Skip to main content

‹‹‹ prev (33) Page 19Page 19

(35) next ››› Page 21Page 21

(34) Page 20 -
MAT A.
an deireadh an t-saoghail : theid na
h-aingil a mach, agns dealuichidh
iad na droch dhaoine a measg nam
fìreanach ;
50 Agus tilgidh siad iad san à-
mhuinn theintich : an sin bithidh gul
agus gìosgan fhiacal.
51 Thubhairt Iosa riu, An do thuig
sibh na nithe so uile ? thubhairt iad
ris, Thuig, a Thigheàrna.
52 Agus thubhairt esan riu, Air
an aobhar sin gach uile scrìobh-
uiche a ta fòghlumta chum riogh-
achd nèimhe, is cosmhuil e ri fear-
tighe, a bheir a mach as 'ionmhas
nithe nuadh agus sean.
53 Agus thachair an uair a chrìoch-
nulch losa na cosamhlachda so, gu'n
d'imich e as sin.
54 Agus an uair a thainig e d'a
dhùthaich fein, theagaisg e iad 'nan
sionagog, ionnus gu'n do ghabh iad
iongantas, agus gu'n dubhairt iad,
C'àit an d'f huair am fear so an glio-
cas so, agus na feartan ud ?
55 Nach e so mac an t-saoir ? nach
e ainm a mhàthar Muire ? nach iad
a bhràithre, Seumas, agus loses, agus
Simon, agus Iudas ?
56 Agus a pheathraiche, nach 'eil iad
wile maille ruinn ? c'àit uime sin an
d'fhuair an duine so na nithe ud uilè?
57 Agus f huair iad oilbheum ann.
Ach thubhairt Iosa^ riu, Cha'n 'eil
fàidh gun urram, ach 'na dhùthaich
fein, agus 'na thigh fein.
58 Agus cha d'rinn e mòran do
©ibribh cumhachdach an sin, air son
am mi-chreidimh.
C A I B. XIV.
1 Barail Heroid mu thimchioil Chriosd,
5- C'ar son a chaidh an ceann a bhun-
tainn a dh'Eoin Baiste. 13 Chaidh
Iosa gu ionad fàsail, 15 far an do
hheathuich e cùig mìle fear ie cùig
aranaibh, agus dà iasg, tyc.
FA'N àm sin chual Herod an Te-
trach cliu losa,
2 Agus thubhairt e r'a sheirbhisich,
Is e so Eoin Baiste, dh'èirich e o
na marbhuibh, is uime sin a ta feartan
air an oibreaebadh ieis.
3 Oir air glacadh Eoin do Herod,
cheangail se e, agus thilg e am prìo-
sun e air son Herodiais, mnà Philip
a bhràthar fein.
4 Oir thubhairt Eoin ris, Cha 'n-
'ei) e diigheach dhuit a bi agad.
5 Agus an uair bu mhiarin leis a
chur gu bàs, bha eagal a' phobuill air,
oir ì)ha meas f àidh aca air.
6 Ach an uair a bha comhainm
la-breithe Heroìd air a chumail, rinn
nighean Herodiais dannsa 'nan làth-
air, agus thaitinn i ri Herod :
7 Ionnus gu'n do gheall e le mion-
naibh, gu tiubhradh e dh'i ge b'e
air bith ni a dh'iarradh i.
8 Agus air dh'ise bhi air a teagasg
leis a màthair roimh laimh, thubhairt
i, Tabhàir dhomh an so ceann Eoin
Baiste air mèis.
9 Agus bha 'n righ doilich : ach
air son a mhionnan, agus na muinn-
tir a bha 'nan suidhe aig biadh maille
ris, dh'àithn e a thabhairt d%
10 Agus air cur Jir-marbhuidh
uaith, bhuin e a cheann a dii'Eoin
anns a' phriosun.
11 Agus thogadh a cheann air
mèis, agus thugadh do'n chailin e ;
agus thug ise d'a màthair e.
12 Agus thainig a dheisciobuil, a-
gus thug iadan corp leo, agus dh'adh-
laic iad e, agus tliainig iad agusdh'inn-
is iad sin do Iosa.
13 An uair a chual Iosa so, chaidh
e as sin air luing gu ionad fàsail air
leth : agus an uair a chual am pobull
sin, lean iad d'an cois e as nabailtibh.
14 Agus air dol a mach do Iosa,
chunnaic e coimhthional mòr, agus
ghabh e truas mòr dhiubh, agus shlàn-
uich e an droing aca bha euslan.
15 Agus an uair a b'fheasgar e,
thainig a dheisciobuil d'a ionnsuidh,
ag radh, Is àite fasail so, agus 'a ta
an t-àm a nis air dol seachad ; cuir
au sluagh air falbh, chum as gu'n
teid iad do na bailtibh, agus gu'n
ceannuich iau biadh dhoibh fein.
16 Ach thubhairt Iosa riu, Cha
ruig iad a leas falbh ; thugaibhse
dhoibh r'a itheadh.
17 Agus thubhairt iad ris, Cha
'n'eil againn an so ach cùig arainS»
agus dà iasg.
S bmlionna.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence