Skip to main content

‹‹‹ prev (250) Page 246Page 246

(252) next ››› Page 248Page 248

(251) Page 247 -
lammraidh 1, 1879.] IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
263
a meas air Dr. Cairns a nochdadh, a' rùuachadh
tional a dheariamli a bhitheas na cliuirnhneachan air
so. Anns a Chubaid bha Dr. Cairns ainmeil. Mar
chairid sgoilteau, agus gach deagh aobhar eile, cha
mhor a bh'air thoiseach air. Ach is e ni sonruichte
leis an do chuir e an Eaglais ud fo chomain, an
t-saothair a rinn e, ami a bhi 'g aonadh Eaglaisean
Australia. Bha làmh aig daoin eile anns an deagh
obair so ; ach bha làmh shonruichte aigesa ann, a
tha toilltinn a bhi air a chuimhneachadh.
Tha cnimhne aig ar luchd-leughaidh, gu'n do
chuir an n-Eaglais Dr. Somerville amach a dh'ionn-
suidh Victoria a shaothrachadh car uine. Tha a
nis mar thoradh air so ann am Baile Mhelbourne,
Comunn air a chuir air chois, ris an abair iad ' United
Ecanyclistic Association,' Comunn a tha air a
shonruchadh gus am mòr shluagh anus a' bhaile ud
nach eil a dol a dh'eaglais air bith, a thoirt fo
chùram anama. Tha an comunn so, a' cumail
coinneimh lathail, ann am bùtha thog iad ; agus a
chumas mu mhile sluaigh. Tha an saothair air a
beannachadh, agus tha e air a ràdh gu'm bheil
mòran air an iompachadh a dh'ionnsuidh an Tigh-
earna.
New Zealand, Dunedin, Otago. — Tha Dr.
Stuart a 1 sgiobhadh mar a leanas gu Cleireach a'
Chommittee.
' Buidheachas airson do litir, agus d'oidhearpan
as leth Otago. Tha iongantas orm, nach 'eil
tuilleadh de Mhinistearan bga a Alba, a' tighinn a
mach do'n dùthaich so. Tha raon mòr, farsuing,
againn, agus pailteas airgid ; an da chuid gu
tighean comhnuidh a thogail do na Ministearan,
agus iad fèin a chumail suas. Tha maoin chuid-
eachaidh na h-Eaglais againn comasach airtuilleadh
agus da cheud punnd Sasunnach 'sa bhliadhna a
thoirt do gach aon diubh. Tha sin gidheadh, gun
mhinistearan ann an iomadh de na co-thionalan
againn. Tha tuilleadh agus se co - thionalan
falamh, abheireadhna dh'ainmich mi agus tuilleadh,
na'm faigheadh iad Ministearan a thaitneadh riu.'
Tha sinn duilich innseadh an deigh so uile, nach
'eil e an comas a' Chommittee ach aon Mhinistear —
Mr. Sutherland, a chuir a mach do'n ionnsuidh.
Riverton, Southland.— Is cearnaidh eile i so de
Mhòr Roinn Otago. Tha Mr. Camaron a chaidh a
mach a dh'ionnsuidh a' bhaile so, a' sgriobhadh mar
a leanas.
' Tha mo shlàint 'gu mòr ua's fearr o'n thainig
mi do'n dùthaich so. Rinn an turus mòr stà
dhomh. '0 na chaidh mo shuidheachadh 'sa bhaile
so, tha mi'searmonachadh tri uairean gach Sàbaid —
da uair do shluagh a bhaile, agus air an fheasgar
anns an dùthaich, seachd mile mach as a bhaile.
Cha'n abair mi fathast dad mu mo shaothair, oir
cha'n 'eil mi ach beagan mhiosan anns a Cholony
so. Ach their mi an da ni so ; agus sin le mòr
thaingealachd do'n Tighearn'. Anns a cheud àit,
air dhomh teachd an so mar choigreach, ghabh an
sluagh rium air ball le mòr thoil. Anns an dara
àit is urrainn mi a radh, gur sluagh iad a tha le
durachd a' toirt eisdeachd do sgeul aoibhneach an
t-soisgeil.'
Canterbury. — Tha mu she mile deug de Phres-
biterianich anns a Mhòr Roinn so. Tha iad so
sgapta am measg ceud mile de mhuinntir a tha de
dh'eaglaiseaneile — luchd-àiteachaidhna Mòr Roinn.
A bhrigh so, cha'n fhaighear ri cheile an aon cho-
thional agus aig aon am, ach mu cheud pearsa.
Uime sin, an kite nan ceithirj ministearan deug a
th'againn a nis anns an raon mhòr so, ghabhamai
sò thar fhichead. Ma tha na co-thionalan cho
sgapta, agus cho beag an aireamh, feòraichidh ar
luchd-leughaidh, cionnus a tha e 'n comas do'n
t-sluagh ministearan a chumail suas ? Is e ar f reag-
radh do so, nach eil ministearan ann an New Zea-
land, a tha na's fearr dheth, na Ministearan Mòr
Roinn Chanterbury. Cha'n eil na's lugha na da
cheud gu leth punnd Sasunnach aig aon air bith
dhiubh ; am feadh 's a tha ceithir cheud aig cuid,
agus seachd ceud aig cuid eile dhiubh ; air chùl
tigh comhnuidh le fearann 'na chois. Tha so a'
nochdadh gle shoillear, an da ni so ; an toiseach
gu'm bheil pailteas raoin an so gu saothrachadh
ann — raon ro ghealtanach, agus maille ri so, làn
chomas agus deagh thoil aig an t-sluagh, na minis-
tearan aca 'dheanamli goireasach. Mar so tha
Tighearn an fhogharaidh e fèin a' fosgladh suas
an raoin do'n luchd-saothrachaidh. Is e glaodh
gach cearnaidh de'ntir mhòr bheartaich so, Cuiribh
ministearan a mach ; cuiribh ministearan a mach.
TIR MHOR NA ROINN- EORPA.
An Fhraing. — Dh'ainmich sinn anns an aireamh
mu dheireadh,mar a tha obair an Tighearna 'soirbh-
eachadh anns an Rioghachd so — gu sonruichte ann
am Paris, Baile mòr na Fraing. Air chul g'um
bheil a' chuid as mo de shluagh a' Bhafle so agus de
shluagh na Fraing na'm Papanaich, tha aireamh
nach eil beag de'n dream nach 'eil a' creidsinn gu'm
bheil Dia idir ann ; agus is roghnaiche leis a Phap-
anachd iad a bhi mar so gun Dia, gun dochas, no
gu'm bitheadh iad tre bhuaidh na firiun a 'tighinn
gu bhi na'm Protestanaich. Ach gidheadh, tha an
soisgeul a faotainn buaidh ; mar a tha 'naigheachd
so a leanas a nochdadh. Aig coinneamh a bha am
Paris, gu teachdairean a chuir a dh'ionnsuidh na'u

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence