Skip to main content

‹‹‹ prev (373) [Page 369][Page 369]

(375) next ››› Page 371Page 371

(374) Page 370 -
386
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
\_lanuaraidh 1, 1881.
A' G-HAIDHEALTACHD AGUS NA H-EILEANA.
IUBILE MINISTEIR GAIDHEALAICH.
A DHA bhliadhna an ama so, mheal sinn an toil-
inntinn iomradh a thoirt seachad mu lubile dithis
mhinisteirean urramach ann an Cleir Inbhirnis, a
tha le chòile air am fàgail again n, agus ann an
comas searmonachadh d'an coimhthioualaibh gus
an là 'n diugh. Tha an taitneas againn a nis
luaidh a dheanamh air lubile teaclidaire urramaich
eile, — Mr. Seuinas Domhnullach ann an sgireaohd
Urraidh, an Clèir Inbhir-Feobhaireain, — a chr och-
naieh an leth-cheudamh bliadhna d'a mhinistreil-
eachd aig toiseach a' gheamhraidh so. Aig an am
sin, clioinnich Clèir Inbhir-Feobhaireain maille ri
coimhthional Mhr. Domhnullaich ann an Eaglais
Urraidh, chain crimhneacban a chumail air seirbhis
dbrieis an Teachdaire urramaich so, agus a chum
an deadh-gheau a nochdadh dha n a shean aois.
Air ceud inhios a' gheamhraidh, 's a' bliliadlina
1830, shuidhicheadh Mr. Domhnullach mar fhear-
cuideachaidh d'a athair fein a bha aig an àm sin,
'n a mhinisteir an sgireachd Urraidh. Aig am
Dealachaidh na h-Eaglais, thilg e steach a chrann-
chur maille ri seinn Eaglais Shaoir na h-Alba ;
agus lean e air saoithreachadh gu dichiollach ann
an coimhthional na sgire 's an d'rugadh e, gu
toiseach na bliadhna so a chaidh. Air dha 'fhaotainii
fein eu-comasach chum uile dhleasdanasa sgire co
farsuing, agus coiinhthionail co mòr, a choilionadl;
na 'b 'fhaide mar bu mhaith leis, dh'iarr e fear-
cuideachaidh o Ard-Sheanadh na h-Eaglais; agus
aig toiseach an Earraich s' a chaidh, fhuair e sin
ann am pearsa Mhr. Beaton a bha suidhichte 's a'
Choigich — duine a rèir a chridhe fein. An dei^h
dha-san a bhi air a shuidheachadh an Urraidh,
chaidh an seauu Teachdair urramach air imrich gu
Ìubhir-Feobhàlreain-. Thaisbeanadli deadh-gheau
a' choimhthionail dha an truth sin le tiorlhiac
eireachdail bhi air a thaii'gseadh dha; ach do
bhrigh gu-n robh an lubile aige co dlùth, chuir
iad dail ann an deanamh na bha 'ri an cridhe gus
an tigeadh an t-àm sin. An uair a tbainig e, chaidh
coimhihionalan eile 's a' choimhearsnachd, agus
tighearnan 's a' chearnaidh sin nach buin idir do 'n
Eaglais Shaoir, maille r'a choimhthional fein ami
an guaillibh a 1 cheile chum am mòr-speis a nochd-
adh do 'n duine uasal, urramach. Aig a 1 choinneamh
ann an Urraidh, bha Dr. Ceanadaidh a Inbhir-
Feobhaireain anns a' chaithir; agus a thuilleadh
air buill na Clèire, bha ministeirean a làthair o
Chleiribh eile 's an nabuidheachd, am measg an
robh Dr. MacAoidh & Inbhirnis, agus Mr. Fuseil
à Cnoc-Mhuire, an dithis aithrichean urramacha a
ràinig lubile am ministreileachd o chionu dà
bhliadhna. Thòisicheadh seirbhis an là le dà
sheannoin a thugadh seachad le Mr. M'Coinnich a,
Cille-Mhòraig, an ath mhinisteir a's sine 's a'
Chleir. Aig comh-dhùnadh nan searmoin, leugh
Mr. M'Coinnich pàipeir-sgiiobhta anns an robh a'
Chleir a' cur an cèill d'an seauair ionmhuinn am
inòr spèis dha. An deigh do Mhr. Domhnullach, aon
de sheanairibh na sgire pàipeir eile a leugliadh,
anns an d'rinneadh iomradh mu dheadh-ghean an
t-Seisein agus a' choimhthionail, thug Mr. M'Coinn-
ich, tuathanach àraidh, òrdugh-Bainc dj 'n Teachd-
air urramaich air son £200, mar chornhara air
dea lh dhùrachd a choimtliionail fein agus dhream
eile tliuilleadh orra, aig am bheil mòr-mheas air,
mar mhinistear a shaothraich gu dichiollach rè dhà
fhichead blia'lhna 's a deich, agus a rinn le 'chaithe-
beatha cubhaidh an soisgeul a shearmonaich e a
mholadh d'a luchd-eisdeachd. An deigh do Mhr.
Domhnullach freagairt iomchuidh a thoirt seachad,
anns an d 'aithris e caochladh nithe neònach mu
amannaibh an Dealachaidh, labhair Dr. MacAoidh,
Mr. Friseil, Mr. Aird à Craoich, agus Mr. Sinclair
a Inbhir-Gordoin, daoine a rinn uile luaidh air an
spèis do Mhr. Domhnullach, agus air am meas de
luach na seirbhis a thugadh dha a dheanamh ann
am ministreileachd an t-soisgeil. Aig dinneir a
f hritheileadh 's an fheasgair, thugadh le Mr. Beaton,
o choimhthional Urraidh, tiodhlac de £30, do Dhr.
Ceanadaidh, a thaisbeanadh am meas d'a luach do'n
Eaglais Shaoir, d'a chomasaibh ro-àrda, agus d'an
chomain fo 'm bheil e a' cur na Gaidhealtachd le
'shaothairibh lionmhora agus ro-flieumail.
Barail Goill mu'n Ghaidhealtachd.
Cha mliisd sinn air uairibh a chluinntinn ciod a^
tha muinntir eile a' smuaineachadh agus ag ràdh
iii'àr timchioll-ne 's an Taobh Tuatha. Fhuair
sinn cothrom, o chionn ùine gheàrr, air a' lei th id.
sin de bharail a chluinntinn o Iomradh Mio'sail
Gallia ar n-Eaglais. Tha Fear-deasachaidh an
leabhrain sin ag innseadh dhuinn mu thurus air an
d'thàinig e do 'n Ghaidhealtachd, agus mu chaoch-
ladh nithe a chual agus a chunnaic e an so. Bha
aon ni, tha e ag riidh, a rinn mòr-dhrìugbeadh air
'inntinn, eadhon an ni so, gu-n robh an sliiagh
ach tearc gu h-iomlan a' dol do'n Eaglais Shaoir.
Air a' Ghalldachd, gheibhear pobull gach sgireachd
air an roinnj cuid a' dol gu aon Eaglais, agus arid

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence