Skip to main content

‹‹‹ prev (396) Page 392Page 392

(398) next ››› Page 394Page 394

(397) Page 393 -
Aipril 1, 1881.]
IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
409
chungaidhean - leigheis. Bha na h-uiread de
Spàinnich, fir agus mnathan, a' tighinn ach beag
gach latha, agus smuainich mi gu'n robh e an t-
am ulluchadh air chor-èigin a dheanamh air son
coinneachadh r' an cor, sin r' a ràdh, tigliinn na 's
faisge air na dorsan aca. Bha Ballata air an
inntinn againn, do bhrigh nach 'eil teachdair air
bith eile an sin, agus nach gabh faotainn a stigh gu
calg-dhireach air an t-sluagh bhochd, aineolach, a
tfla 's a' cheàrna sin. Dh' fhosgail an Tighearna
dorus. Tha bana-Phrotestanach Ghearmailteach,
a tha 'feitheamh aig ar seirbhis air an t-Skbaid,
toileach a seòinar a thoirt dhuinn uair no dà
uair 's an t-seachduin. Theid an t-Ollamh Rosen-
berg an sin na h-uile Di-Ciadainn, agus coinnichidh
e na h-Iudhaich anns an àite agus k Haaskevy, a
tha 'tighinn air son leighis. Le ùine, theagamh
gu'n teid e an sin dà uair 's an t-seachduin. Gu'n
deònaich an Tighearna fosgladh am measg an t-
sluaigh aineolaich agus bhaoth-chreidich so!
CONSTANTINOPLE.
Ann an litir gu Mr. Thomson tha Mr. Tomory a'
labhairt mu sheachdnar a tha ann an suidheachadh- |
inntinn gealltuinneach. Tha e ag radh gu bheil a'
bhuidheann a tha e 'teagasg air feasgair Dhi-
Ciaduinn ro mhòr aig an am, agus gu bheil gu
trie an tigh làn de luchd-èisdeachd Iudhach. Tha
e 'n sin ag innseadh mu dhithis Iudhach o'n d'
fhuair e litir.
'Air an t-seachduin so chaidh,' tha e a' sgriobh-
adh ' thàinig litir o dhithis Iudhach ann an Ruisia,
ag iarraidh tighinn an so, chum gu n cluinn iad an
soisgeul. Bha iad 'n an companaich aig Margoliot,
a bhaisteadh an so 's an t-satnhradh an uiridh,
agus a tha nis ann am Prague ann an obair iaruinn.
Bha iad maille ris an uair a bha an rabi
thàinig gu bhi dearbhta 'n a inntinn a thaobh firinn
an t-soisgeil, air a thilgeadh am priosan, far an d'
fhuair e bàs goirid an dèigh sin. Bha iad ann mu
f hichead pearsa, agus sgapadh iad uile. Fhuair Mar-
goliot a rathad thugainne à Roumania ; ach tha an
dithis so a' sgriobhadh à Ruisia ; agus cha bhiodh e
glic dhuinne cuireadh a thoirt dhoibh le litir gu
tighinn an so. Nam faiceadh iad fein iomchuidh
tighinn, dh' fheuchamaid ri deanamh air an son mar
a b'fhearr a b'urrainn duinn, direach mar a rinn sinn
air son Mhavgoliot ; ach feumaidh iad tighinn air
an comhairle fhèin. Buinidh iad do luchd comh-
bharail nan Hasidim, a tha cho dian 'n an aidmheil ;
agus dh' fheumadh iad deiligeadh sonruichte bhi
riutha. Tha freumh domhain aig fèin-fhireantachd
agus uabhar Iudhach annta, nach dean ni ach fior
ghrks agus teagasg beò an t-soisgeil a thoirt as a'
bhun. Cia tiugh am brat a tha an crochadh thar
an dream sin, agus gidheadh tharruing an Tighearn
iomadh aon as am measg.'
STRASSBURG.
(Litir o Dhr. Furst gu Mr. Brown Douglas.)
Tha mi subhach ann a bhi 'toirt iomraidh thaitnich
a thaobh na h-oibre 's an kite so. Bha tuilleadh a
feitheamh aig an t-seirbhis Bheurla air a' gheamh-
radh so na aig km air bith eile d'en bhliadhna.
Is iad Breatunnaich agus Americanaich a th' anns
a' chuid a 's mo de'n choimhthional Bheurla — mòran
diubh 'n an lighichean òga, a thkinig an so air son
fòghluim ann an earannan kraidh de'n ealadhain-
leigheis. Tha e 'n a aobhar misneachaidh agus
taingealachd a bhi 'faicinn uiread de lighichean a'
frithealadh aig ar seirbhis. Tha cuid diubh a bha
amharusach, no caoin-shuarach a thaobh diàdhaidh-
eachd, ach a tha air bhi air an toirt anns an talla
againne gu bhi 'rùnachadh Criosd a leantuinn.
B'urrainn mi ni no dhà innseadh uime so, ach
leigidh ni leis gu uair eile. . . . Tha mi ro thoilicbte
a ràdh gu bheil an t-seirbhis anns a' Ghearmailis
mar an ceudna air a frithealadh na 's fèarr na
b'kbhaist, an da chuid air an t-Skbaid agus air
Diardaoine.
Tha an t-òganach Iudhach a bha mi a' teagasg le
siiil ri e bhi air a bhaisteadh air dol do'n Cholaisde
ann an Wurzburg, ach tha co-sgriobhadh agam
ris. Tha mi ro dhoilich gu'm b'èigin da m'fhagail,
oir feudaidh so dkil a chur anns a' cheum chud-
thromach. Is ainmig a chunnaic mi duin' òg a
tha cho fòghluimte ris 's a' chànain Eabhruidhich.
Tha e' cur a mach leabhar dhkn 's a' chknain sin.
Tha ar leabhar-reiceadair (colporteur) a' toirt
skr riarachadh dhomh. Air an rkidhe mu dheir-
eadh reic e dà fhichead agus cùig Biobull ; còrr
'us dk cheud Tiomnadh Nuadh, dhk-dheug de
Leabhraichean Mhaois, agus cùig 'us tri fichead
leabhar- Shalm. Tha e air iarraidh air, mar a tha
e 'dol o thigh gu tigh gu Iudhaich agus Cinnich,
an aire shònraichte thabhairt gu'n gabh e gach
cothrom air labhairt ri sliochd Abrahaim mu'n aon
ni fheumail. Tha mi toilichte rkdh nach 'eil e
'call cothroim air so a dheanamh. Bheir mi
direach eisimplear no dhk air so o'n iomradh
rkidheil air a shaothair a tha nis air mo bheulaobh.
Bha e ann am baile beag air 'kiteachadh le Pro-
testanaich agus Iudhaich, agus anns an dara tigh
dh'ionnsuidh an deach e fhuair e Iudhaich do'n
do thairg e Biobuill agus Tiomnaidh Nuadha a
reic. Chuir bean-an-tighe an aghaidh Biobull
iomlan a cheannach, do bhrigh gu bheil sin air a
thoirmeasg, agus gu bheil fhathast dùil aig na
h-Iudhaich ris a' Mhesias. Labhair an colporteur
rithe mu bhreith Chriosd, agus bhonntaich e
'argumaid air an fhkidh Isaiah ; agus bhuadhaich
e air chor 's gu'n do cheaunaich i Biobull iomlan,
anns am bheil an Tiomnadh Nuadh. Thiodhlaic e
d'a h-inghinn mar an ceudna leabhragan a tha
'toirt eachdraidh mu iompachadh ban- Iudhaich
gu Criosduidheachd. Anns a' bhaile cheudna
chaidh e do thigh-òsda, a tha air a chumail le
Iudhach, agus an sin choinnich e ri iomadh
Iudhach. Thàinig Iudhach òg d'a ionnsuidh, agus
cheannaich e cuig leabhraichean Mhaois, agus bha
e air aomadh mar an ceudna gu Tiomnadh Nuadh
a cheannach. Mun gann a bha a' bharagain air
a criochnachadh dh'eirich 'athair suas ann am
feirg, a' ckineadh a' cholporteur agus a mhic ann
an cainnt nimheil. Ann an tiota bha na h-Iudh-
aich uile air an casan, agus dh'eirich iorguil agus
gleadhar nach bu bheag, ach chum an colporteur
air fhèin. B'èigin do'n òganach an Tiomnadh
Nuadh chur air ais, agus dh'fhkg na h-Iudhaich
gu lèir an tigh, lkn feirge air son gu'm biodh de
mhisnich agus de ladurnas aig a' cholporteur a
leithid a leabhar a thairgseadh dhoibh-san r'a
cheannach. So eisimpleirean air cuid de na
n'ithibb. e tha 'coinneachadh riutha-san a tha
'saoithreachadh am measg nan Iudhach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence