Skip to main content

‹‹‹ prev (195) Page 191Page 191

(197) next ››› Page 193Page 193

(196) Page 192 -
192
'S tu 'n t-isean a f huair an t-ùmaidh
Ris an t-siùrsaich air na sràidean : —
■S i 'n droch-bheairt a thog 'ad chloinn thu.
'S ann 'ad shloightire 'chaidh t' àrach !
Thoisich thu 'n toiseach gu h-iosal
Air a' chrine 's air a' bhochdainn ;
'S e 'n donas thug dhuit a bhi spòrsail
'S ann bu ehòir dhuit 'bhi 'gad chosnadh.
'8 bochd nach d' fhan thu aig do dhùthchas
'Ad bhriùthair, a' bruich nam poitean,
A' cumail dibhe ris gach grùdair'
'Nuair a dhrùigheadh iad na botail.
Bha thu, greis do'd thim, a'd bhaigear,
'S laidh thu 'n f had sin air na càirdean.
A bhi òidhche 's gach tigh a's dùthaich,
A dhùirigeadh cuid an trath' dhuit :
A mheud 's a bha do dh'ainf hiach ortsa
Chuir thu cuid nam bochd g'a phàigheadh
Ciod e nis' a chuir an stoc thu
Ach an robaireachd 's a mhèirle ?
Shaoil thu gu'm faigheadh tu achain,
(Bu mhasladh gu'm biodh i 'd thairgse)
Cead suidhe 'am pàrlamaid Bhreatunn,
Gun chiall, gun cheartas, 'ad eanchainn.
Duine dall a chaidh air seachran,
Nach eil beachdail air na's fhearra dha .
Le còmhradh tubaisdeach, tuisleach,
*8 le sir dhroch-thuiteamas cearbach.
Duine gun fhearann, gun oighreachd,
Gun ni, gun staoile, gun airgead,
Gun bheus, gun chreideamh, gun chreideas,
Gun ghin a chreideas a sheanachas ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence