Skip to main content

‹‹‹ prev (202) Page 174Page 174

(204) next ››› Page 176Page 176

(203) Page 175 -
ETYMOLOGY. FOCLACHADH. 175
An, Pùngar aonar, boireanta, anns a' char ainmeach,— Faic Pviailt
15,taobh41.
T-sùil, Ainmear neo- riailteach de 'n dàra teàrnadh, aonar, boireanta
anns an ainmeach a' còrdadh ann an àireamh, gin 'us car, ris a'
Phùngar An. Gabhar sùil an an-so air-son neach no mac.
A, Riochdar Dàimheach, boireanta, aonar, a' còrdadh ri sùil, ann an
àireamh, gin 'us car.
'Nì, Gnìomhar Asdach, an treas pears' aonar de Theacail an Tais-
beanaich o'n ghnìomhar neo-'riailteach dean, 'rinn, 'nì, deanamh,
deanta.
Magadh, Ainmear aonar, fearanta anns a' char chusparach, spreigte
fo'n ghnìomhar 'nì ; no faodar Feairteach a 'ràdh ris,à bhuineas do
'n ghnìomhar mag, mhag, magadh.
Air, Roimhear sìngilt a' spreigeadh an ainmeir 'athair, anns an Doirt-
ach.
' Athair (air-son a athair), Ainmear aonar fearanta de'n dara Teàr-
nadh, spreigte anns an Doirtach leis an Roimhear air.
A, Riochdar Dàimheach à bhuineas do'n ainmear sùil.
Wì, Gnìomhar Asdach, treas pears' aonar de Theacail an Taisbean-
aich bho dean, &c.
Tarcuis, Ainmear aonar boireanta de 'n dara Teàrnadh, spreigte anns
a' chusparach leis a' ghnìomhar 'm.
Air, Roimhear sìngilt, mar chaidh ainmeachadh cheana.
Umhlachd, Ainmear èu-teàrnach, aonar, boireanta de'n cheud Teàr-
nadh, spreigte 's an Doirtach le air ; freumhaichte bho umhal.
Do, Roimhear singilt a' spreigeadh an Doirtich.
'Mhàthair (air-son à mhàthair), Ainmear aonar, boireanta,de 'n dara
Teàrnadh, spreigte 's an Doirtach le do.
Sphnaidh, Gniomhar, an treas pears' iomadh Teacail an Taisbeanaich
Spreigich, de'n ghnìomhar Asdach spìon, 'spìon, spìonadh, spìonta,
no spìonte.
Fithich, Ainmear fearanta de'n cheud Teàrnadh 's an ainmeach iom-
adh, o fitheach, — Teàrnar e so mar theàrnar coileach. — Faic taobh 47.
A', Pùngar aonar fearanta, anns a' char Ghinteach a' còrdadh ri
ghlinne.
Ghlinne, Ainmear aonar fearanta anns a' char Ghinteach agus anns
an staid shèidichte ; sèidichidh ainmear fearanta an Gint. agus an
Dòirt. aonar. Ainmeach aonar gleann, Iom, glìnn gleànntan no
gleanntaichean.
A-mach, Co-ghmomhar measgte, a' ciallachadh àite, air à chur ris a'
ghnìomhar spìonaidh.
/,lìiochdar pearsantail, aonar, boireanta : is è riochdar focal à ghnàth-
aichear an àit ainmeir agus cuirear an-so e, an àit sàil.
Agus, Naisgear sìngilt, a' nasgadh ri chèile an dà ghnìomhar spìonaidh
agus ithidh 's an aon Tìm agus 's an aon Mhodh.
Na, Pùngar iomadh, boireanta, 's an ainmeach, a' còrdadh ri iolairean.
H-iolairean, Ainmear iomadh, boireanta, de' n dàra Teàrnadh 's an
ainmeach, agus cùisear do 'n ghnìomhar ithidh ; o iolair freumh-
aichte bho iùl, adhar. — Teàrnte mar tha ìasgair, — Faic taobh 53.
Oga, Buadhar iomadh, de 'n cheud Teàrnadh anns a' chèum Sheasach
a' còrdadh ri h-iolairean ; coimeasaichte òg, òige, oigid, òigead.
Suas, Co-ghnìomhar sìngilt a' cìallachadh àite.
/, Riochdar pearsantail 's an treas pears' aonar boireanta, a' riochd-
achadh sùil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence