Skip to main content

‹‹‹ prev (37) Page 23Page 23

(39) next ››› Page 25Page 25

(38) Page 24 -
24
M A T A.
fuil is feoil sin cluitse, ach m' Athairs'
a ta air nèamh.
18 Agus a deirimse riut, Gur tusa
Peadar, agus air a' charraig so tog-
aidh mise m'eaglais : agus cha tabh-
air geatan ifrinn buaidh oirre.
1 9 Agus bheir mi dhuit iuchraiche
rioghachd nèimhe : agus ge b'e ni a
cheanglas tusa air talamh, bithidli e
ceangailte air nèamh ; agus ge b'e ni
a dh'f huasglas tusa air talamh, bithidli
e fuasgailte air nèamh.
20 An sin dh'àithn e d'a dheis-
ciobluibh gun iad a dh'innseadh do
neach air bith, gu'm b'esan losa an
Criosd.
21 O'n àm sin a mach thòisich lo-
sa air nochdadh d'a dheisciobluìbh,
gu*m b' èigin dasan dol suas gu Hie-
rusalem, agus mòran do nithibh f hu-
lang o na seanairibh, agus na h-ard
shagartaibh, agus na scrìobhuichibh,
agus a bhi air a chur gu bàs, agus a
bhi air a thogail suas air an treas là.
22 Agus ghabh Peadar e, agus
thòisich e air achmhasan a thabhairt
dha, ag radh, Gu ma fada sin uaitse,
a Thighearna ; cha tachair sin duitse.
25 Ach air tionndadh dhasan,
thubhairt e ri Peadar, Imich air mo
chùl, a Shatain, is oilbheum dliomh
tlm : oir cha'n'eii spèis agad do ni-
thibh Dhè, ach do nithibh dhaoine.
24 An sin thubhairt Iosa r'a dheis-
ciobluibh, Ma's àill le neach air bith
teachd a'm' dhèigHse, àicheadhadh se e
fein, agus togadh e air a chrann-ceu-
saidh, agus leanadh e mise.
25 Oir ge b'e neach le'm b'àill
'ànam a ghleidheadh, caillidh se e>;
agus ge b'e neach a. chailleas- 'anam
air mo sgàthsa, gheibh se e.
26 Oir ciod an tairbhe a ta ann do
dhuine, ge do chosnadh e an saoghal
_ uile, agus 'anam fein a chall ? no
ciod i a' mhalairtP a bheir duine air
son 'auama ?
27 Oir thig Mac an duine ann an
glòir'Athar, maille r'a ainglibb ; agus
an sin bheir e do gach neach a rèir a
- ghnìomhara.
28 Gu deimhin a dèirim ribh, Gu
bheil cuid do'n droing a ta 'nan sea-
samii an so, nach blais bàs, gus am
faic iad Mac an duine a* teachd 'na
rioghachd fein.
C A I B. XVII.
1 Atharrachadk agus dealrachadh cru-
tha Iosa. 14 A ta se a' slànuchadh
an leinibh air an robh an tuiteamach,
22 ag innseadh fhulangais roimh-
laimh, 24 agus ag ìocadh na cìse.
A GUS an dèigh shea laithean,
J~\ ghabh Iosa Peadar,agus Seumas,
agus Eoin a bhràthair, agus threòr-
uich e iad air leth gu beinn ard,
2 Agus dh'atharraicheadhachruth
'nan làthair, agus dhealraich 'aghaidh
mar a' ghrian, agus rinneadh 'eudach
geal mar an solus.
3 Agus feuch, chunncas leo r Maois
agus Elias a' comhradh ris.
4 An sin fhreagair Peadar, agus
thubhairt e ri h-Iosa, A Thighearn,
is maith dhuinne bhi 'n so : ma's àill
leatsa, deanamaid tri bothain s an so;
aon duitse, aon do Mhaois, agus aon
do Eìias.
5 Air dha bhi fathast a' labhairt,
feuch, thiìg neul soillseach sgàile or-
ra : agus feuch, guth as an neul, ag
radh, Is e so mo Mhac gràdhachsa,
anns am bheil mo mhòr thlachd, èisd-
ibh ris.
6 Agus an uair a chuala na deis-
^ciobuii so, thuit iad air an aghaidh,
agus ghabh iad eagal ro mhòr.
7 Agus thainig Iosa agus bhean e
riu, lagus thubliairt e, Eiribh, agus na
biodh eagal oirbh.
8 Agus an uair a thog iad suas an
sùiìean, cha 'n fhac iad neach air
bith, ach Iosa 'na aonar.
9 Agus an àm dhoibh teacbd a
nuas o'n bheinn, thug Iosa àithne
diioibh, ag radh, Na-imisibh do neach
air bith an ni a chunnaic sibh, gus an
èirich Mac an duine o na marbhaibh.
10 Agus dh'f hèoraich a dheiscio-
buil dheth, ag radh, C'ar son ma'
seadh a their na scrìobhuichean, gur
èigin Elias a theachd air tùs ?
1 1 Agus f hreagair Iosa agus thubh-
airt e riu, Thig Elias gu firinneach
air tùs, agus aisigidh e na h-uile
nithe :
12 Ach a deirimsè ribh, Gu'n
petra, Gr. F [iomlait. r dh]fhoillsìcheadhdoibh. s pàilliuna.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence