Skip to main content

‹‹‹ prev (398) Page 394Page 394

(400) next ››› [Page 396][Page 396]

(399) Page 395 -
Aipril 1, 1881. j
IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
411
a' saothrachadh ? Cha-n aun. Tba mu thri cheud
rauillion 's a chearnaidh sin de shluagh, ach tha
Africa agus Siar - Eileauan a' chuain mu dheas,
mar uallach air an Eaglais a bharracbd air na
h-Innsean.
AFRICA.
Tha na cogaidbean ann an Africa mu dheas, 'n
an dragh agus nan ceaptuislidh an rathad ar
luchd-saothraich aig an àm. Tba sluagb air an
roinn. Tha gluasadan anfhois agus aimhreite a'
cinntmn. 'S a tha so gu leir an aghaidh soirbbeach-
adh au aobhair. Ach gidbeadh tha'n luchd-
saotbrachaidh guiombacb, cha do chaill iad am
misueachd gu tur, agus cha d'fholuich an Tigb-
earn uatha a ghnuis. Guidheamaid sith air son
Ierusaleim, agus ' Sith Dhè, a tha 'dol tbar na h-uile
eolas,' air son na h-anama tha fathast aineolach air
Prionnsa na Sithe.
LA SABAID ANN AN LlBHINGSTONIA.
Sud an clag a' bualadh aig ocbd uairean 's a'
mhaduinn. Tba seirbbisich, luchd-oibrich agus na
gillean òg 1 a' tional gu cheil, airson an aoraidh, —
seinn, leughadh an fhocail, agus urnuigh ann an
Tsinyanja, — cainnt an t-sluagh. An deigh sin tha
am braicfhaist. Aig deicb tha'n clag a rithisd a'
bualadh airson an aoraidh fhollaiseach. Tha'n
tigh mu mheud aon de na sgoilean Gailig 's a
Ghaeltacbd, 's a tha an sluagh 'nan suidhe air an
aon doigh suas 'us sios air feadb an tighe, agus tha
e làn eadar shean us òg. Tha an t-aoradh air fad
air a chuairteachadh ann an cainnt na dùthcha.
An toiseach tha iad a' seinn laoidh. Tha sin air a
leanntuinn le h-iirnuigh. Tha'rn fear-teagaisg a
nis 'leughadh earrann de'n t-Soisgeul a reir Eoin,
agus 'g a mbineachadh do 'n chuideachd. An deigh
sin, thasa 'seinn a rithisd agus a' co-dhùnadh le
h-urnuigh. An deigh cairteal uaire tha an clag a'
bualadh a ris, 's a tha 'n t-seirbhis a' toiseachadh as
ùr. An sin, an deigh seinn us iimuigh, tha an
sluagh air an ceasnachadh. Tha cuid neo-thoileach
freagairt ach tba a mhòr - chuid a' freagairt gu
h-ealamh agusguduracbdach, gu h-araid an oigridh,
agus an deigh focal earail tha an t-seirbhis air a
criochnachadh. Aig letb uair an deigh da-uair-
dheug tha àm an dinneir. Aig da uair tha an
Sgoil-Shabaid. Aig co-dhùnadh na sgoile tha na
gillean a 's seana agus fear-teagaisg, a 'gabhail eathar
agus a dol thar na Linne, cuig mile, gu sluagh
Mpango. Tha iad an sin a 'bualadh clag agus tha
an sluagh a' tional. Fo sgail craoibhe, tha iad
'n an suidhe fhads 'a tha Criosd agus a ghloir mar
Shlanuidhear air an cur an ceill doibh. A reir
an aimsir, tionalaidh eadar leth - cheud agus dk
cheud chum na coinneamhan so a 'toirt an aire gu
durachdach do theachdaireachd a' mhor-aoibhneis.
'S an fheasgar tha-sa ag amharc neach 's am bith
a dh'fhaodas a bhi euslaint. Mar so tha-sa 'caith-
earah na Sabaid agus 'g a naomhachadh do'n
Tighearna ann an Libbingstonia. gun robh e fein
a thubbairt ' 's a mhadainn cur do shiol agus 's an
fheasgar na cum air ais do laimh' a' beannachadh
am siol-chuir, agus a' deonachadh fogbaraidh nau
sguaban trom, am measg fineachan dubh Baile-
mhic-Dhuin-leibhe.
0-
AN T-INNSE AN ACH AGUS A NIGHEAN.
Bha Mòr Roinn Cbanada roimhe so, ann an seilbh
nan Innseanach ; agus air a h-àiteachadh leo, mar
a bha Gaeltachd na h - Alba roimhe so, le na
cinnidhean a chòmhnaich innte. B'e cuid de
aoradh nan Innseanach ud aon uair 'sa bhliadhna
aon de nigheanan òga nan treubhan bhàth-
adh ann an eas Niagara, mar iobairt do na diathan
aca'chum gu'm biodhiad toirbheartach riu. Bha an
tè a bha gu bhi air a bàthadh, air a roghnachadh
le crannchur. An tè air an tuiteadh an crannchur,
bha i air a bàthadh mar iobairt do'n dia.
Thachair air am de na h-amanna, gu'n do thuit an
crannchur air nighean ceann-feadhna aon de na
treubhan aca. Cha robh comas air. Cha robh aige
ach an aonleanabh cloinne, an aon nighean so. Bha
i gu mor air a gràdhachadh le h-Athair ; agus mar
an ceudDa na h-aobhar uaill dha ; oir cha robh
boirionnach òg air bith eile, arms an trèubh, a bha
cho maiseach rithe. Gidheadh cha dubhairt e
smid, 'us cha dubhairt i fein smid ; oir a reir nan
laghanna, agus an rian aoraidh aca, cha ghabhadh
an ni atharrachadh. Fadheoidh tbàinig an là.
Thriall i fein agus a h-atbair a db'ionnsuidh na
h-aimhne. Bha mòr shluagh cruinn. Thàinig am
bàta gu foir na h-aimhne ; agus an sin — 'na làn
uidheam, chaidh i a steach do'n bhàta — a bha air
a ghiulan a' chuid agus a' chuid, sios a dh'ionnsuidh
an eas. Ach cha b'urrainn an seann - duine, a
h - athair, cumail air fèin na b' fhaide. Bha a i
chridhe dlù air sgaineadh, ge d' nach do leig e ris e.
Ach a ni? leum e a chlisgeadh, ann am bàta beag
eile, bh'aig taobh na h-aimhne. Dh'iomair e, gus
an d'thainig e taobh ri taobh ri bàta a nighinn ;
agus chaidh iad le chèile thar an eas agus bhàthadh
iad.
Faic an gaol a bh'aig' d'a nighean. Ach cha do
shaor so o'n bhàs i. Ghràdhaich Criosd an Eaglais,
agus le a bhàs shaor e i, o bhàs siorruidh. cia
mòr an gràdh leis an do ghràdhaich E i ; air dha
E fein a thoirfc air a son. Gràdhaicheamaid Criosd ;
agus gràdhaicheamaid a cheile, agus ar teaghlaich-
ean, agus ar co-chreutairean, le a leithid so do
gràdh — gràdh a dh'iarras agus a shaothraicheas
a chum 'us gu'm bi iad air au tearnadh, 'us gu'm
bi Esan air a ghlòrachadh ' a thug E fein air an
son.'
NAIGHEACHDAN-EAGLAIS AIR A'
GHAIDHEALTACHD.
MINISTEAEAN A FHUAIR GAIRM.
Mr. Alastair Seagh, gu Torosaidh am Muile.
Mr. Eoin Mac-an-Toisich, gu Inbhearlocbaidh.
MINISTEAR A SHUIDHICHEADH.
Mr. Cailean C. Mac Cotnnich, an Strathghlais.
MINISTEAR A CHAOCHAIL.
Mr. Alastair Mac-an-Toisich, aun am Paisleidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence