Skip to main content

‹‹‹ prev (247) Page 243Page 243

(249) next ››› Page 245Page 245

(248) Page 244 -
2G0
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[lanliaraidh 1, 1879.
ministreileaclid an t-soisgeil. Tha iacl le cheile co
ainmeil 's au Eaglais, agus an saothaire co lionmhora
's gu-n gabhainaid leabhar a sgriobhadh mu gacli
aoin diubh, mu'n labhraniaid gu b-iomcbuidh mu'n
deighinn. Acb tha sinn a' creidsinn gu-ni bu
mhaith lc'r luchd-leughaidh iomradb aitbgbearr
fliaicinn an so mu 'n timchioll.
An t-Urramach Seoras M'Aoidh, D.D. an
Inbhirnis.
Rugadh Mr. M'Aoidh ami an Duthaicb Mhic
Aoidb : agus an deigh 'fhbgb.lu.im a chriocbnachadh,
agus cead-searmonachaidh fhaotainn o Chleir Dhor-
naich, thòisich e a mhinistreileacbd mar fhear-
cuideachaidh do'n Ollamh Aon. Mac an Tòisicb
urramach, a bha ann am Baile Dhuthaich. An
ceann dbeich miòsa fhuair e gairm o sgire Chime,
ann an Cataobh, far an do phòsadh e ris an Eaglais
's a' bhliadbua, 1828. Anns an sgire sin shaothraich
e mu sheachd bliadhna deug ; agus dhealaich e fein
agus a cboimhtbional ris an Stàt 's a' bhliadhna,
1843. Bliadhna no dhà an deigh an Dealachaidh,
ghairmeadh e do Inbhirnis leis a' choimhthional
d'an robh Mr. Cooc urramach 'n a mhinisteir re
sheachd no ochd a bhliadhnachaibh. Do'n choimh-
thional sin, a tha sior-dhol am meud, tha esan anis
a' roinn arain na beatha re thr'i bliadhna deug thar
fhichead. Is ebl do mhòran d'ar luchd-leughaidh a
sbaothaire lionmhora air feadh na Gaidhealtachd,
ann an cuideachadh le a bhriiithribh air amaibh
frithealaidh Sàcramaid na Suipeir, agus air
amaibh eile. Cha ruig sinn a leas luaidh a dhean-
amh air nadur a theagaisg, air am bheil na h-uile
co eòlach. Thaisbein a chàirdean — araon 'n a
choimhthional fein, agus air feadh na dùthcha — an
speis dheth fein agus d'a theagasg, le coinncamh
mhòir a chumail an Inbhirnis, aig toiseach a'
Gheamhraidh, aims an robh mu dhà cheud deug pearsa
a làthair, le Dr. Ceanadaidh a' Inbhir-Feodhaireaiu
mar cheann - suidhe ; agus le £852 a thoirt da
mar thiodhlac, chum an deadh-ghean a nochdadh
dha. Tha Dr. M'Aoidh fathast a 1 frithealadh, gun
fhear-cuideachaidh, do'n choimhthional mhòr am
measg an do shaothraich e, a uis, re beatha gineal-
aich.
An t-Urramach Al. Friseil, an Cnoc Miidire.
Na 'n robh e dligheach uaill a dheanamh à sinn-
searachd, bhitheadh aobhar aig Mr. Friseil nach
'eil aig fear a mile air son a dheanamh. Thìiinig e
o shinnsearaibh urramach, a bha comharraichte 'n
an linn mar theachdairibh treuna agus dileas an
t-soisgeil. Bha a shinn-seanair, Mr. Dòmhnull
Friseil, 'n a mhinisteir an toiseach anns a' Chaisteal
Buadh, agus mu dheireadh ann an sgire na Tòis-
eachd. Bha araon a sheanair, agus 'athair — Dr.
Alastair Friseil, agus Mr. Dòmhiiull — 'n am minis-
teiribh ann an sgire Chnuic Mhuire ; agus an sin
chriochnaich iad le cheile an cuairt agus an seirbhis
air thalamh, air dhoibh an ginealach fein a riarach-
adh a reir toil Dhe. Au deigh bais 'athar urramaich,
ghairmeadh Mr. Alastair Friseil gu bhi a' togail an
kite a dh'fhagadh falamh, mar mhinisteir an t-sois-
geil 's an sgire, a bheannuicheadh tri mhinistreil-
eacbd chumhachdaich 'athar agus a sheanar roimhe:
agus feudar gu h-onorach a ràdh m'a thimchioll,
gur esan mac urramach nan sinnsear urramacha.
Pliòsadh e an toiseach ris an Eaglais ann an sgire
Challadair, 's a' bhliadhna, 1828 ; agus an sin
shaothraich e gu dichiollach, agus le taitneas agus
buannachd d'a shluagh, gus an d'atharraicheadh e
gu Cnoc Mhuire, ann an toiseach na bliadhna, 1837.
Mar so tha e cbrr 'us dii fhichead bliadhna a' frith-
ealadh orduighean an t-soisgeil do'n choimhthional
's am bheil e, a nis, air criochnachadh an leth-
cheudamh bliadhna d'a nihinistreileachd. Bha e
comasach, gus o chionn ùine ghèarr, chum uile
dhleasdanasa fhollaisich a dhreuchd a choimhlionadh
as eugmhais fix-cuideachaidh ; agus tha sinn an
dòchas gu-n aisigear a neart, air chor as gu-n dean
e seirbhis car ùine fathast ann an giiradh an Tigh-
earna. M'a sheirbhis aig a' bhaile, agus ann an
diithchaibh cein, cha-n 'eil rùm againn g'a ràdh,
ach gu-n do chuireadh e, an deigh am an Dealach-
aidh, le Ard-Sheanadh na h-Eaglais Saoire, gu
bhi a' fìosrachadh nau ceàrnaidh Gaidhealach de
Chanada, ann an America, agus de Eircann : agus
an deigh sin gu-n do chuireadh e do'n Chrimea
mar mhinisteir nan saighdear Gaidhealach, a bha
anns a' chogadh an aghaidh Ruisia. Coltach ris an
Abstol mhòr, bha e ' ann an turusaibh gu minic,
ann an gàbhadh aimhnichean, ann an cunnartaibh'
de iomadh seòrsa ; ach asda air fada shaor an
Tighearn e ; agus thug E dha seirbhis a dhean-
amh dha fein gus a nis ann am ministreileaclid
an t-soisgeil. Cha-n 'eil teagamh againn nach
b'e oidheirp dhùraehdach a chridhe, anns gach
kite, Criosd a mholadh do dhaoinibh, cha b'ann
le a theagasg fallan a mhàin, ach mar an ceudna
le caithe-beatha, anns na h-uile nithibh, cubhaidh
do'n t-soisgeul. Innsidh an la niòr ciod an toradh
a lean.
Tha càirdean Mhr. Friseil a' taisbeanadh am mbr
speis dha le tiodhlac airgid a thairgseadh dha mar
chomhar air an gràdh agus an deadh-ghean d'a
thaobh ; ach, aig am dhuinn sgviobliadh, clip,
chuala sinn au t-suim.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence