Skip to main content

‹‹‹ prev (11) Page 7Page 7

(13) next ››› Page 9Page 9

(12) Page 8 -
8
GEARR IOMÌt ADH
ann am milseachd na fìrinn ; sùil aig gach focal ri bunait
an Sgriobtuir, agus air a cho-chur, air ùghdarras an
Fhocail cheudna : — dùrachd an fhìor chaoimhneis 'n a
ghuth agus 'n a shealladh, — tharruing e luchd-èisdeachd
d' a ionnsuidh, dhùisg e an aire, agus chum e an aire 'n
a dùisg ; thug e soilleireachd dhoibh 'n an tuisge, agus
dhrùidh a bhriathran a stigh, gu cumhachdach air cridh-
ibh a' chruinneachaidh mhòir a dhòmhlaich mu a thim-
chioll ; agus thog toraidhean beannaichte a shaothrach
fianuis, nach b' ann an dìomhanas a bha i, oir chunncas
na torraidhean sin anns an t-sìth, an iriosiachd, anns a'
ghràdh bhràthaireil, agus anns an diadhachd neo-cheal-
gaich sin a thaisbein iadsan, 'n an giùlan agus 'n an
imeachd, a ghabh tlachd ann an teagasg Thèarlaich
Chaldair. 'N a aoidheachd agus 'na thabhartasaibh, bu
duine fialaidh do 'n bhochd agus do 'n euslainteach e.
Bu lìonmhor iad sin gu tric timchioli a dhorsan ; agus
is ann gu fòil agus gu ciùin a chomh-pàirticheadh e
riutha, mar bhuilich an Tighearn an comas air. Gheibh-
teadh a chòmhradh " a ghnàth ann an gràs, air a dhean-
amh blasda le salann. " Cha b' aobhar nàire leis riamh
crann-ceusaidh Chriosd, no a sheirbhis, no 'aobhar, no
a phobull, no a mhasladh : agus 'nuair ghairmeadh e gu a
chrann-ceusaidh a ghiùlan is ann a rinn e uaill 's an
uallach.
Chrìochnaich e a thurus, agus dhealaicheadh o'choimh-
thional e a bha dlùth-fhuaithte ris ann an gràdh, agus
d'an tug e fìor ghràdh, an dèigh euslaint a thighinn air
nach robh ach gèarr. Agus ghiùlain e sin anns an
f hoighidinn chiùin agus mhìn sin, a nochd e 'n a chaithe-
beatha gu lèir, agus spiorad a' bhuidheachais aige, 'g a
lìonadh, 's an duine 's an leth stigh ; agus bhuanaich e,
eadhon gus an d' thàinig an uair, " deanamh gàirdeach-
ais an dòchas : foighidneach an trioblaid ; maireannach
ann an ùrnuigh," agus, "a' toirt glòire do Dhia."
Chrìochnaich e a thurus air a' cheud là do mhìos dheir-
eannach an fhogharaidh 's a' bhliadhna 1812, 's a' cheath-
ramh bliadhna thar an trì fichead d' a aois ; agus an
dèigh dha bhi ochd bliadhna deug thar fichead 'n a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence