Skip to main content

‹‹‹ prev (265) Page 261Page 261

(267) next ››› Page 263Page 263

(266) Page 262 -
278
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[April 1, 1879.
air a glnmthachadh, agus air am bheil na meadh-
onan eile ann an tomhas mbr an crochadh. Mnr
riosraichear an sluagh aig an tighean, cha-n fhios-
raich iadsan na coinneamhan. Tha leabhragain, no
tracaichean, air an sgaoileadh 'n am measg gach
Sàbaid leis an luchd-còmhnaidh.
Port-na-Banrigii mu thuath.
Tha àireamh mhaith sluaigh a' chòmhnuidh 's
an iiite so, agus re miosan blath. na bliadhna, tha
neart choigreach 'g a thathaich do bhrigh gu bheil
e an cois na mara. Tha e astar gle mhòr o eaglais
air bith, agus uime sin uireasbhuidheach a thaobh
mheadhonan nan gràs. Tha àite-searmonachaidh
air bhi air a shuidheachadh o cheann bliadhna no
dhà ; agus tha an obair a' soirbheachadh. Tha
eaglais bheag, shnasmhor air a togail, a chosg eadar
seach agus ochd ceud punnd Sasunnach, agus tha i
ach beag làn. Chaidh luchd-dreuchd a chur air leth,
blia Suipear an Tighearna air a fhrithealadh, agus
tha cuisean ann an seadhan eile air an cur air ghleus
air son na h-oibre a ghiulan air a h-aghaidh. Tha
dòchas gu-m bi, ann an ùine gun bhi fada an
coimhthional fo chùram ministeir suidhichte. Tha
cuid de'n luchd-dreuchd agus de na buill airidh air
cliù air son na bcothalachd agus na fialuidheachd
a nochd iad.
■o-
I0MRADH
MU SHAOTHAIR NA H-EAGLAIS SAOIEE ANNS NA COLONIES.
Canada. — Tha an cunntas a leanas, air a thoirt
le Record Eaglais na Mòr-Eoinn so, air a saoth-
air chum 'bhi toirt na niuinntir mhi-clmramach a
steach fo mheadhonan nan gràs, agus mar sin a
dh'ionnsuidh an t-Slànuighear fein.
Ars' an Record : — ' Tha sinn a meas nach eil raon
de'n t-seòrsa so, ann am Mòr-Roinn air bith eile,
a tha na's farsuinge no an raon a th'againne. Ma's
fior e, mar a tha sinn a' creidsinn, gu 'm bheil
bunaitcan Rioghachd mhòir chumhachdaich, a chuid
agus a chuid, air an leagadh anns a' chearnaidh so
de'n t-saoghal, tha e soilleir gu'm bheil an obair
a th'air a toirfc dhuinn ri dheanamh mar Eaglais,
na h-obair a tha ro chudthromach. Uime sin,
tha sinn a cur ar guaillnean rithe le ar n-uile dhi-
chioll. Air an t-sàmhradh mu dheireadh, bha cho
lingha agus da cheud agus da fhichead de Mhis-
sionaries againn a' saothrachadh, agus a' searmon-
achadh ann an ceithir cheud Station. Tha sinn
ixime sin ag iarraidh comhnadh air bònn nan aobh-
aran a leanas.
1. ' Anns a cheud àite, airson leas an t-sluaigh
anns na h-uile seadh. Cha'n eil diithaich duine
bhochd air an t-saoghal, isfèarr na Canada. Thainig
naoi pearsa, as na h-uile deich, do'n Mhòr-Roinn
so, na 'n sluagh bochd ; cha robh ach ro bheag de
chomas, no de dhùil, no de chothrom aca an cran-
chur a leasachadh anns na duchanna as an d'thainig
iad. Anns an tir so, choisinn a' chuid a's mo
dhuibh dhoibh fein agus do'n teaghlaichean,
pailteas dc gach seòrsa ; agus thainig cuid dhiubh
eadhon gu saoibhreas agus àrd inbhe. Uime sin,
is e dleasdanas na h-Eaglais, an aire thoirt nach bi
nithe na's cudtbromaiche air an dearmad leo,
eadhon sith shiorruidh an anama neo-bhasmhor ;
agus nach faigh na beachdan mairbhteaeh, cunnart-
ach, a tha 'lagachadh iomadh de rioghachdan na
Roinn-Eorpa freumh am measg an t-sluaigh so.
2. ' Anns an dara ùit', tha e gu cinnteach mar
dhleasdanas orrasa, a mhothaich buaidh focal an
Tighearna annta fein, a bhi 'pàirteachadh agus a'
saothrachadh, a chum agus gu'm bi an co-chreut-
airean mar an ceudna air an cosnadh do Chriosd.
Tha an fhiadhlaidheachd a nochd Esau a bha
saoibhir, ach a dh'irioslach e fein, ag agradh gu'n
leanamaid 'eiseimpleir anns an ni so mar an ceudna.
Tha gu sonraichte an suidheachadh anns am bheil
àireamh mhòr a tha comhnachadh ann an Canada
iochdarach, agus a tha fo uachdaranachd na Papan-
achd, ag agradh so. Tha còr agus muillion dhiubh
so, a tha an ceangal ri Eaglais na Roimhe. Agus
tha e cho mòr mar dhleasdanas oirnne, agus a bha
e air ar n-aithrichibh aig am an Ath-leasachaidh
dichioll a dheanamh gus am Biobul beannaichte a
chuir fosgailte nan làmhaibh.'
Mar so tha e soilleir nach eil Eaglais Chanada
' diomhain anns a mhargadh.' Uime sin thugamaid
gach misneach 'us comhnadh a tha 'nar comas dhi ;
a' guidhe aig an am cheudna gu'n toir Tighearna
an fhion-lios a bheannachadh an cois ar saothair.
Australia, Victoria. — Tha Dr. Macdonald aon
de mhinistearan Mhelbourne anns a Mhòr-Roinn
so, a sgriobhadh dhachaidh mar a leanas : —
' Tha coinneamh ar n-Ard-Sheanaidh air tighinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence