Skip to main content

‹‹‹ prev (29) Page 15Page 15

(31) next ››› Page 17Page 17

(30) Page 16 -
16
C A I B. XII.
dha fein itheadh, no dhoibhsan a
bha maille ris, ach do na sagartaibh
a mhàin ?
5 No nach do leugh sibh san lagh,
gu bheil na sagairt anns an teampull
air laithibh na sàbaid a' briseadh na
sàbaid, agus lad neo-chiontach ?
6 Ach a deirimse ribh, gu bheil san
ionad so neach a's mò na'n teampuli.
7 Agus nam biodli fhios agaibh
ciod is ciall da so, Tròcair is àill
leam agus cha 'n ìobairt, cha dìteadh
sibh an dream a ta neo-chiontach.
8 Oir is e Mac an duine Tighear-
na na sàbaide.
9 Agus air dha imeachd as sin,
chaidh e steach d'an sionagog.
10 Agus feuch, bha duine ann,
aig an robh Iamh sheargta : agus
dh'fheòruich iad dheth, ag radh, Am
blieil e ceaduichte leigheas a dhean-
amh aìr laithibh na sàbaid ? chum
gu'm biodh cùis dhìtidh aca dha.
11 Agus thubhairt esan riu, Cia
agaibhs' an duine, aig am bi aon
chaora, agus ma thuiteas i ann an
slochd air là na sàbaid, nach beir e
oirre, agus nach tog e mos i ?
j 12 Nach mòrmatais fearr duine
na caora ? Uime sin a ta e ceaduichte
maith a dheanamh air laithibh na sà-
baid.
13 An sin thubhairt e ris an duine,
Sìn a mach do lamh : agus shìn e
mach i ; agus bha i air a h-aiseag
slàn, mar an lamh eile.
14 Ach chaidh na Phairisich a
mach, agus ehura iad comhairle 'na
aghaidh, cionnus a dh'fheudadh iad
a mhilleadh.
15 Ach an uair a thuig Iosa so,
dh'imich e as sin : agus lean slòigh
mhòr e, agus leighis e iad uile.
16 Agus thug e sparradh dhoibh
chum nach deanadh iad follus e :
17 A chura gu coimhliontadh an
ni a labhradh le Esaias am fàidh, ag
radh.
18 Feuch, mo sheirbhiseach fein a
thagh mi, .m'aon gràdhach anns am
bheil tlachd aig m'anam : cuiridh mi
mo Spiorad fein air, agus nochdaidh
e breitheanas do na Cinneachaibh.
1 9 Cha dean e stri, agus cha ghlaodh
e, ni mò a chluinneas neach air bith
a ghuth air na sràidibh.
20 Cha bhris e a' chuilc bbrùite,
agus cha mhùch e an lìon as am bi
deatach,gusantabhair e mach breith-
eanas chum buaidh.
21 Agus is ann a ainmsan a bhith-
eas muinighin aig na Cinneachaibh.
22 An sin thugadh d'a ionnsuidh
duine anns an robh deamhan, dall a-
gusbalbh : agus shlànuich se e, ionn-
us gu'n do labhair am balbhan agus *
gu'n robh an dall a' faicinn.
25 Agus ghabh am pobull uile
iongantas, agus thubhairt iad. An e P
so Mac Dhaibhi ?
24 Ach an uair a chuala na Phai-
risich so, thubhairt iad, Cha'n'eil am
fear so a', tilgeadh a mach dheamhan,
ach trìd Bheelsebub prionnsadh nan
deamlian.
25 Agus thuig Iosa an smuainteafl,
agus thubhairt e riu, Gach rioghachd
a ta roinnte 'na h-aghaidh fein, nith-
ear 'na fàsach i : agus gach uile
bhaile no tigh a ta roinnte 'na aghai dh
fein, cha seas e.
26 Agus ma thilgeas Satan a mach
Satan, a ta e roinnte 'na aghaidh fein;
air an aobhar sin cionnus a sheasas a
rioghachd ?
27 Agus ma taimse trìd Bheelse-
bub a' tilgeadh a mach dheamhan,
trìd cò am bheil bhur clannsa 'gan
tilgeadh a mach ? Uime sin bithidh
iad 'nam breitheanaibh oirbh :
28 Ach ma's ann le Spiorad Dhè a
ta mise a' tilgeadh a mach dheamhan,
thainig rioghachd Dhè chugaibhse r . {
29 No cionnus is urrainn neach (
dol do thigh duine làidir, agus airneis ;
a thighe a chreachadh, mur ceangail .
e air tùs an duine làidir ? agus an sin ,
creachaidh e a thigh
30 An ti nach 'eil leam, a ta se |
a'm' aghaidh : agus an ti nach cruin- ;
nich leam, sgapuidh e.
31 Air an aobhar sin a deirim ribh, j
Gu maithear gach peacadh agus gach
toibheum do dhaoinibh : gidlieadh j
cha mhaithear toibheum an aghaidh
an Spioraid Naoimh do dhaoinibh,
P Nach e. T thugaibhse.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence