Skip to main content

‹‹‹ prev (307) Page 293Page 293

(309) next ››› Page 295Page 295

(308) Page 294 -
294
I. T I M.
C A I B. IV.
1 Tka e a' roimh-imiseadh gu'n dUhèid
daoìne anns na h-aimsiribh deir-
eannach air seacharan o'n. chreid-
imh : 6 agus chnm nach biodh
Timoteus a dhèidh-laimh 'na dhleas-
danas, tha e toirl comhairlean eag-
samhail air.
ANIS a deir an Spiorad gu soill-
eir, anns na h-aimsiribh deir-
eannach e gu'n trèig dream àraidh an
cveidimh, a' toirt aire do spioraidibh
mealltach agus do theagasgaibh
dheamhan ;
2 Trìd ceilge bhreugaireaii f , air
bhi d'an coguisibh air an losgadh le
iarunn dearg ;
5 A' toiraieasg pòsaidh, agus ag
iarraidh bidheanna a sheachnadh, . a
chruthaieh Dia chum an gabhail
maiìle ri breith-buidheachais leosan a
ta creidsinn, agus aig am bheil eòias
na fìrinn.
4 Oir is maith gach ni a chruthaich
Dia, agus cha'n ion ni sam bith a
dhiùìtadh, a ghabhar le breith-buidh-
eachais :
5 Oir a ta e air a naomhachadh le
focal Dè agus le h-ùrnuigh.
6 Ma chuireas tu na nithe so an
cuimhne do na bràithribh, bithidh tu
a'd' dheadh mhinisteir do Iosa Criosd,
air t'altrum suas ann am briathraibh
a' chreidimh, agus an deadh theagaisg
air an do ghabh thu eòlas&,
7 Ach diùlt sgeulachda mi-dhiadh-
uìdh shean bhan, agus cleachd thu
fèin chum diadhachd.
8 Oir a ta an cleachda corporra
tarbhach chumbeag nithe; ach a ta 'n
diadhachd tarbhach chum nan uile
nithe, aig am bheil gealladh na beatha
a ta làthair, agus a chum teachd.
9 Is ràdh fìrinneach so, agus is fiu
e air gach aon chor gabhail ris.
10 Oir is ann uime so a ta smn
maraon ri saothair, agus a' fulang
maslaidh, do bhrigh gu bheil dòchas ^
againn san Dia bheo, neach a's e Slàn-
uighear nan uile dhaoine, guJi-àraid
Han creideach.
11 Aithn agus teagaisg na nithe so.
12 Na deanadh duine sam bith
tarcuis air t'òige; acH bi thusa a'd'
elsempleiri do na creidich, ann am
focal, ann an caitheadh-beatha, ann
an gràdh, ann an spiqrad, ann an
creidimh, ann am f ìor-ghloine.
15 Gus an d'thig mi, thoir an aire
do leughoireachd, do earail, do theag-
asg.
14 Na dearmad an tiodhlac a ta
annad, a thugadh dhuit tre f hàidhead-
aireachd, maille ri leagadh làmh na
seanaireachd ort
15 Smuaintich airl na nithibh sin,
thoir thu fèin gu tur dlioibh, chum
gn'm bi do theachd air t'aghaidh
follaiseach do na h-uile.
16 Thoir aire dhuit fèin, agus do
d' theagasg ; buanaich annta : oir le
so a dheanamh, saoraidh tu araon tliu
fèin, agus iadsan a tha 'g èisdeachd
riut.
C A I B. V.
1 Riaghailieaìi a's còir a leantuimi
ann an cronachadh, Z Mu bkan-
irachaibk. 17 Mu sheanairibh. 25
Còmhairle do Timoteus mu thimehzòll
a shlàinte, §c.
NA garg-chronaich seanair, ach
cuir impidh air mar athair,
agus air na h-òig-f hir mar bhràithr-
ibh ;
2 Na mnài aosda mar mhàithrich-
ibh, na mnài òga mar pheathraichibh,
maille ris an uile fhìor-ghloine.
5 Thoir urram ào bhantrachaibh
a tha 'nam bantracliaibh da rìreadh.
4 Ach ma tha bantrach air bith
aig am bheil clann no oghachan, fògh-
lumadh iad air tùs bhi dleasdanach
'nan tighibh fèin, agus ath-dhìol a
thoirt d'am pàrantaibh : oir a ta so
maith agus taitneach am fianuis Dè,
5 A nis cuiridh ise a ta 'na ban-
traich darìreadh, agus air a fàgail 'na
h-aonar, a dòchas ann an Dia, agus
buanaichidh si a là agus a dh'oidhche
ann an atlichuingibh, agus ann an
ùrnuighibh.
6 Ach ise a tha caitheadh a beatha
am macnus m , air dh'i bhi beo, tha i
marbh.
7 Uirae sin àithn na nithe so
c na h-aimsiribh ri teachd. f A 1 labhairt hhreug ann an ceilg. S air an
tfràinig thu. h e&rb&a. i shamhlachas. I Gabh eàram do. m gu sbghaih

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence