Skip to main content

‹‹‹ prev (264) Page 260Page 260

(266) next ››› Page 262Page 262

(265) Page 261 -
April 1, 1879i] IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
277
gbabh iad ri Criosd. Tha aobhar again a bhi
'moladh an Tighearna gu-n robh na coinneamhan
so air an tòiseachadh leis a' Chlèir, agus tha dial
dhùrachach agam gu-m buauaichear air an cumail,
agus, ma dh'fkeudas e bhi, gu-m bi iad air an
cumail ni 's trice na aon uair 's a' bhliadhna.' Tha
ininistear eile, aig an robh coinneamhan ann am
Beurla 's an Giiilig 'n a eaglais, a' sgriobhadh,
' Feudaidh mi 'thoirt fainear gu sònruichte nach
robh coinneamhan idir a b'fhèarr a bha air am
frithealadh na iad sin a bha air an cumail 's
a' Ghiiilig. Tha so ro thaitneach dhòmhsa, mar
a tha e ro eu-coslach ris mar a thachair an
uiridh, 'n uair a dh'fhàilnich na coinneamhan
Gàilig gu tur, agus a b'fheudar an toirt thairis.
Tha deidh mhòr agam air gu-m faicinn an coimh-
thional agam, mar choimhthional Gàidhealach, a'
Ian dhol a stigh ann an spiorad oibre soisgeul-
achaidh ; agus cha bu mhisd an gnothuch gu
bheil na Gàidheil gu nàdurra de spiorad dealas-
ach, eudmhor. Tha mi taingeil gu bheil mi
'faicinn mo mhiann a' faghail riarachaidh.'
Mu'n Druigheadh a bha air a Dheanamh.
Tha an t-iomradh a tha air a thabhairt ag inns-
eadh iomadh ni a tha 'n a aobhar misneachaidh : —
Anns a 1 cheud aite, A thaobh Chriosdaidhean.
Tha fianuis air a thoirt mu ath-bheothachadh air
beatha spioradail, agus buille-ghreasaidh a bhi air
a thoirt do gach saothair Chriosdaidh, a thàtar an
dòchas a bheir a mach toradh maireannach ann an
leasachadh dichill, agus diiil, agus urnuigh rè na
bliadhna. Tha aon de na bheil a' sgriobhadh ag
ràdh, — ' Theagamh gur i a' bhuaidh a's cudthrom-
aiche a lean na coinneamhan, a thaobh a' choimh-
thionail agamsa, am brosnachadh laidir a bha air a
thoirt do luchd-dreuchd, do luchd-teagaisg Sgoile-
Sàbaid, agus do oibrichean eile. Nochd iad so
mòran eud aig an àm, agus uaithe sin ; agus cha-n
'eil teagamh agam nach saoithrich iad le leasachadh
durachd, ann an neart a' bheothachaidh a tha iad
air fhaotainn.' Tha teisteas air a thoirt le minist-
eirean eile a' co-chòrdadh ri so.
'<S an dara h-hite, A thaobh na muinntir neo-
iompaichte. Tha ach beag na h-uile a tha 'toirt
iomraidh mu'n ghnothuch a' labhairt mu'n stòld-
achd, agus an ro aire leis au robh an sluagh ag
eisdeachd ; agus tha iomadh ag innseadh mu chuid
a bha air an diisgadh gu fior iomaguin mu'n cor,
de'n d'thàinig àireamh mhaith a cheana gu 'bhi 'g
aideachadh gu-n do ghabh iad ri Criosd. A naoi
coimhthionalan a nihàin tha iomradh air a dhean-
amh mu thri ceud, tri lichead, agus ochd deug
(378) dhiubh so.
Ach feudar a bhi cinnteach gu bheil earann
mhòr, agus theagamh an earann a's fèarr, de'n
toradh nach d'thàinig am fradharc fhathast, agus
theagamh nach tig gus an tig foillseachadh an latha
mhòir.
Govaniiill, aig Glascho.
Is e so aon de na frith-bhailtean sluaghmhor a
bhuineas do Ghlaschu, agus anns am bheil àireamh
mhaith de mhèineadairean. chionn beagan
ùine air ais, tha teachdaireachd-shoisgeulach air
bhi air a cumail air adhairt ann le aon de na
coimhthionalan 's a' bhaile, le comhnadh o'n
Ionmhas a chaidh a chur cruinn o chionn ghoirid
air son nan meiueadairean. Tha iomradh air an
obair a tha 'g a deanamh air a sgriobhadh le Mr.
Hanlin, fòghlumaiche og a tha a' saoithreachadh
ann mar theachdair : —
Coinneamhan- Cidsinn. So au t-ainm a th' aca
air coinneamhan beaga a tha air an cumail an sud
's an so anns na tighean. Tha Mr. Hanlin ag ràdh,
' Tha na coinneamhan so 'n am beannachd mòr
do 'n t-sluagh. Is trie a chunnaic sinn cho maith
ri cuig pearsa deug 'ar fhichead air am pacadh ann
an cidsinn, ag eisdeachd gu durachdach ri teachd-
aireachd na slàinte. Tha àireamh mhaith, a tha
nis 'n am buill de 'n eaglais, air an deachaidh a'
cheud druigheadh a dheanamh aig na coinneamhan
so.'
Coinneamh air feasgar na Sàbaid. Cumaidh an
t-àite-coinneamh sò fichead pearsa. Tha e uairean
cho làn 's a chumas e. Tha Mr. H. ag ràdh,
' Feudaidh mi a ràdh nach 'eil sinn a dh'easbhuidh
comharaidhean air làthaireachd a' Mhaighstir.
Tha cuid air bhi air an toirt gu eolas na firinn
mar tha i ann an Criosd ; tha cuid eile air an
treorachadh gu tuilleadh suim a ghabhail de nithibh
spioradail, ged nach d' rinn iad aideachadh o'n taobh
a mach fhathast. Air an t-seachduin so f hein, f huair
mi litir o fhear a fhuair beannachd aig a' choinn-
eimh. Chaidh e do Shasunn aig an Nollaig. An
deigh innseadh dhomh gu-n do cheangail e e fhein
ri àit-aoraidh (mar a dh'earalaich mi gu diirachd-
ach air a dheanamh) tha e 'dol air aghaidh air
obair an Tighearna 's a' chearna anns am bheil e
'chòmhnuidh, agus tha e a' co-dhùnadh leis a'
ghuidhe so 'Gu-n cuidich e mi gu dluth-leantuinn
ris, agus gu bhi 'treigsinn gach ni a tha esan a'
fuathachadh.' So eainnt duine a bha ochd miosan
roimhe so, beo ' gun Dia amis an t-saoghal.'
Taghail o thigh gu tigh. So meadhon eile a tha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence