Skip to main content

‹‹‹ prev (313) Page 309Page 309

(315) next ››› Page 311Page 311

(314) Page 310 -
326
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Ianuaraìdh 1, 1880.
Biobull air a phrinteadh as ùr 'sa chainnt
Eadailtich ; agus àireamh mhòr air a sgapadh
am measg an t-sluaigh. Air chul a' Bhiobuill
fein, tha mineachadh air a thoirt maille ris, gus na
sgriobtuirean a dheanamh na s fhusa thuigsinn.
Bha am mineachadh so air tùs air a dheanamh le
diadhair do 'm b' ainm Diodati — Eadailteach aig an
robh beachdan soilleir, fallain, sgriobtuireil. ' Cha'n
'eil teagamh again,' arsa Mr. Macdougall, ' nach bi
an leabhar so fathast, na mheadhon comharraichte,
tre bheannachadh an Tighearna, air mòran maith
a dheanamh do dh'aobhar Chriosd, a nis agus an
deigh so, ann an cearnaidhean air am bheil
dorchadas na Papanachd air luidhe, mar throm-
lice o chionn iomadh, iomadh, ginealach air ais.
Bheathaich Criosd an sluagh a bha 'fannachadh
le aran ; air chul gu'n do shearmonaich e dhoibh an
soisgeul. Tha Mr. Macdougall aig innseadh mu
ghorta a tha air a bhi 'o chionn ghoirid, ann am
Florence, am baile far am bheil e fein a 'saoth-
rachadh. Chuir an co-thional aige airgiod ri
cheile gu furtachd a dheanamh air am bochdan
fein an toiseach ; agus an deigh sin air bochdan
eile. Dh'fhosgail an caoimhneas so cridheachan
mhòran a bha na 'n èigin ;' cha 'n e mhàin dhoibh-
sen a nochd an caoimhneas, ach mar an ceudna
do 'n t - soisgeul a bha iad a' searmonachadh.
' Tha sibh a 1 deanamh sin bu choir do 'n t-sagart
a dheanamh,' arsa neach. ' 'S e so,' ars' aon eile,
' fior dhiadhachd.' ' Gu-m bu fada beò na Pro-
testanaich,' arsa neach eile. ' Cha robh againne
's an amharc,' arsa Mr. Macdougall, ach furtachd a
dheanamh air am bochdainn, ach ghnàthaich Dia ar
fiadhlaidheachd chum dorus fhosgladh do fhirinn
fein, a dh'ionnsuidh an cridheachan.
An Fiiraing. — Mar a dh'ainmicheadh ann an
aireamhan eile, tha fior dhùsgadh a' dol air aghaidh
anns an Fhraing. Tha Mr. Macall, a th'air ceann
na h-oibre so, aig ainmeachadh iomadh ni a tha
'nochdadh gu'm bheil am focal a' drughadh air an
■ t-sluagh. Tha aon diubh a fhuair maith anns na
coinnimhean aig Mr. Macall, a' sgriobhadh a dh'ionn-
suidh a màthar mar a leanas. ' Feumaidh mi
innseadh dhuibh, amhathairghràidh, gu'n d'f hosgail
dream araidh tigh-coinnimh anns a' bhaile so, agus
gu'm faod aon air bith a dhol a s teach gun dad a
phaigheadh air a shon. Tha iad a' seinn laoidhean
ro thaitneach ; agus a 'labhairt mu thimchioll Iosa.
! is priseil, milis, a bhi 'ga ghràdhachadh. Tha
c fein lan gràidh, agus tha mòr thlachd aige ann
an sonas chreutairean caillte mar tha mise. Gu'm
beannaichadh Dia sibh, a mhathair ghaoil ; agus
gu'm beannaicheadh e mar an ceudna iadsan a
thàinig a thoirt soluis dhuinn air slighe na slainte.'
Thachair gu'n deach aon dhiubh a tha' saothrachadh
's an obair so do thigh araidh, a dh'fhaicinn neach
tinn — ach a steach gu docharach do sheomair far
an robh seann duine na luidhe air a leabaidh, cho
anmhuinn o aois agus cion lòin, agus gu'r gann a
b' urrainn e gluasad. ' Tha thu,' arsa 'm ministear,
'ro aonarach leat fein ann an so, gun charaid
no daimh a sheallas ort ! ' ' Cha-n 'eil, cha-n 'eil mi
idir learn fein,' ars' an duine. ' Tha sin fior,' arsa
'ministear, ' ma tha Dia maille riut.' ' Tha Dia maille
rium,' ars' esan, ' agus tha mar an ceudna Iosa Criosd
maille rium.' ' Co 'n Eaglais de'm bheil thu?' ars'
am ministear.' 'Cha-n 'eil do dh'eaglais air bith,' ars'
esan. ' Mu eaglaisean cha'n aithne dhomh a bheag,
ach direach Iosa Criosd amhain. 'N uair a bha 'n
comas agam chaidh mi do na coinnimhean ùra so
th'air an cumail 'sa bhaile. An sin chuala mi air
tiis mu Iosa Criosd. Fhuair mi e, agus a nis ged
'tha mi tuilleadh 'is lag gu dhol do'n choinnimh,
tha Esan maille rium ; agus uime sin cha-n 'eil mi
leam fein.' 'Bha boirionnach a bhuineadh do
dh'iird uaislean a bhaile, a' tighinn gu trie do na
coinnimhean againn,i fein agus dithis sheirbhiseach
leatha. Bha i cho dùr, tosdach, dhi fein, agus nach
do dhùraichd sinn 'sa cheud dol a mach dad a ràdh
rithe, air eagal gu'm fuadaicheadh sinn air falbh i.
Ach feasgar de na feasgaran, aig co-dhunadh na
searmoin, thàinig i dhi fein far an robh sinn, 's a
suilean a sileadh nan deur. Bug i air laimh oirnn,
ag ràdh, buidheachas dhuibh airson bhur teagaisg.
Is mòr agus is priseil an t-sochair a bhi 'g eisdeachd
a leithid a bhriathran. Cha-n 'eil ach goirid 'on
thoisich mi air teachd do na coinnimhean agaibh ;
ach tha mi air 'leithid a bheannachadh fhaotainn
do m' anain, agus gu'm bheil mi a' rùnachadh a
thighinn gu riaghailteach an deigh so.
Tha coinnimhean de'n t-seorsa so air an cur
air chois le Mr. Macall ann an iomadh cearnaidh
de'n Fhraing ; agus deagh thoraidhean faicsinneach
a' leantuinn 'nan lorg. Tha e soilleir dhoibh, a tha
'saothrachadh 'san raon so, gu'm bheil an Fhraing, a
chuid agus a chuid, a fas abuich airson an t-soi-
sgeil ; agus cha'n i 'n Fhraing a mhiiin ach iomadh
cearnaidh eile de Thir-Mhòir na Roinn-Eorpa.
Tha so 'na aobhar taingealachd ; agus aig an am
cheudna na mhòr mhisneachd do Eaglaisean
Chriosd, gu bhi 'saothrachadh a' measg an t-sluaigh
ud. Gu'm b' ann a dhoirteas E gu saoibhir d' a
Spiorad a nuas, gus am bi tuilleadh gluasaid aig a
bhaile, agus bho na bhaile, am measg nan cnamhan
tioram.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence