Skip to main content

‹‹‹ prev (395) Page 391Page 391

(397) next ››› Page 393Page 393

(396) Page 392 -
408
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Aiprit 1, 1881-
BRESLAU.
Tha Mr. Edward, aDn an litir a thàinig uaithe o
chionn ghoirid, a' labhairt mu bhas Mhrs. Loewi a
chaidh a bhaisteadh o chionn beagan mhiosan.
Rinn i aideachadh aoibhneach' air Criosd, leis an
robh na h-uile a tlia 'deanamh faire thar soirbh-
eachadh na h-oibre 's an àite so air an togail
agus air am misneachadh. Direach mun do
bhaisteadh i thubhairt i, ' Is i an aon uair deug
agamsa a th' ann.' B' i an laoidh a b' annsa
leatha gus a' chrich a bhi 'seinn an laoidh mu'n
Tobar a chaidh fhosgladh.
Tha Mr. Edward a' labhairt mu cheathrar
dhaoine òga a tha fo theagasg aige, agus aon
diubh mar gu'm biodh e air a chur thuige le
faireachadh neo-fhoisneach, do-chur an cèill, gu bhi
'g iarraidh ni-èigin os ceann teagaisg an Talmuid.
Tha mu thimchioll ceithir cheud de mhuinntir òig
a' frithealadh anns an sgoil Shàbaid. Cha d'fhuair
na teachdairean sgoil sheachduin a chur air chois ;
ach tha e 'na aobhar taingealachd gu bheil àireamh
cho mbr a' cruinneachadh gu teagasg fhaotainn air
latha 'n Tighearna ; agus gu bheil mar an ceudna
sgoil oidhche air a fosgladh far ambheil tri
oidhchean 's an t-seachduin dà fhichead òganach a'
cruinneachadh gu bhi 'faighinnfòghluimCriosduidh.
Tha Mr. Edward ag iomradh mu thadhall Mhr.
Basim air a shlighe gu Iassy. Bha coinneamh
èifeachdach aige 's an àit aoraidh am Breslau.
Bha an tigh làn, ged a bha cuid de na h-Iudhaich
òga a thàiuig g' a èisdeachd mar nach biodh mbran
tlachd aca anns na firinnean soilleir a thug an
t-iompachan eudmhor Iudhach so f an comhair.
Tha Mr. Basim ii sgriobhadh à Iassy gu bheil
dòchas aige gu'm fosgailear dorus èifeachdach dha.
Cha-n 'eil e deas fhathast gu tbiseachadh air
coinneamhan follaiseach, agus tha e iomchuidh
gu'n rachadh e air aghaidh gu faicilleach.
Eadhon a cheana tha e a' labhairt mu chuid anns
am bheil iarrtus air a dhiisgadh, agus aon diubh
ag iarraidh baistidh, ged nach 'eil e fathast
iomchuidh air a shon.
GALATA (aig Constantinople).
Tha Mr. Tomory a' sgriobhadh : —
'Air an t-Sàbaid so chaidh Mrs. Kohar a bhais-
teadh. Re bhliadhnachan chual i mu'n t-soisgeul.
Chaidh ceithir nigheanan di roimpe, agus ghabhadh
a steach iad do eaglais Chriosd. Tha aon diubh
aim am Brasil (ann an America mu dheas). Tha
aon eile ann am Paris, agus i fein agus a teaghlach
air am baisteadh. Tha an treas aon 'n a bana-
AM MEASG NAN IUDHACH.
mhaighstir-sgoile eudmhor a' saoithreachadh maille
ri Miss Ewan ann am Koskoundjouk. Bhaisteadh ise
an so o cheann cheithir bliadhna. Chuir so maoim
air a màthair, agus chaidh i do Alecsandria gu bhi
maille ri mac a th' aice an sin. An dèigh dhi
tighinn air a h-ais bha i ni bu naimhdeile na bha
i riamh ; agus bhiodh i 'dol do Khoskoundjouk
nam b' fhior a dh' fhaicinn Miss Ewan agus a
dithis nighean fèin, ach da rireadh, 's e'bh' aice 's
an t-sealladh a nighean a 's bige, Rosa, a thàladh
le geallaidheaD breagha gu dol cbmhla rithe do
Bhallata. Bha Rosa seasmhach, agus dhiult i ;
ach, chum a teasairginn o na h-ionnsuidhean agus
na buairidhean so, thug sinn leinn i do Dhachaidh
nan caileag an so ; agus bhaisteadh i deireadh- a
gheamhraidh.
Riun seasmhachd agus dànachd Rosa drùigheadh
domhain air a mathair. Bha i làthair aig a' bhais-
teadh, agus bheannaich an Tighearna dhi na
chunnaic agus na chual i an latha sin. Goirid an
dèigh sin dh' iarr i bhi air a teagasg. Air dhi
na h-uiread a chluinntinn mu'n t-soisgeul rè
iomadh bliadhna, thàinig i air a h-aghaidh gu
h-ealamh ; agus tha i nis tre ghràs air tighinn
gu bhi, cha'n e mhàin 'n a bana-chreidmheach
iriosal anns an Tighearn Iosa Criosd, ach mar an
ceudna air a saoradh o na fiar-bhreithnichidheau
agus na baoth-chràbhaidhean do'm bheil na ban-
Iudhaich Spàinneach cho buailteach. Tha e a' cur
iongantais orm, agus tha mi 'g a ghabhail mar
chomhar air mhaith, gu'n trebraich an Tighearn
air a h-aghaidh i o ghràs gu gràs, agus gu'n
cuidich e leatha rè a ciirsa. Tha i naoi bliadhna
deug 'us da fhichead, agus tha i ro thuigseach agus
gmomhach. Tha i chbinhnuidh ann an Dachaidh
nan caileag, far am bheil i ro fheumail.
Maille ris a' bhantraich so bhaist mi caileag
bheag, Marie Bergman, aois sheachd bliadhna,
anns an Dachaidh. Tha ise de theaghlach na 's
inbhiche, agus thug a h-athair i do ar lamhaibh-
ne le iarrtus gu'm biodh i air a baisteadh. Bha
an t-Sàbaid 'n a latha tiadhaich, agus leithsgeul
maith aig mbran de na h-Iudhaich air son fuireach
air falbh, ach an dèigh sin bha àireamh mhaith
dhuibh a làthair. Rinn mi an t-searmoin anns a'
chànain Ghearmailtich, ach anns an earail do'n
rnhnaoi ghnkthaich mi a cànain fèin, a' chànain
Spàinneach. Dh' iarainn urnuighean chairdeau
ionmhuinn aig a' bhaile as leth na mnatha agus
na caileig so, agus as leth nan uile a tha chbmhnuidh
ann an Dachaidh nan caileag.
Is fad o nach d' thubhairt mi dad mu'n tigh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence