Skip to main content

‹‹‹ prev (42) Page 38Page 38

(44) next ››› Page 40Page 40

(43) Page 39 -
30
Is bi' fèidh air ghiùlan le làmhach fùdair,
A' cur luaidhe dhù'-ghorm gu dlù nan calg :
An gunna gleusda, s' an cuilean eatrom,
Gu fuileach, feumanach, treubhach, garg,
A' ruith gu siùbhlach, a' gearradh shùrdag,
S' a dol g'a dhùbhlan ri cùrsan dearg.
Gheibhte daonnan mu d' glilacaibh faoine,
Na h-aighean maola, na laoigh, 's na maing ;
Sud bu mhiann leinn am maduinn ghrianach,
Bhi dol g' an iarraidh, 's a' fiadhach bheann,
Ge d' thigeadh siantan oirnn' uisg' is dìle,
Bha seòl g'ar dìdeann mu'n chrìch san àm,
An creagan ìosal am bun na frìthe,
an leaba-dhìona, 's mi m' shìneadh arm.
'S a' mhaduinn chiuin-ghil, an àm dhomh diisgadh,
Aig bun na stùice b'e 'n sùgradh learn ;
A' chearc le sgiùcan a' gabhail tùchain,
'S an coileach cùirteil a 1 dùrdail cròm ;
An dreathan sùrdail, 's a ribheid chiùil aige,
A' cur nan smùid dheth gu liighor binn ;
An druid 's am brù-dhearg, le mòran iiinich,
Ri ceileir sunntach bu shiubhlach rann.
Bha eoin an t-sleibhe 'nan ealtainn gle-ghlan,
A' gabhail bheusan air ghèig sa' choill,
An uiseag cheutach, 's a luinneag fèin aice,
Feadan spèiseil gu rèidh a' seinn :
A chuag, 'sa smeòrach, am bàrr nan ògan,
A' gabhail òrain gu ceòlmhor binn :
'Nuair ghoir an cuannal gu loinneil guanach,
'S e 's glain' a chualas am fuaim sa' ghleann.
'Nuair thig iad còmhla na bheil a' d' chòirse
Do'n h-uile seòrsa bu choir bhi ann ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence