Skip to main content

‹‹‹ prev (268) Page 264Page 264

(270) next ››› Page 266Page 266

(269) Page 265 -
April 1, 1879.] IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL. 281
TEACHDAIEEACHD CHEIN NA H-EAGLAIS.
FOREIGN MISSIONS.
NA H-INNSEAN AN EAR.
Affghanistan.— Tha e ro thaitneach r'a chluinn-
tinn gu bheil fianuisean aig an Tighearn, eadhon
ann an tir dhorcha, Affghanistan. Cha d'fhag an
Tighearn e fein gun fhianuis. Tha barrachd 'us
deich bliadhna o'n dh'fhosgladh dorus air son an
t-soisgeil 's an fir, 'us bha cuid am rneasg an
t-sluaigh do'n robh gairin an t-soisgeil na gairm
eifeachdach. Thugadh dhoibh sgriobtuirean an
t-seann tiomnaidh agus an tiomnaidh nuaidh 'n an
cainnt fein, maille ri ' turns a Chriosdaidh.'
Nagpoe. — ThaMr.Ciibair, toirt naigheachdaoibh-
neach a thaobh obair 's an aite so. Mu dheireadh
na bbadhna chaidh triuir a chur ris an Eaglais, air
dhoibh an Tighearn aideachadh gu follaiseach ami
an sacramaid a bhaisteadh. An tòiseach bha Mart,
s e sin as ainm dha, saighidear s' an ochdamh reise-
amaid duthchasàch, agus a nighean, seachd bliadhna
a d'aois, air am baisteadh 's an aon là. Dh'aidich
Maei gu follaiseach an Tighearn Iosa Chriosd, aon-
ghin Mhic Dhe, agus an t-aon Slanuighear air son
pheacach. Dh'aontaich e cùl a chur ri iodholan
agus oibribh an dorchadais air fad ; ag gealltainn,
troimh gràs Dhe, bin na sheirbhiseach agus 'na
Shaighidear do Chriosd. Mu dheireadh na bliadhna
bhaisd Mr. Cùbair, boirionnach, aois 46 bbadhna.
Bha i uine fò chùram, agus gu durachdach ag iarr-
aidh soluis. Mu dheireadh chuir i cùl ri cairdean
agus luchd-daimh, ri iodholan agus cleachdaidhean
an fhuar-chrabhaidh, ag aideachadh a creideamh
anns an Tighearn Iosa Criosd, mar a Slanuighear.
Na Sandalaich. — Buinidh an sluagh so do
phriomh-luchd-aiteachaidh na duthcha. Tha an
soisgeul air faotainn àite agus caidreamh 'n am
measg. Tha aobhar buidheachais do 'n Tighearn air
son nam bearta iongantach a rinn e le 'fhocal agus
a spiorad am measg an t-sluaigh so, anns na
bliadhnachan mu dheireadh. Tha e fathast a' toirt
gnuis d'a aobhar fein. Mu dheireadh na bliadhna
chaidh Mr. Hector suas gu Patsamba, agus fhuair e
seanar dhaoine maille ri cuigear chloinne 'feitheamh
air son baistidh. Sheas na fir suas am fianuis a cho-
thionail, agus dh'aidich iad gu follaiseach an iodhol-
aoraidh, agus gu-n robh iad g'a thoirt thairis gu
h-ioinlan,ragus a so suas — gu-n robh iad a' gabhail
an Tighearna Iosa Criosd mar an Ceann-iuil agus an
Slanuighear. Tha nis tri fichead pearsa 'us a cuig
air aideachadh follaiseach a dheanamh s' an àite so,
o dheireadh an earraich. Tha teaghlaichean slàn
an so agus an sud a nis air am faotainn am measg
an luchd - aideachaidh. 'Gu deimhinn rinn an
Tighearn nithe mora air ar son. Tha sinn aoibh-
neach.' Iadsan a chaidh a mach, a tuireadh, chum
cur an t-sil, tha iad a' pilltinn gu subhach, a' giulan
sguaban troin.
Madras. — Mu thòiseach na bliadhna, bha Mr.
Stevenson air chuairt as leth an aobhair. Ann am
Madras, bha triuir dhaoine òga air am baisteadh
aig aon am le Mr. Rajah Gopaul. Tha focal na
firinn a' faotainn buaidh air gach taobh mu'n
cuairt. Tha'n Tighearn a cur ris an Eaglais gach
la de'n dream a thearnar. Tha. Mr. Stalker a'
sgriobhadh o Mharitzburg, gu'n deachaidh naoinear
a bhaisteadh an sin agus nach cuimhne leis am 's an
robh an sluagh cho beò agus eudmhor. 'Gu'n
tigeadh a rioghachd, agus gu-n robh a thoil air
a dheanamh air thalamh mar a nithear air nèamh.'
SlAR— ElLEANAN A ChUAIN DEAS.
Mr. Laupj. — Bha Teachdairean gu niòr a dhith
air na h-eileanan so. Bha daoine gann agus
cruaidh ri fhaotainn. Fhuaireas ann an Lithde
duine diadhaidh a bha toileach air è fein thoirt
seachad do'n obair. Mu mheadhon a gheamhraidh,
chaidh Mr. Lauri, a bha uine fhad maille ri Dr.
Domhnullach an Lithde, a chur air leth mar cheisd-
ear agus fhear-teagaisg, gu bhi a' cuideachadh leis
na teachdairean. Tha so 's an dochas gu'm bi e na
neart agus na bheannachd dhoibhsan a tha 'giulan
teas agus uallach an là 's an ionad aonarach agus
uaigneach so.
Uilleamu. — Tha e 'nis ochd bliadhna deug o'n
chaidh an Tiomnadh nuadh a chur an clòdh ann an
cainnte sluagh Aneityum. Chaidh so a dheanamh
fo churam agus troimh shaothair Dr. Inglis, teachd-
aire ionmhuinn an eilean. Fhuair e cuideachadh
mòr o'n duine so Uilleamu, a thainig maille ris do
Bhreatuinn air son na criche so. 'S ann sa bhliadhn'
1841, chaidh an soisgeul a shearmonachadh an
tòiseach 's an eilean. Fhuair e iiite ann an cridhe
Uilleamu agus òganaich eile coimh - aoisean da.
Air ball rinneadh geur-leaumhainn orra. Bhuin

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence