Skip to main content

‹‹‹ prev (251) Page 247Page 247

(253) next ››› Page 249Page 249

(252) Page 248 -
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[lanuaraidh 1, 1879.
daoine dubha, ann an Africa, nochdadh le aon
diubh a bha na Mhissionary anns a chearnaidh sin,
ciod a rinn an soisgeul do 'luchd-ducha, agus air
leithid de dhoigh, agus ag co-dhunadh na coinn-
eimh, gu'n dubhairt aon de na ' li-infidels? Chur mi
an aghaidh iomadh argumaid air taobli a Bhiobuil
ars' esan, ach cha '11 urrainn mi cur an aghaidh na
chual' mi air an fheasgar so. Cha-n 'eil mi na m'
infidel na 's faide, 's cha bhi o so suas. Beagan an
deigh so chuir e fios air caraid a chum adhlacadh
aon de' dhaimhean, mar a thubhart e, agus 'n uair a
dh'f heòraich a charaid dhe, ciod a bha e' ciallachadh,
fhreagair e ' gu mu mhi-chreideamh agus m'ain-
diadhachd adhlacadh.'
Anns a' Spainn tha an soisgeul a' soirbheach-
adh mar an ceudna ; agus a' dùsgadh gamhlas na
Papanachd. Tha àrd Easbuig Tholedo, agus àrd
Easbuig Saragossa, air comas fhaotainn PhajDa
na Roimhe, gach Spainnteach iomsgaradh a bheir
tigh no tuar do Phrotestanach air bith,?a gheibhear
a' reic a' Bhiobuil, agus mar an ceudna gach Spainn-
teach aig am faighear leabhar Phrotestanach air
bith, aon chuid gu a leughadh, no airson a reic.
Mar an ceudna, tha am Papa air sgriobhadh a
dh'ionnsuidh Righ Alphonso na Spainn a guidhe
air, gach oidhearp is urrainn e a thoirt agus a
ghnathachadh, gus gach Missionary Protestanach
a chuir as an Rioghachd aige, agus maille ri so na
sgoiltean agus na h-eaglaisean aca a thoirt uapa
agus an reic. Tha so, ged a tha e duilich air aon
doigh, a' nochdadh gu soilleir air an làimli eile,
gu'm bheil aobhar an Tighearna a' soirbheachadh
anns a' Spainn. Bitheamaid a guidhe 'gu'n
d'thigeadh a rioghachd' le mòr chumhachd anns
a' Spainn.
Anns an Roimh fein, Baile mòr na Papanachd,
tha a nis Eaglais Shaor air a cur suas anns ana
bheil an soisgeul gach Sabaid air a shearmonach-
adh. Tha mar an ceudna, o chionn ghoirid, sgoil
air a fosgladh 'sa bhaile so, le Miss Dalgas- — gu bhi
'teagasg caileagan òga, an eòlas air focal an Tigh-
earna. Tha sinn a' cluinntinn gu'm bheil iad eadhon
anns an Roimh am measg uaislean agus illsean
a tha deònach an cothrom so a ghabhail as leth
an cuid nigheanan. Faiceamaid anns na nithe so
mar ann an iomadh ni eile de'n t-seorsa a b'urr-
ainn sinn ainmeachadh, ùr thoiseachadh eiridh an
fc-soluis sin, a dealraicheas fathast na's soilleire air
na cearnaidhean dorcha ud.
Co-dhuinidh sinn an t-iomradh gearr so, le focal
na dha mu Luther mòr diadhaidh ; a bha na
mhcadhon cho urramach an làimh an Tighearna,
gu tir mhòr na Roinn Eorpa a shoilleircachadh leis
an t-soisgeul, o chionn còrr 'us tri cheud bliadhna.
Bha pàrantan Luther ro bhochd na'n crannchur.
Bha' athair ag obair air a phaigheadh-latha, ann am
meinean Mhansfeldt, 'sa Ghearmailt; agus air ro
bheagan paighidh, gu a theaghlach mhòr a thogail.
Bha e cho bochd, agus 'n uair a bha Luther 'sa sgoil,
gu'n robh aige bhi 'g iarraidh na deirc aig uairean
a chluiche. Bha a thàlantan cho chomharaichte,
agus aig aois fhichead bliadhna, gu'n d'thug e
barrachd ann an sgoilearachd air a cho-aoisean gu
leir. Aig an am so, rùnaich e bhi na fhear-lagha.
Am feadh a bha so 'na inntinn, thachair gu'n do
bhàsaich aon d'a chairdean ro ealamh le sgiorradh
eigin, agus làn uamhais thubhairt e ann fein 1 Ciod
a thachradh do m'anam-sa, na'n d'thigeadh bks
ealamh mar sud orm?' TJime sin fo bhuaidh an
eagail so, chuir e roimhe cùl a chuir ris an t-saoghal
gu h-iomlan, agus e fein ullachadh chum a bhi
na 'shagart, an dòchas gu'n d'toireadh so sith
agus saorsa dha o na h-eagalan ud leis an robh e
nis air a luasgadh. Ach an kite sith fhaotainn,
is ann a chinn a dhòlas na bu mho. Bha e air
a shàruchadh cho mòr 'na inntinn, agus gun do
dhiult e biadh a ghabhail. Fadheòidb dh'fhas e
cho lag agus gur gann a b'urrainn e seasamh air a
chasan. Uime sin, dh'fheòraich aon d'a chomp-
anaich, ciod a bha cuir air. Air do Luther so
innseadh, air ball chomhairlich e dha am Biobul a
leughadh ; agus ars' eBan, ' ma tha leigheas air do
chor, gheibh thu 's an leabhar bheannaichte sin e.
Air dha so a radh, chuir e Biobul Laidinn 'na laimb.
Aig an am sin, cha robh Biobul eile ann. Cha
cheadaicheadh am Papa gu'm bitheadh focal an
Tighearna air eadar-theangachadh gus na cainn-
tean cumanta. Thoisich Luther air a Bhiobul a
leughadh, mar nach do leugh e riamh roimh e.
Roimh so leugh se e gu faoin, foirmeil; ach 'nis,
ann an teinn anama chum fois agus saorsa fhaotainn.
An tomhas fhuair e solus. Thòisich e air a bhi
'tuigsinn an fhocail, agus a bhi 'faicinn slighe na
slàinte trid Iosa Criosd. Ach fathast cha d'thainig
e gu bhi Ian thuigsinn ' gu'm bheil duine air fhir-
eanachadh trid creidimh, as eugmhais oibre.
Goirid an deigh so, chaidh e air gnothuch eigin
do'n Roimh. Anns a' bhaile sin, tha staidhir ann,
a tha 'direadh suas gus an Eaglais ris an abrar
Eaglais an Abstoil Pheadair ; agus do'n goireir
Staidhir Philat. Bha maitheanas peacaidh air a
ghealtuinn leis a' Phapa, do gach neach a rachadh
suas an Staidhir so air a ghluinean. Uime sin cho
loath 'us a rainig Luther an Roimh, air ball thoisich
e, air a ghluinean, air an Staidhir so a dhireadh
suas. Ach am feadh a bha e 'deanamh so, ciod a
thachair, ach gu'n d'thainig an fhirinn so le mòr
chumhachd a dh'ionnsuidh 'inntinn, 'bithidh ain

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence