Skip to main content

‹‹‹ prev (17) Page 3Page 3

(19) next ››› Page 5Page 5

(18) Page 4 -
4
M A T A.
radh, Is e so mo Mhac gvàdhach, am
bheil mo mhòr thlachd.
C A I B. IV.
] Bhuair an diabhol Criosd an dèisfad
throsgaidh. 17 An dèigh do losa
buadhachadh air, thòisich e air sear-
monachadh.
A.N sin threòruicheadh Iosa leis
an Spiorad do'n fhàsach, chum
gu'm biodh e air a bhuaireadh tèis an
diabhol.
2 Agus ah uair a throisg e dà f hich-
eadlà agus dà fhichead oidliche, an
deigh sin bha ocras air.
3 Agus air teachd do'n bhuaìrea-
dair d'a ionnsuidh thubhairt e, Ma's
tu Mac Dhè, thoir àithne do na cloch-
aibh so a bhi 'nan aran.
4 Ach f hreagair esan agus thubh-
airt e, Ata e scrìobhta, Cha'n ann le
h-aran amhàin a bheathuichear duine,
ach leis gachuile Fhocal a thig o bheul
Dè.
5 An sin thug an diabhol e do'n
bhaile naomha, agus chuireair binn-
ein an teampuill e,
6 Agus thubhairt e ris, Ma's tu
Mac Dhè, tilg thu fein sìos : oir a ta
e scrìobhta, gu toir e àithne d'a aing-
libh ad'thimchioll, agus togaidh iad
suas thu 'nan lamhaibh, chum as nach
buail thu uair air bith do chos air
•cloich.
7 Thubhairt Iosa ris a rìs, Ata e
scrìobhta, Cha bhuair m thu an Tigh-
earna do Dhia.
8 Thug an diabhol e a rìs chum
beinne ro aird, agus nòchd e dha uile
rioghachdan an domhain, agus an
glòir :
9 Agus thubhairt e ris, Iad so uile
bheir mìse dhuit, ma's e air tuiteam
dhuit sìos gu'n dean thu aoradh
dhomhsa.
10 An sin thubhairt losa ris, Imich
uam, a Shatain : oir ata e scrìobhta,
Bheir thu aoradh do'n Tighearna do
Dhia, agus dhasan 'na aonar ni thu
seirbhis.
1 1 An sin dh'fhàg an diabhol e ;
agus feuch, thainig aingil agus fhrith-
eil iad da.
12 Ach an uair a chuaLIosa gu'n
211 dearìh. n r
do chuircadh Eoin an laimh, dh'im-
ich e do Ghalile.
13 Agus air fàgail Nasaret da,
thainig e agus ri«n e còmhnuidh ann
an Capernaum, a ta chois na fairge,
ann an leth-iomall Shabuloin agus
Nephtalim :
14 A chum gu'n coimhliontadh
an ni a thubhradh le Esaias am fàidh,
ag radh,
15 Talamh Shabuloin, agus talamh
Nephtalim, slighe na fairge air an
taobh thall do Iordan n , Galile nan
Cinneach :
16 Am pobull a bha 'nan suidhe
an dorchadas, chunnaic iad solus mòr;
agus a ta solus air èirigh do na daoin-
ibh a bha 'nan suidhe an tìr agus an
sgàil a' bhàis.
17 O sin a mach thòisich Iosa air
searmoin a dheanamh, agus a radh,
Gabhaibh aithreachas, oir a ta riogh-
achd nèimhe am fogus.
18 Agus ag imeachd do losa ri
taobh fairge Ghalile, chunnaic e dithis
bhràithre, Simon d'an goirear Peadar,
agus Aindreas a bhràthair, a' tilgeadh
lìn san f hairge : (oir b'iasgairean
iad.)
19 Agus thubhairt e riu, Leanaibh
mise, agus ni mi iasgairean air daoin-
ibh dhibh.
20 Agus air ball dh'fhàg iad na
lìonta, a -us lean iad esan.
21 Agus air triall da as sin, chuu-
naic e dithis eile bhràithre, Seumas
mac Shebede, agus Eoin a bhràthair,
ann an luing maille r'an athair Se-
bede, a' eàradh an lìon : agus ghairm
e iad.
22 Agus air ball dh'fhàg iad an
long agus an athair, agus lean iad e.
23 Agus dh'imich Iosa timchroll
Ghalileuile, a'teagasg 'nan sionagog-
aibh, agus a' searmonachadh sois-
geil na rioghachd, agus a' slànuchadh
gach gnè thinnis, agus gach gnè eu-
cail am measg an t-sluaigh.
24 Agus chaidh a chliu feadh Shi-
ria uile : agus thug iad d'a ionnsuidh
iadsan uiìe a bha euslan, agus a bha
air an cuibhreachadh le galaruibh, a-
gus iomadh gnè phiantuibh. agus iad-
san aig an robh deamhain annta, a-
i taobh lordam.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence