Skip to main content

‹‹‹ prev (314) Page 310Page 310

(316) next ››› Page 312Page 312

(315) Page 311 -
Tmuaraidh 1, 1880.] IOMRADH ATR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
327
TEACHDAIREACHD CHEIN NA H-EAGLAIS.
FOREIGN MISSIONS.
Tita cuid a' meas gur iad na bliadhnachan a
dh'fhalbh, bu dealraich no na h-aman tha 'lathair;
gur h-e an oidhche tha 'ciaradh oirnn, 's nach e
soilleireachd na fàire, tha 'briseadh air saoghal
truagh. Tha iad ullamh an comhnuidh gu bhi
seinn, ' Na lai' o chian do chuimhnich mi.' Tha
sinn ullamh gu bhi 'di-chuimhneachadh an fhocail
tha 'g ràdh, 'Tha an Tighearn beò, deanadh an
talamh gairdeachas,' 'us air an aobhar sin thig
soirbheachadh air 'aobhar, gus an toirear iomall
crich gach tit a stigh fo bhuaidh an t-soisgeil. Tha
leth-cheud bliadhna o'n chaidh Kota-biu, a' cheud
neach, a chaidh iompachadh, a bhaisteadh ann am
Burmah. B'e a bheau a' cheud bhoirionnach 'chaidh
bhaisteadh. Tha i fathasd beò 'nam measg. Rinn
an Tighearn' nitheau mora air an son rè an leth-
cheud bliadhna sin. Tha 'n diugh 438 eaglais aca,
agus dluth air fichead mile de' dh'anama, ann
an comunn na h-Eaglais. Ann am Persia bha an
t-aobhar air son iomadh bliadhna ro lag. An
diugh, tha 19 eaglais, 1152 de bhuill, 78 tighean-
sgoil, maille ri àrd-sgoilean, air son fhòghlumach
agus theachdairean, an ceangal ris a mhission. 0,
chionu ghoirid tha 400 de dhaoine ainmeil, inbh-
each, ann an Orissa dluth do Lucknow, air tilgeadh
air falbh abhagan ribeach an fhuar-chrabhaidh" air
son eididh bhlàth agus ghrinn an t-soisgeil.
Tha mòran ag guidheadh air Tighearn an
fhogharaidh, luchd-saothraich a chur a mach
chum fhogharaidh fèin, ach 's gann a chreideas
iad gu-n tig freagradh gu h-ealamh do 'n h-ur-
nuigh. Faodaidh clo codail tighinn eadhon air
na h-oighean glic, ach cha'n aom codal no suain
air fear-coimhead Israeil. Tha mu fhichead
bliadhna, o'n chunnaic caileag òg ann an sgoil-
Shàbaid, dealbli-iliar ruing a' nochdadh màthar a'
tilgeadh a leanabh ann am beul uilbheist 's an
amhuinn Ghanges. Dh'fheoraich i de 'n fhear-
teagaisg, Ciod e bu chiall d'a. Mhinich e dhi a'
chuis. Goirid an deigh sin, chual i teachdair, a'
tagradh air son cuideachadh do theachdaireachd
chein na h-Eaglais. Thoisich i air sgillinean a
thional, a chosnadh, agus an toirt seachad air son
an aobhar ann an Syria. Bha deigh mhòr 'n a
cridhe air son dhol a mach i fein, ach bha i bochd,
gun ullachadh dligheach, gun chuideacliadh. Ach
fhuair i buaidh orra sin uile, agus tha i nis air
falbh do'n tir 's an robh Pòl an toiseach na shear-
monaiche, 's tha na luidhe fo sgaile Lebanoin nan
Crann.
Tha sean fhocal Gaidhlig tha 'g ràdh,
' Cha bhi torn no tulach,
No cnooan buidlie feurach ;
Nach bi seal gu subbach,
Agus seal gu dubbach deuracb ;
's co ionnan tha e le gniomh agus saothair na
h-Eaglais. Tha an cairdean ann an Africa f o ioma-
gain agus ann an deuchainn 'thaobh staid aobhair
an Tighearna 'n am measg — gu sonruichte, ann an
Natal agus am measg nan Tsuluach. Thasa 'g radh
gur h-ann as an fhonn 's fhèarr, air uairean, thig
na luibhean a's seirbhe ; 's f heudar aideachadh le
nàire gur h-ann do shliochd na h-Albainn a
bhuineas Ian Donn, tha air dol a thaobh gu
h-iomlan o dhiadhachd a dhiithcha agus aideachadh
a shinnsir, agus air dol sios gu staid iosal agus
truagh nam fmeachan gun Dia. Tha e 'g iomachd
lomnochd : tha aig Fiomnhor mhnathan agus
choimh-leabach ; cha-n 'eil e 'gairm air Dia. Tha
e 'diultadh kite 'thoirt, no aideachadh a dheanamh
le teachdairean an t-soisgeil, am measg nam
milltean tha air an tabhairt seachad fo 'riaghladh.
Guidheamaid air an Tighearn gu-n iompaicheadh e,
an truaghan so, agus gu-n tugadh e air falbh a
chomas air aobhar Chriosd a bhacadh, oir mar
Elimas o shean, tha e lan foill agus uilc, agus 'n a
nàmhad do na h-uile f ireantachd, a' seasamh eadar
na milltean agus tèarnadh an anama.
Linneachan Mor' a' Chinne Deas. — Cha-n 'eil e
taitneach do theachdairean eudmhor bhi air an
druideadh a' mach o shluagh 'tha feitheamh air son
slàinte Dhe, ach tha e na ni craiteach 'n uair tha
teachdairean agus sluagh, a bhlais ann an tomhas,
gur maith 's gur milis Dia, air an geur-leunmhainn.
S' fhad o'n chualar gu'r naimhdean duine, muinntir
a thigh fein. 'S ann am measg nan deisciobul,
agus fo chliù an aideachaidh a glieibhear am fear-
brathaidh. Bha Mission aig Eaglais Shasuinu ri
taobh Linne Mòr Niantsa. Bha righ na tire a' toirt
a ghniiis do 'n obair air son nine, agus a rèir
coslais, bha gnothuichean a soirbheachadh o 'n
leth a mach. Bha an righ e fein deas gu bhi na
eadar-theangair air son nan teachdeairean. Tha
sith agus samhchair air an tionndaidh, gu goil na
stoirm. Thàinig luchd-brathaidh Eaglais na Roimh
(Jesuits) a steach am measg an t-sluaigh, fhuair iad

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence