Skip to main content

‹‹‹ prev (194) Page 190Page 190

(196) next ››› Page 192Page 192

(195) Page 191 -
191
Tha e *nis *n a ghnothach coltach,
'Rèir an t-soisgeil 'tha mi clkistin»,
Gu'n do chuir thu cùl ri sochair
Na saors 1 a choisinn ar Slànear.
Chuir thu cùl ri d' bhòidean-baistidh,
'8 mòr a mhasladh dhuit an àicheadh,
Chaill thu 'chùirt 'am biodh an ceartas,
Eoghnaich thu m' peacadh 'na li-àite ;
Ghleidh thu 'n riaghailt 's an seòl stiùiridh
A bh'aig lùdas, do dhearbh-bhrkthair ;
'S mòr an sgainneal air do dhuthaich.
Thusa, 'bhrùid, gu'n d' rinn thu fàs innt\
Ach, ged a sheallte 'h-uile doire,
" Cha robh coille riamh gun chrìonach',
'S tha fios aig an t-saoghal buileach
Nach bi 'choill uile cho direach . —
'S tusa 'chraobh 'tha 'n deigh seacadh,
Gun chair t, gun mheangain, gun mheuran,
Gun snothach, gun bhùgh, gun duilleach,
Gun rùsg, gun urrad nam freumhan.
'S tu an t-eun a chaidh 's an deachamli,
'S e nead creacht' an deachaidh t' fhàgail;
'S tu 'm fitheach nach d' rinn an ceartas,
A chaidh air theachdaireachd o 'n aire.
? S tu 'm madadh-allaidh gun f hiaclan,
'S mairg a dh'iarradh 'bhi mar tha thu,
'S tu 'n ceann-cinnidh aig na biastan,
'S tha gach duin' a's fiach a' tàir ort.
Cha n-ioghnadh learn thu 'bhi 'd bhalach,
'Us 'bhi salach aim ad nàdar,
O'n a shin thu risan dùthchas
A bh' aig na sgivirsairean o'n tàin' thu !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence