 's tus' an t-Ard Bhuachail,
'Bheir buaidh anns gach cas;
Saor mi o thruaill'eachd,
' S 0 bhuair.ean gach la,
' Us saor mi 'san uair,
' San d'thig uamhas a bhais.
'Nuair bhios mo chridh' 'gam fhagail,
'S mo chairdeau dol uam,
Air sgath full a chumhnaint,
' Us umhlachd an Uain,
Bith' Aingle do chuirt',
Ga mo stiureadh dol suas,
Gus am fosgail mo sliuilc,
'San Jerusalem nuadh.
57

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence