Skip to main content

‹‹‹ prev (41) Page 37Page 37

(43) next ››› Page 39Page 39

(42) Page 38 -
38
An creamh 'na chathraichean, am bac nan staidh-
Stacan fraoidhneasach nach bu ghann : [richean.
Am bearnan-bride, 's a' pheighinn rioghail,
'S an canach min-gheal, 's am mislean ann ;
'S a h-uile nrir dheth, o'n bhun is isle
Gu h-ionad cirean na crich is àird'.
'S rìomhach còta na creige mòire,
'S cha n-eil am fòlach a' d'chòir 'san am,
Ach mionan-còinntich, o 's e bu nòsaire,
Air a chòmhdachadh bhos is thall :
Na lagain chòmhnard am bun nan srònag,
Am bi na sobhraichean, 's neòinein fann,
Gu bileach, feòirneanach, milis, roineagach,
Molach, ròmacb, gach seòrs' a th' ann.
Tha mala ghruamach, do'n bhiolair uaine,
M'un h-uile fuaran a th' ann san f honn ;
Is doire shealbbag aig bun nan garbh-chlach,
'S an grinneai gainmhich' gu meanbh-gheal pronn ;
'Na ghlugan-plumbach air ghoil gun aon-teas,
Ach coileach bùirn tighin' & grunnd eas lòm,
Gach sruthan ùiseal 'na chuailean cùl-ghorm,
A' ruith na spùta, 's na lùba steoll.
Tha bradan tarra-gheal sa' choire gharblilaich,
Tha tigh'n o'n f hairge bu ghailbheach tonn,
Le luinneis mheamnach a' ceapa' mlieanbh-chuileag,
Gu neo-chearbach le cbam-ghob cròm :
Air bhuinne borb, is e leum gu foirmeil,
'Na èideadh colgail bu ghorm-glas druim,
Le shòislean airgid, gu h-iteach, meana-bhreac,
Gu lannach, dearg-bhallach, earr-gheal sliom.
S e Coire-cheathaich an t-aithir prìseil,
S an t-àite rìoghail mu'm bidht' a' sealg,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence